• Eileanan Breatannach na Maighdinn gus reifreann a chumail air pòsadh aon-sheòrsach

    Cumaidh Eileanan Breatannach na Maighdinn reifreann gus co-dhùnadh nam bu chòirear pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail.

    Tha e air tighinn as dèidh gun deach dùbhlan laghail a thogail an aghaidh na Riaghaltais le càraid aon-sheòrsach a tha ag iarraidh aithneachadh laghail air an aonadh aca.

    An dràsta tha an lagh ag ràdh nach fhaod ach boireannach agus fireannach a phòsadh.

    Cha deach ceann-latha an reifreinn a thaghadh fhathast.

  • Buill-phàrlamaid na Spàinne air bhòtadh gus fèin-aithneachadh a cheadachadh

    Tha Buill-phàrlamaid na Spàinne air bhòtadh airson fèin-aithneachadh laghail a cheadachadh san dùthaich.

    Bhòt Buill-phàrlamaid 188-150 airson gabhail ris a’ bhile, agus cha do bhòt seachdnar.

    Tha e a’ ciallachadh gum bi neach sam bith nas sìne na 16 bliadhna a dh’aois comasach air an gnè laghail aca atharrachadh gun a bhith a’ toirt seachad fianais-leigheis.

    An uair sin bidh aig tagraichean ris an t-iarrtas aca a dhearbhadh trì mìosan às deidh dhaibh an tagradh aca a chur a-steach mus tèid an t-atharrachadh a dhèanamh dligheach.

    Feumaidh an t-Seanadh aontachadh ri fhathast, ach thathar an dùil gun tèid a dhèanamh na lagh an ceann grunn sheachdainnean.

  • Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) troimhe

    Bhòt Pàrlamaid na h-Alba an-diugh airson Achd Aithneachadh Gnè ath-leasachadh gus a dhèanamh nas fhasa do dhaoine tar-ghnèitheach an gnè laghail aca atharrachadh.

    Bhòt Buill-phàrlamaid 86-39 airson gabhail ris a’ bhile.

    Thathar an dùil a-nis gun tèid an lagh atharrachadh an ath-bhliadhna gus nach bi aig tagraichean ri fhianais-leigheis a thoirt seachad gus teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn.

    Cuideachd thèid an aois as lugha do thagraichean a lùghdachadh bho 18 gu 16 is an ùine a dh’fheumas tagraichean a bhith beò sa ghnè a ghabh iad a lùghdachadh bho dhà bhliadhna gu trì mìosan no sia mìosan ma tha an tagraiche 16 no 17.

  • Faclair.lgbt

    Chaidh Faclair nan Gèidheal ùrachadh le URL ùr snasail (https://faclair.lgbt/) agus faodar a rannsachadh a-nis! Tha e fhathast ri lorg air làrach-lìn a’ Ghèidheil Ùire cuideachd.

  • Àrd-chùirt na Barbadoise air feis ghèidh a dhì-eucoireachadh

    Tha Àrd-chùirt na Barbadoise air co-dhùnadh gu bheil e neo-bhun-reachdail feis ghèidh eucoireachadh.

    Dh’ainmich Àrd-neach-tagraidh na Barbadoise, Dale Marshall, Dimàirt gun do riaghail am Britheamh, Michelle Weekes, gu bheil Earrannan 9 agus 12 dhen Achd Eucoirean Feise neo-bhun-reachdail agus nach ghabh duine sam bith a dhìteadh tuilleadh airson eucoirean co-cheangailte ri feis ghèidh cho-aontachail.

    Ron a sheo, dh’fhaodadh binn priosan fad beatha a chur air duine sam bith a chaidh a dhìteadh.

    Tha a’ cho-dhùnadh seo a’ leantainn air riaghlaidhean dhen aon t-seòrsa ann an Aintìoga agus Naomh Crìstean is Nibheis na bu tràithe am-bliadhna.

  • Joe Biden air reachdas a shoidhnigeadh a ghlèidheas pòsaidhean aon-sheòrsach ann an lagh feadarail

    Tha Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Joe Biden, air reachdas a shoidhnigeadh a ghlèidheas pòsaidhean aon-sheòrsach ann an lagh feadarail.

    Glèidhidh an reachdas, air a bheil an t-ainm Respect for Marriage Act, pòsaidhean ioma-chinnidheach cuideachd.

    Tha dragh air a bhith a’ fàs anns na Stàitean Aonaichte gun cur a’ Phrìomh‑chùirt car dhen a’ cho-dhùnadh 2015 aca a rinn pòsadh aon-sheòrsach laghail.

    Ma thachras sin, bidh gach stàit fa leth comasach air reachdas pòsaidh a chur an gnìomh agus dh’fhaodadh iad cead pòsaidh a dhiùltadh do chàraidean aon-sheòrsach taobh a-staigh an stàit aca fhèin.

    Fon reachdas seo ge-tà, feumaidh an Riaghaltas Feadaraileach, a h-uile stàit agus ranntairean a tha nam phàirt de na Stàitean Aonaichte pòsaidhean aon-sheòrsach agus ioma-chinnidheach aithneachadh ma tha iad dligheach ann am pàirt eile de na Stàitean.