• Buidheann feimineach Earra-Ghàidheal a’ càineadh tachartas draga Pròis Òbain

    Tha buidheann feimineach ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd a’ càineadh a’ cho-dhùnaidh gus tachartas “Drag Queen Story Hour” a chumail mar phàirt Pròis Òbain na bliadhna seo.

    Tha a’ bhuidheann “Argyll and Bute Scottish Feminists” ag ràdh gu bheil an tachartas, anns a bhios bànrighrean draga a’ leughadh sgeulachdan do chlann, mì-iomchaidh do chlann.

    Thuirt iad gu bheil tachartasan draga gu tric feiseil, claon-bhreitheach an-aghaidh boireannaich agus oilbheumach ri mòran agus dh’iarr iad air a’ chomhairle an co-dhùnadh atharrachadh.

    Thurt Neach-labhairt a’ Chomhairle nach e iadsan a bhios a’ cur Pròis Òbain air dòigh agus gu bheil a’ Chomhairle “a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh co-ionannachd, iomadachd agus ion-ghabhalachd ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd agus mar sin a’ cur taic ri amasan Pròis Òbain”.

  • Eilean Mhanainn: Gairm airson riaghailt “àrsaidh” a bhios a’ toirmeasg fireannaich gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala atharrachadh

    Tha an cleasaiche Mhanainneach, Joe Locke, air gairm airson an riaghailt “àrsaidh” a bhios a’ toirmeasg fireannaich gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala atharrachadh.

    Bha Locke, a bhios a’ nochdadh san t-sreath Netflix mòr-chòrdte Heartstopper, a’ bruidhinn ann an teachdaireachd bhideo aig Pròis Eilean Mhanainn Disathairne.

    Ann an Eilean Mhanainn, tha fireannaich gèidh toirmeasgte bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri feise le fireannach eile anns am bliadhna mu dheireadh.

    Ann an Alba, agus an còrr dhan Rìoghachd Aonaichte, tha fireannaich toirmeasgte bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri feise thòineach le cèile ùr anns na trì mìosan mu dheireadh.

  • Èirinn: Tar-bhoireannaich toirmeasgte bho rugbaidh nam ban

    Tha Aonadh Rugbaidh na h-Èireann (IRFU) air casg a chur air tar-bhoireannaich bho bhith a’ cluich rugbaidh nam ban.

    Bidh tar-fhireannaich fhathast comasach air cluich airson sgiobaidhean fireannach ach feumar cead sgrìobhte agus measadh cunnairt mus cluich iad.

    Tha seo a’ tighinn as dèidh gun do chur Aonadh Rugbaidh Shasainn (RFU) casg air tar-bhoireannaich am mìos seo chaidh.

    Tha tar-bhoireannaich cuideachd air a bhith toirmeasgte bho bhith a’ cluich gu h-eadar-nàiseanta bho chionn 2020.