• Bile Ath‑leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) air aontachadh le Pàrlamaid na h‑Alba

    Fhuair Bile Ath‑leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) aonta aig Ìre 1 an‑diugh agus tha am bile a‑nis air gluasad air adhart gu Ìre 2.

    Bhòt 88 BPAan air a shon, 33 na aghaidh agus cha do bhòt ceathrar.

  • Ash Regan air a dreuchd fhàgail

    Tha Ash Regan air an dreuchd mar Ministear airson Sàbhailteachd Coimhearsnachd fhàgail air thoiseach air a’ bhòt Pàrlamaid na h‑Alba an‑diugh air Bile Ath‑leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba).

    Ann an litir gu Nicola Sturgeon thuirt i nach leigeadh a cogais leatha bhòtadh airson a bhile.

    Chaidh ainmeachadh an‑dé gum faodar ceuman smachdachaidh a ghabhail an aghaidh BPA SNP sam bith nach bhòtas air a shon.

  • James Cleverly ga chàineadh airson ràdh gum bu chòir do luchd‑taice ball‑coise LGDT+ urram a thoirt do chultar Qatar

    Chaidh James Cleverly, Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, a chàineadh an‑diugh airson ràdh air Radio LBC agus Sky News gum bu chòir do luchd‑taice LGDT+ a bhios a’ dol gu Cupa na Cruinne ann an Qatar “urram a thoirt dhan nàisean”.

    Tha e air tighinn as dèidh gun deach Peter Tatchell, neach‑iomairt airson còraichean LGDT+, a chur an grèim an‑dè airson togail fianais an‑aghaidh laghan san dùthaich a tha ga dhèanamh co-sheòrsachd mì‑laghail.

    Dhearbh Cleverly cuideachd ri Radio LBC nach robh e air bruidhinn ri Riaghaltas Qatar mu na thachair ri Mgr Tatchell an‑dè.

  • Post gràin ga chur gu Zander Murray

    Tha an cluicheadair ball‑coise Albannach, Zander Murray, air ràdh gu bheil e air post gràin fhaighinn on a thàinig e a‑mach mar ghèidh san t‑Sultain.

    Ann an brath Twitter, sgrìobh Murray a bhios a’ cluich airson Gala Fairydean Rovers gu bheil e coma mu dheidhinn trobhaichean air na meadhanan sòisealta ach gu bheil cuid a’ cur post gràin dha aig a’ chlub aige.

    Thuirt e gu bheil e air grunn bhileagan gràineil fhaighinn agus nam measg bha aon leis an tiotal “Homosexuality in light of the Bible”.

  • Peter Tatchell ga chur an grèim

    Chaidh an neach‑iomairt LGDTC+ Peter Tatchell a chur an grèim an‑diugh ann an Doha, Qatar.

    Bha Tatchell, 70, ag iomairt airson còraichean LGDTC+ air thoiseach air Cupa na Cruinne a thèid a chumail san dùthaich eadar 20mh An t‑Samhain agus 18mh An Dùbhlachd.

    Tha co‑sheòrsachd mì‑laghail san dùthaich agus faodar a pheanasachadh le binn phrìosain 3 bliadhna no binn‑bhàis fo laghan Sharia.

    Thuirt Am Fonndas Peter Tatchell nach eil fios aca an‑dràsta far a bheil Mgr Tatchell, agus gu bheil iad ag obair gus a shaoradh.

  • Pàrtaidh Uaine na h-Alba airson a’ cheangal eadarra agus Pàrtaidh Uaine Shasainn is na Cuimrigh a sgaradh

    Tha Pàrtaidh Uaine na h‑Alba air bhòtadh gus a’ cheangal eadarra agus Pàrtaidh Uaine Shasainn is na Cuimrigh a sgaradh air sgàth draghan mu oillt thar‑ghnèitheach.

    Bhòt luchd‑ionaid a bh’ aig co‑labhairt fhoghair a’ phàrtaidh gu h‑aona‑ghuthach airson gluasad, a chaidh a chur air adhart le Beth Douglas, gus teachdaireachd shamhlachail a chur dha na co‑leithidean aca mu dheas mu chòraichean tar‑ghnèitheach.

    Thuirt Guy Ingerson, a bha na thagraiche airson Comhairle Cathair Obar Dheathain, gun tèid stad a chur air buill pàrtaidh Shasainn is na Cuimrigh bho bhith a’ bruidhinn aig coinneamhan is tachartasan Albannach gus an dèilig iad ris na droch chùisean seo.

    Dhearbh e ge‑tà, nach tèid stad a chur air buidhnean co‑cheangailte, a‑leithid buidhnean òigridh is buidhnean LGDT bho bhith a’ co‑obrachadh.