• Seanadh nan S.A. air bhòtadh gus pòsadh aon‑sheòrsach a ghlèidheadh ann an lagh feadarail

    Tha Seanadh nan Stàitean Aonaichte air bhòtadh gus pòsaidhean aon‑sheòrsach agus ioma‑chinnidheach a ghlèidheadh ann an lagh feadarail.

    Bhòt seanadairean 61 gu 36 airson gabhail ris a’ bhile dhà‑phàrtaidh.

    Cuiridh am bile “Respect for Marriage” car dhen lagh feadarail 1996, “Defense of Marriage Act”, a mhìnich pòsadh mar aonadh eadar fear agus bean.

    Chaidh pòsadh aon‑sheòrsach a dhèanamh laghail anns na Stàitean Aonaichte ann an 2015 nuair a riaghail a’ Phrìomh‑chùirt gun robh am mìneachadh seo neo‑reachdail.

    San Ògmhios am bliadhna, chuir a’ Phrìomh‑chùirt car dhen a’ chùis‑lagha 1973, Roe v. Wade, a rinn casg‑breith laghail air feadh nan Stàitean Aonaichte agus bha dragh air a bhith a’ fàs gun cuireadh iad car dhen co‑dhùnadh 2015 cuideachd.

    Ma thachras sin, bidh gach stàit fa leth comasach air reachdas pòsaidh a chur an gnìomh agus ged a bhios e riatanach fon bhile seo gun aithnich iad pòsaidhean dligheach bho stàitean eile dh’fhaodadh iad cead pòsaidh a dhiùltadh do chàraidean aon-sheòrsach taobh a-staigh an stàit aca fhèin.

    Feumaidh Taigh nan Riochdairean bhòtadh air a’ bhile a‑nis. Ma ghabhas iad rithe, mar a thathar an dùil, thèid i an uair sin gu Ceann‑suidhe Biden airson soidhnigeadh na lagh.

  • Pàrlamaid na Ruise air bhòtadh gu h‑aona‑ghuthach airson bile a leudaicheas an casg a th’ air “propaganda LGDT”

    Tha Buill an Duma, a’ chiad taigh aig Pàrlamaid na Ruise, air bhòtadh gu h‑aona‑ghuthach airson bile a leudaicheas an casg a th’ air “propaganda LGDT”.

    Tha e mì‑làghail mar thà co‑sheòrsachd a bhrosnachadh do chloinne ach fon casg leudaichte dh’ fhaodadh tachartas no gnìomhachd sam bith a bhrosnaicheas co‑sheòrsachd do dhaoine de dh’aois sam bith càin mhòr a tharraing.

    Chan eil e gu diofar ma tha e air loidhne, anns na meadhanan no ma s’ e tachartas an fhìor‑shaoghal a th’ ann.

    Dh’fhaodadh càin suas ri 400,000 rùbal a bhith air daoine no 5m rùbal air buidhnean laghail agus dh’fhaodadh coigrich binn phrìosain 15 latha fhaighinn mus tèid an cur a‑mach às an dùthaich.

    Feumaidh am bile a‑nis dol gu àrd‑thaigh na pàrlamaid airson ath‑sgrùdadh agus feumar a shoidhneachadh le Vladimir Putin as dèidh sin mus tèid a dhèanamh na lagh.

  • Fear à Inbhir Pheofharain air nochdadh sa chùirt fo chasaid giùlan dhroch‑dhìolach

    Tha fear à Inbhir Pheofharain air nochdadh ann an Cùirt an t‑Siorraim ann an Inbhir Nis fo chasaid gun do thug e iomradh air oifigearan‑poilis le cainnt a bha ri gràin co‑sheòrsachd agus gun do thilg e smugaid orra.

    Dh’aidich Cornelius Stevenson, 35, casaid de ghiùlan dhroch‑dhìolach agus dà chasaid ionnsaigh nuair a nochd e.

    Chuala an cùirt gun deach am Poileas a ghairm gu aimhreit aig seòladh air Sràid nan Innseachan anns an robh Mgr Stevenson an sàs.

    Chaidh a thoirt às an togalach ach bha e air mhisg agus thuit e air Sràid nan Granndach.

