• Ceann‑latha air ainmeachadh airson deasbad air Bile Ath‑leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba)

    Chaidh a dhearbhadh an‑diugh gun tèid Bile Ath‑leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) a dheasbad ann am Pàrlamaid na h‑Alba Diardaoin 27 An Dàmhair.

    Atharraichidh am bile Achd Aithneachadh Gnè 2004 a th’ ann an‑dràsta gus a dhèanamh nas fhasa do phearsachan a tha ag iarraidh Teisteanas Aithneachadh Gnè.

    Nuair a gheibh neach tar‑ghnèitheach Teisteanas, tha e a’ ciallachadh gu bheilear gan aithneachadh gu laghail sa ghnè a ghabh iad agus gum faod iad teisteanas‑breithe ùr fhaighinn leis a’ ghnè sin air.

    Tha am bile a’ moladh na h‑atharrachaidhean na leanas:

    • an riatanas mu fhianais‑leigheis a thoirt air falbh;
    • am Pannal Aithneachaidh Gnè a thoirt air falbh bhon phròiseas. Thèid iarrtasan a cur na àite gu Àrd‑neach‑clàraidh na h‑Alba;
    • an ùine a dh’fheumas tagraichean mairsinn sa ghnè a ghabh iad bho dhà bhliadhna gu 3 mìosan;
    • ùine‑chnuasachaidh riatanach de 3 mìosan a thoirt a‑steach; an aois as lugha do thagraichean a lùghdachadh bho 18 gu 16;
    • agus uallach ùr a chur air an Àrd‑neach‑chlàraidh aithisg a thoirt gach bliadhna mu àireamh nan tagraichean airson nan Teisteanasan agus an àireamh a bhuilichear.
  • Dithis fo chasaid ionnsaigh gràin co‑sheòrsachd an Inbhir Nis

    Tha dthis neach-obrach an airm air nochdadh ann an Cùirt an t‑Siorraim an Inbhir Nis fo chasaid gun tug iad ionnsaigh gràin co‑sheòrsachd air fireannach ann am Meadhan Inbhir Nis san Dùbhlachd.

    Dh’aidich Thomas Howells, 19, agus Ian Mulroy, 19, casaidean de leòn air adhbharachadh le dochainn agus giùlan bagairteach is droch‑dhìolach.

    Chuala a’ Chùirt gun tuirt Howells gun robh am fulangaiche na “f****t” agus na “p**f” mus do bhuail Mulroy e mu a cheann grunn thursan agus nuair a thuit an neach‑fulaing, gun do bhreab Mulroy e mu a bhodhaig uair ’s uair.

    Chuir an Siorram, Gary Aitken, dàil air a bhith a’ cur binn air an fhireannach dithis gus an tèid aithisgean ullachadh ach thug e rabhadh gum faodar binn prìosain a chur orra o chionn ’s gun deach an ionnsaigh adhbharachadh le taobhadh‑feise an fhulangaiche.

    Chaidh na fireannaich an saoradh air urras san eadar‑àm.

  • Cùba air bhòtadh gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail

    Tha Cùbaich air bhòtadh airson pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail san dùthaich.

    Bhòt mu dhà thrian dhen t-sluagh airson ath-leasachaidhean a bhios cuideachd a’ leigeil le càraidean aon-sheòrsach clann uchd-mhacachadh, ag ath-sònrachadh còraichean chloinne agus a’ ceadachadh leatromachdan-ionaid.

  • Zander Murray air tighinn a-mach

    Tha Zander Murray, adhartaiche airson Gala Fairydean Rovers, air ainmeachadh gu bheil e gèidh.

    ’S e a’ chiad chluicheadair ball-coise proifeiseanta Albannach a tha air tighinn a-mach gu poblach.

    Thuirt Murray ann an agallamh air làrach-lìn na sgioba gu bheil e airson cluicheadairean gèidh eile a tha a’ strì ri bhith gèidh a chuideachadh.

    Tha e a’ leantainn Jake Daniels, adhartaiche airson Blackpool, a thàinig a-mach sa Chèitean, ga dhèanamh na chiad chluicheadair ball-coise proifeiseanta Sasannach gus tighinn a-mach o chionn Justin Fashanu ann an 1990.

  • Liz Truss a’ lorg dòigh gus ’stad no casg’ a chur air planaichean Riaghaltas na h-Alba Achd Aithneachadh Gnè ath-leasachadh

    Thathar ag aithris gu bheil Am Prìomhaire, Liz Truss, a’ lorg dòigh stad a chur air planaichean Riaghaltas na h‑Alba Achd Aithneachadh Gnè ath‑leasachadh.

    A‑rèir dithis neach‑fiosrachaidh neo‑ainmichte anns an riaghaltas a bhruidhinn ri Vice News, dh’iarr Truss air luchd‑lagha a cuideachadh gus “stad no casg” a chur air na h‑ath‑leasachaidhean.

    A‑measg nan ath‑leasachaidhean, tha Riaghaltas na h‑Alba airson a dhèanamh nas fhasa do phearsachan thar‑ghnèitheach an gnè laghail aca atharrachadh le bhith a’ ceadachadh fèin‑aidmheil.

    Thathar ag aithris gu bheil dragh air Truss nan tèid na h‑ath‑leasachaidhean air adhart gun siubhail pearsachan tar‑ghnèitheach ann am pàirtean eile den RA a dh’Alba gus teisteanas aithneachadh gnè fhaighinn.

    Faodar barrachd leughadh mun sgeulachd seo air làrach‑lìn Vice: Liz Truss Is Trying to Block Scotland’s Trans Reforms

  • A’ Chuimrigh: Tar-bhoireannaich toirmeasgte bho rugbaidh nam ban

    Tha Aonadh Rugbaidh na Cuimrigh (WRU) air casg a chur air tar-bhoireannaich bho bhith a’ cluich rugbaidh nam ban.

    Chaidh am poileasaidh atharrachadh gun dàil as dèidh bhòt Diciadain.

    Tha an stiùireadh ùr aca ag ràdh nach fhaod ach boireannaich le dearbh-aithne gnè a tha co-ionann ris an gnè a chaidh a bhuileachadh orra nuair a rugadh iad cluich airson sgioba boireannach.

    Tha seo air tighinn as dèidh gun do chur Aonadh Rugbaidh Shasainn (RFU) agus Aonadh Rugbaidh na h-Èireann (IRFU) casg air tar-bhoireannaich.

    Tha tar-bhoireannaich cuideachd air a bhith toirmeasgte bho bhith a’ cluich gu h-eadar-nàiseanta bho chionn 2020.

    Chan eil Aonadh Rugbaidh na h-Alba air co-dhùnadh a dhèanamh air a’ chùis fhathast.