• Là Faicsinneachd nam Pearsa Tar-ghnèitheach

    Tha a’ choimhearsnachd tar-ghnèitheach an-còmhnaidh air a bhith aig tòiseach na strìthe airson còraichean na coimhearsnachd LGDTC+ gu lèir agus ’s e sin an adhbhar a bhios An Gèidheal Ùr a’ cur taice riutha chan ann dìreach an-diugh air Là Faicsinneachd nam Pearsa Tar-ghnèitheach ach a h-uile latha.

  • Sàr-dhibhearsanaiche Paul O’Grady air bàsachadh

    Naidheachd bhrònach mun t-sàr-dhibhearsanaiche Paul O’Grady (Lily Savage).

  • Humza Yousaf gus dùbhlan laghail a thoirt do dh’òrdugh Earrainn 35 Riaghaltas na RA

    Tha Prìomh Mhinistear ùr na h-Alba, Humza Yousaf, air dearbhadh gun toir e dùbhlan dhan bhacadh a chur Riaghaltas na RA air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè san Fhaoilleach.

    Chaidh am bile, a dhèanadh e nas fhasa do dhaoine thar-ghnèitheach teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn, tro Phàrlamaid na h-Alba san Dùbhlachd ach chleachd Westminster Earrann 35 de dh’Achd na h-Alba gus stad a chur air bho bhith a’ faighinn aonta rìoghail.

    B’ e seo a’ chiad turas a-riamh gun deach an earrann seo a chleachdadh bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh.

    Thuirt Yousaf agus e a’ freagairt cheistean Diluain às dèidh dha an rèis a bhith na cheannard ùr air an SNP a bhuannachadh gur e “a’ phrìomh-phrionnsapal” aige dùbhlan a thoirt dhan òrdugh Earrainn 35 sin.

  • BP Iain MacNeacail ag ràdh gum bu chòirear casg a chur air teiripe iompachaidh

    Tha BP Iain MacNeacail air mìneachadh ann am bhideo airson Pink News carson a bu chòir teiripe iompachaidh a bhith air a dhèanamh mì-laghail.

  • Pròis Mhoireibh 2023 air ainmeachadh

    Chaidh ainmeachadh gun tèid Pròis Mhoireibh a chumail 1f Disathairne an 2na latha dhen t-Sultain aig Pàirc nan Granndach ann am Farrais. Cùmaibh sùil air duilleag Facebook Pride in Moray airson barrachd fhiosrachaidh.

  • Casg air lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach

    Tha Word Athletics, buidheann riaghlaidh lùth‑chleasachd na cruinne, air ainmeachadh nach fhaod tar‑bhoireannaich a chaidh tro inbhidheachd mar fhear farpais ann am farpaisean nam ban.

    Cuideachd dh’ainmich iad riaghailt ùr ag iarraidh air lùth‑chleasaichean eadar‑sheòrsach an ìre theisteostaron aca ìsleachadh gu 2.5 nanomoles sa liotair.

    Thèid na riaghailtean ùra a chur an gnìomh 31 Am Màrt ‑ Là Eadar‑nàiseanta Faicsinneachd nam Pearsa Tar‑ghnèitheach.

    A‑rèir nan riaghailtean làithreach faodaidh lùth‑cleasaichean tar‑ghnèitheach is eadar‑sheòrsach farpais ann am farpaisean nam ban cho fhad ’s a chleachdas iad cungaidhean airson an ìre theisteostaron aca ìsleachadh gu 5 nanomoles sa liotair.

    Tha an co‑dhùnadh a’ tighinn as dèidh co‑chomhairleachadh eadar 40 caidreachas lùth‑chleasachd, lùth‑chleasaichean agus buidhnean tar‑ghnèitheach.

    Thuirt Ceann‑suidhe World Athletics, Sebastian Coe, Diardaoin, gun tuirt a’ mhòr‑chuid a dh’fhreagair an co‑chomhairleachadh nach bu chòir do thar‑bhoireannaich a bhith a’ farpais ann am farpaisean nam ban o chionn ’s nach eil fianais gu leòr ann nach eil buannachd a bharrachd aig tar‑bhoireannaich air boireannaich bith‑eòlach.

    Thuirt e gun stèidhich World Athletics buidheann‑obrach gus barrachd rannsachaidh a dhèanamh air a’ chùis.