• Cuairt-litir #3

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Lavender Menace

    Thèid maoineachadh NLHF (Maoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta) luach £148,250 a thoirt do Lavendar Menace, tasg-lann de leabhraichean cuèir ann an Dùn Èideann. Thèid am maoineachadh a chleachdadh gus sreath de thachartasan a chur air dòigh a shoillsicheas an litreachas agus na h-ùghdarran a tha anns a’ chruinneachadh.

    Isla Bryson

    Chuir Àrd Chùirt Dhùn Èideann binn ochd bliadhna sa phrìosan air Isla Bryson an-diugh. ’S e Bryson am prìosanaich tar-ghnèitheach a dh’èignich dithis bhoireannach ann an 2017 agus 2019 nuair a b’ aithne Bryson fhathast mar fhireannach. Thuirt am britheamh am Morair Scott gu bheil cunnart ann gun dèan Bryson eucoir a-rithist agus mar sin gun tèid òrdugh-aireachais trì bliadhna a chur air Bryson an dèidh na h-ùine sa phrìosan.

  • Ceit Fhoirbeis air ràdh nach biodh i air bhòtadh airson pòsadh gèidh

    Chaidh Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, a chàineadh a-raoir as dèidh ràdh nach biodh i air bhòtadh airson pòsadh gèidh a dhèanamh laghail ann an Alba nan robh i sa phàrlamaid aig an àm.

    Tha e air tighinn as dèidh gun do dh’ainmich a Bh-uas Fhoirbeis an-dè gun seas i airson a bhith na Ceannard air Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus na Prìomh-mhinistear na h-Alba.

    Chaidh pòsadh gèidh a dhèanamh laghail ann an 2014 nuair a bhòt Buill Phàrlamaid na h-Alba 105 gu 18 air a shon, ach cha deach a Bh-uas Fhoirbeis a taghadh gu 2016.

    Thuirt a Bh-uas Fhoirbeis ann an iomadh agallamh an-dè gum biodh i air bhòtadh a-rèir teagasgan a’ mhòr-chuid de na phrìomh chreideamhan a tha ag ràdh gur ann eadar fear is bean a th’ ann am pòsadh.

    Chaidh na beachdan aice a chàineadh a-raoir le cuid de na co-obraichean aice san SNP is sgrìobh iad air Twitter nach cuir iad taic ris an iomairt aice a thuilleadh:

  • Pàrlamaid na Fionnlainn air bhòtadh gus laghan aithneachadh gnè ath-leasachadh

    Tha Pàrlamaid na Fionnlainn air gabhail ri achd a dhèanas e nas fhasa do dh’inbhich tar-ghnèitheach an gnè laghail atharrachadh.

    Bhuannaich an achd 113 bhòt gu 69.

    Atharraichidh an achd an lagh a th’ ann an-dràsta a tha a’ toirt air daoine tar-ghnèitheach a bhith air an seasgachadh agus breithneachadh inntinn fhaighinn mus bi iad comasach air teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn.

    Tha an lagh ùr a’ ceadachadh fèin-aithneachadh ach bidh ùine-chnuasachaidh riatanach de 30 latha mus faigh tagraichean aithneachadh oifigeil air an gnè aca.

  • Highland Pride 2023 air ainmeachadh

    Dh’ ainmich eagraichean Highland Pride Dihaoine gun tèid tachartas pròise a chumail Disathairne an 22mh latha dhen t-Iuchar ann an Inbhir Nis.

    Thàinig faisg air 10,000 neach bho air feadh na h-Alba gu Prìomh-bhaile na Gàidhealtachd airson an tachartas mu dheireadh aca san Iuchar 2019, ach cha deach tachartas samhraidh a chumail bhon uair sin mar thoradh air a’ ghalar mòr-sgaoilte COVID-19.

    Thèid an tachartas a chumail le taic bho Maoin Coimhearsnachd a’ Chrannchuir Nàiseanta, ach thathar cuideachd a’ togail airgid air Just Giving agus PayPal.

    Tha an sgioba eagrachaidh cuideachd a’ sireadh taic bho saor-thoilich ’s iad air barrachd fhiosrachaidh mu shaor-thoileachas a cho-roinneadh air an làrach-lìn aca.