Cùis-lagha Bile an Aithneachaidh Ghnè

, , , ,

Thèid Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann an t-seachdain seo gus cùis Bile an Aithneachaidh Ghnè a dheasbad.

Chur Pàrlamaid na h-Alba taic ris a’ bhile san Dùbhlachd, ach chleachd Rùnaire na Stàite airson Alba, Alistair Jack, na cumhachdan aige fo Earrann 35 de dh’Achd na h-Alba gus stad a chur air a’ bhile mus deach a shoidhnigeadh ’na lagh.

B’ e seo a’ chiad thuras gun deach an cumhachd seo a chleachdadh o chaidh Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh ann an 1999.

Aig an àm thuirt Jack gun toireadh am bile buaidh air obrachadh Achd na Co-ionnannachd 2010, a mhìnicheas, am-measg rudan eile, mar a dh’obraicheas teisteanasan aithneachadh gnè (GRC) air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

’S e adhbhar GRC an gnè a ghabh neach tar-ghnèitheach a chlàradh air sgrìobhainnean oifigeil a-leithid teisteanasan-breithe, teisteanasan-pòsaidh agus teisteanasan-bàis.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e adhbhar am bile am pròiseas gus GRC fhaighinn a dhèanamh nas sìmplidhe agus nach toireadh seo buaidh air mar a dh’obraicheas iad air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Fon lagh làithreach, ma tha neach tar-ghnèitheach ag iarraidh GRC, feumaidh iad sgrùdadh dhotair gus dearbhadh gu bheil neo-shàstachd gnè (gender dysphoria) orra, feumaidh iad a bhith beò anns an gnè a ghabh iad fad dà bhliadhna agus an uair sin nì Pannal Aithneachaidh Gnè sgrùdadh air an fhianais gus co-dhùnadh ma tha iad ion-róghnach air GRC.

Atharraicheadh am bile Achd Aithneachadh Gnè 2004 gus:

  • an riatanas airson sgrùdadh dhotair a thoirt air falbh;
  • am Pannal Aithneachaidh Gnè a thoirt air falbh bhon phròiseas. Thèid iarrtasan a chur gu Àrd Neach-clàraidh na h-Alba;
  • an ùine a dh’fheumas tagraichean a bhith beò sa ghnè a ghabh iad a lùghdachadh bho dhà bhliadhna gu 3 mìosan;
  • ùine-chnuasachaidh riatanach de 3 mìosan a thoirt a-steach;
  • an aois as lugha do thagraichean a lùghdachadh bho 18 gu 16.

Tha cuid air argamaid gum faodadh na h-atharrachaidhean seo a dhèanamh nas fhasa do dh’fhireannaich brath a thoirt air boireannaich ann an taighean-beaga no seòmraichean-èididh, ach fo lagh co-ionnannachd na RA, chan fheumar GRC gus goireasan den leithid a chleachdadh.

Tha dùil gun dèan Riaghaltas na h-Alba argamaid leis nach eil am bile ag atharrachadh mar a dh’obraicheas teisteanasan aithneachadh gnè, ach am pròiseas gus GRC fhaighinn, nach robh adhbhar reusanta aig Jack na cumhachdan Earrainn 35 aige a chleachdadh gus stad a chur air.

Tòisichidh an èisteachd 10m gach latha 19mh-21d den t-Sultain ’s thèid a bheò-chraoladh air loidhne air làrach-lìn na cùirte.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach