• Thèid prìosanaich tar-ghnèitheach aig a bheil eachdraidh de dh’fhòirneart an aghaidh bhoireannaich a chur ann am prìosain fireannach

    Tha Seirbheis Prìosan na h-Alba (SPS) air ainmeachadh gun tèid prìosanaich tar-ghnèitheach aig a bheil eachdraidh de dh’fhòirneart an aghaidh bhoireannaich neo eucoirean feise a chur ann am prìosain fireannach sa chiad dol a-mach gus an tèid measadh cunnairt fa-leth a dhèanamh orra.

    Tha an naidheachd a’ tighinn as dèidh gun do dh’ainmich Nicola Sturgeon seachdain seo chaidh nach fuirich Isla Bryson, a tha na boireannach thar-ghnèitheach, anns a’ phrìosan bhoireannach Cornton Vale.

    Chaidh Bryson a dhìteadh Dimàirt seo chaidh airson dithis bhoireannach èigneachadh ann an 2017 agus 2019 mus do dh’atharraich i a gnè.

    Dh’atharraich Bryson a gnè fhad s’ a bha i a’ feitheamh ris a’ chùis-lagha tòiseachadh.

    Bha i air a cumail an grèim ann an Cornton Vale fhad ‘s a bha i a’ feitheamh ri dìteadh mus deach a gluasad gu HMP Dhùn Èideann Diardaoin.

  • Alba: Tar-bhoireannaich toirmeasgte bho rugbaidh beantainn nam ban

    Dh’ainmich Aonadh Rugbaidh na h-Alba (SRU) Dimàirt gun cur iad casg air boireannaich thar-ghnèitheach bho bhith a’ cluich ann am farpaisean rugbaidh beantainn nam ban.

    Faodaidh fireannaich tar-ghnèitheach fhathast cluich ann am farpaisean fireannach, ach feumaidh an club aca measadh cunnairt a dhèanamh agus an toradh a chur a-steach dhan SRU.

    Thèid am poileasaidh ùr a chur an gnìomh Diciadain 1d latha den Ghearran agus thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air gach bliadhna agus nuair a bhios dàta saidheansail is rannsachadh ùr ri fhaighinn.

  • “Rally for Trans Equality”

    Ma tha sibh gu bhith faisg air Dùn Èideann Diardaoin 19mh den Fhaoilleach, cruinnichidh luchd-iomairt 1.30f taobh a-muigh Queen Elizabeth House gus fianais a thogail an-aghaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson bacadh a chur air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba).

    Ùrachadh (18mh den Fhaoilleach @ 5:55m)

    Mura bhios sibh faisg air Dùn Èideann, bidh togail-fianais 1f aig Castlegate, Obar Dheathain cuideachd.

    Ùrachadh (20mh den Fhaoilleach @ 3:51f)

    Bidh cruinneachaidhean a bharrachd Disathairne 11m aig Buchanan Steps, Glaschu G1 2NG agus 2f Seòmraichean a’ Chathair, 19 City Square, Dùn Dè DD1 3BY.

  • Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air ainmeachadh a-rithist gun cur iad bacadh air teiripe iompachaidh

    Thuirt Michelle Donelan, Ministear airson Cultar, an-diugh gum foillsich an Riaghaltas dreachd reachdais a dh’aithghearr gus bacadh a chur air teiripe iompachaidh ann an Sasainn agus sa Chuimrigh.

    ’S e “teiripe iompachaidh” am facal a thathar a’ cleachdadh mar thuairisgeul air cleachdaidhean sam bith a dh’fheuchas ris an taobhadh feise no an ìomhaigh a thaobh gnè a tha aig neach atharrachadh.

    Chaidh am poileasaidh a mholadh grunn thursan le riaghaltasan Tòraidheach leantainneach, a’ tòiseachadh le riaghaltas Theresa May ann an 2018 ach chaidh ainmeachadh an-uiridh le Boris Johnson nach biodh daoine tar-ghnèitheach air an dìon leis an reachdas.

    Thuirt Donelan an-diugh ge-tà gum bi am bile a’ dìon a h-uile duine.

    Tha seo a’ tighinn as dèidh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ainmeachadh an-dè gun cuireadh iad bacadh air reachdas ùr an Alba a dhèanadh e nas fhasa do dhaoine tar-ghnèitheach teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn.

  • Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus bacadh a chur air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba)

    Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air dearbhadh gun cur iad bacadh air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba).

    Bhòt Pàrlamaid na h-Alba san Dùbhlachd gus am bile a dhèanamh na lagh ach tha Westminster ag ràdh gun cleachd iad Achd na h-Alba Earrann 35 gus stad air a’ bhile bho bhith a’ faighinn Aonta Rìoghail.

    Cha deach Earrann 35 a chleachdadh a-riamh roimhe ach tha Rùnaire Stàite na h-Alba, Alasdair Jack, air ràdh ann am brath-naidheachd gun toir am bile buaidh mhòr air cùisean co-cheangailte ri co-ionannachd ann an Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh.

    Thuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe ge-tà nach toireadh am bile buaidh sam bith air Achd na Co-ionannachd 2010 air sgàth ’s nach eil e a’ toirt còirichean sam bith a bharrachd do dhaoine tar-ghnèitheach na tha aca mar-thà.

    Barrachd ri leantainn.

  • Draghan air Rishi Sunak mun bhuaidh ath-leasachaidhean gnè

    Tha Rishi Sunak air ràdh gu bheil dragh air mun bhuaidh a bheireadh ath-leasachaidhean gnè ùra ann an Alba air a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

    Thuirt am Prìomhaire gu bheil Riaghaltas an RA a’ leantainn an cleachdadh àbhaisteach le bhith a’ gabhail comhairle mun a’ bhuaidh.

    Cha do dhearbh e ge-tà nan cuireadh Westminster bacadh air an reachdas.