    Bha na h‑oifigearan a’ feuchainn ris a chuideachadh nuair a thòisich e droch‑bheul a bha ri gràin co‑sheòrsachd ag eigheach orra.

    Chaidh a ghluasad dhan stéisean‑poilis air Rathad Burnett far an dh’fhuair e leigheas meadaigeach ach thòisich e a’ tilgeil smugaid air na h‑oifigearan.

    Chur an Siorram Sara Matheson dàil air a bhith a’ cur binn air gus an tèid aithisgean ullachadh.

  • Sgioba ball‑coise na Gearmailte a’ seasamh airson còirichean LGDT+

    Chòmhdaich cluicheadairean sgioba ball‑coise na Gearmailte am beòil fhad ’s a bha iad a’ togail dealbh ro thoiseach an geama aca an aghaidh Iapan Diciadain.

    Thuirt manaidsear na sgioba, Hansi Flick, gun robh iad airson an teachdaireachd gu bheil FIFA gan cur nan tost a sgaoileadh.

    Dh’fhoillsich Chomainn Ball‑coise Shasainn, na Cuimrigh, na Beilge, na Danmhairge, na Gearmailte, na h-Òlainde agus na h-Eilbheise co‑aithris Diluain anns an tuirt iad gun robh “FIFA air a bhith gu math soilleir gun cur iad smachd‑bhannan spòrs an sàs ma bhios na caipteanan [aca] a’ cur na bannan‑gàirdein orra air an raon‑cluiche.”

    Thuirt iad gum biodh iad deònach càintean a phàigheadh airson na riaghailtean a bhriseadh iad ach nach b’ urrainn dhaibh na cluicheadairean aca a chur ann an suidheachaidhean far am faigheadh iad cairt bhuidhe no cairt dhearg.

  • Cha chur cluicheadairean Shasainn is na Cuimrigh bannan‑gàirdein OneLove orra ann an Qatar

    Tha sgiobaidhean ball‑coise Shasainn is na Cuimrigh air dearbhadh nach bi iad a’ cur bannan‑gàirdein OneLove orra nuair a bhios iad a’ cluich ann an Qatar.

    Bha Harry Kane à Sasainn agus Gareth Bale às a’ Chuimrigh am measg chluicheadairean bho ghrunn sgiobaidhean nàiseanta a bha gu bhith a’ cur air na bannan‑gàirdein gus dlùth‑phàirteachas a nochdadh leis a’ choimhearsnachd LGDT+.

    Ann an co‑aithris thuirt Chomainn Ball‑coise Shasainn, na Cuimrigh, na Beilge, na Danmhairge, na Gearmailte, na h-Òlainde agus na h-Eilbheise gu bheil “FIFA air a bhith gu math soilleir gun cur iad smachd‑bhannan spòrs an sàs ma bhios na caipteanan againn a’ cur na bannan‑gàirdein orra air an raon‑cluiche.”

    Thuirt iad cuideachd gum biodh iad deònach càintean a phàigheadh airson na riaghailtean a bhriseadh, ach nach b’ urrainn dhaibh na cluicheadairean aca a chur ann an suidheachaidhean far am faigheadh iad cairt bhuidhe no cairt dhearg.

  • Lìonra ùr ann do dh’Albannaich LGDTC+ nas sìne na 50

    Tha Age Scotland air lìonra ùr a chur air bhog do dh’Albannaich LGDTC+ a tha nas sìne na 50 bliadhna a dh’aois.

    Chaidh Older People’s LGBTQ+ Network a chur air bhog Diciadain aig tachartas ann an Dùn Èideann.

    Ann am brath‑naidheachd thuirt iad gu bheil an lìonra na àite eadar‑mheasgte do dhaoine LGBTC+ nas sìne a bhith a’ co‑roinneadh eòlas, a’ soillseachadh na feumalachdan aca, a’ cur aghaidh air neo‑ionannachd agus a’ toirt gu buil atharrachadh.

    Cuideachd thuirt iad gu bheil iad ag obair còmhla ri Riaghaltas na h‑Alba mar thà gus dèanamh cinnteach gum bi reachdas a bhios a’ toirt buaidh air daoine nas sìne a’ gabhail a‑steach daoine LGBTC+ nas sìne.