• Riaghailtean nas fhosgailte a thaobh fala a thoirt seachad an Èirinn

    Tha Seirbheis Fala na h-Èireann air na riaghailtean a thaobh fala a thoirt seachad atharrachadh.

    Bho 28 Am Màrt bidh fireannaich gèidh is dà-sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad as dèidh ceithir mìosan gun a bhith ri feise le fireannach eile an àite a bhith a’ feitheamh bliadhna gu lèir.

    Thathar an dùil gun tèid na riaghailtean atharrachadh a-rithist nas fhaide den bhliadhna gus an dàil a chur às gu tur agus measadh a dhèanamh air gach tabhartaiche fa leth gus faighinn a-mach ma tha iad comasach air fuil a thoirt seachad.

  • Co-chomhairleachadh air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba)

    Tha Comataidh Co-ionannachd, Chòirichean Daonna agus Ceartais Chatharra (EHRCJ) airson do chuid bheachdan air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) a chluinntinn.

    Atharraichidh Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) Achd Aithneachadh Gnè 2004 a th’ ann an-dràsta gus slatan-tomhais ùra a thoirt a-steach airson daoine a tha ag iarraidh Teisteanas Aithneachadh Gnè.

    Nuair a gheibh neach tar-ghnèitheach Teisteanas, tha e a’ ciallachadh gu bheilear gan aithneachadh gu laghail sa ghnè a ghabh iad agus gum faod iad teisteanas-breithe ùr fhaighinn leis a’ ghnè sin air.

    Tha e fa-near dhan Bhile:

    • An riatanas mu fhianais-leigheis a thoirt air falbh
    • Am Pannal Aithneachaidh Gnè a thoirt air falbh bhon phròiseas. Thèid iarrtasan a cur na àite gu Àrd-neach-clàraidh na h-Alba.
    • An ùine a dh’fheumas tagraichean mairsinn sa ghnè a ghabh iad bho dhà bhliadhna gu 3 mìosan
    • Ùine-chnuasachaidh riatanach de 3 mìosan a thoirt a-steach
    • An aois as lugha do thagraichean a lùghdachadh bho 18 gu 16
    • Uallach ùr a chur air an Àrd-neach-chlàraidh aithisg a thoirt gach bliadhna mu àireamh nan tagraichean airson nan Teisteanasan agus an àireamh a bhuilichear.

    Nam bu toigh leat pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh, thèid iarraidh ort, an dara cuid:

    Suirbhidh ghoirid mu phrionnsapalan coitcheann a’ Bhile a lìonadh a-steach
    Do bheachdan mionaideach air ullachaidhean sònraichte a’ Bhile a nochdadh;
    ach cha leig thu leas freagairt a thoirt air gach pàirt den cho-chomhairleachadh, no na ceistean air fad.

    Bidh an co-chomhairleachadh a’ dol eadar 21 Am Màrt agus 13 An Cèitean agus tha barrachd fhiosrachaidh ri fhaighinn anns a’ Ghàidhlig no a’ Bheurla an-seo.

  • Cuairt-litir #1

    Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

    Liz Truss

    Ann an òraid do Cho-labhairt a’ Phàrtaidh Tòraidheach ann am Blackpool Disathairne, thuirt Liz Truss, Ministear airson Boireannaich agus Co-ionannachd, gum bu chòir dhan chogadh ann an Ucràin crìoch a chur air deasbadan “gòrach” mu dheidhinn riochdairean.

    Banachdach HIV

    Tha deuchainnean clionaigeach air trì banachdaichean HIV air tòiseachadh anns na Stàitean Aonaichte.

    Chaidh na banachdaichean a leasachadh le Moderna agus tha iad stèidhichte air an teicneòlas mRNA a chleachd iad airson a’ bhanachdach COVID-19 aca.

  • Fèise-pròise na Gàidhealtachd 2022 ga ainmeachadh

    Tha Highland Pride air ainmeachadh ann am post air an làrach-lìn aca gun tèid tachartas pròise na bliadhna seo a chumail Disathairne 11mh latha dhen Ògmhios.

    Bha tachartasan ann an 2020 agus 2021 air an cur dheth ri linn a’ choròna-bhìoras.

    Dh’ainmich iad cuideachd gu bheil iad air maoineachadh de £10,000 a ghlacadh bhon Chrannchur Nàiseanta airson an tachartas a chur air dòigh.

  • Buill-phàrlamaid Chosobho air reachdas a dhèanadh pòsadh aon-sheòrsach laghail a dhiùltadh

    Tha Buill-phàrlamaid Chosobho air bhòtadh gun a bhith a’ dèanamh pòsaidh aon-sheòrsach laghail san dùthaich.

    Nan robh iad air gabhail ris an reachdas, bhiodh Cosobho a’ chiad dhùthaich Mhuslamach san t-saoghal gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail.

    Ach bhòt dìreach 23% de Bhuill-phàrlamaid air a shon.

  • Thèid gnè bith-eòlasach a shònrachadh do phearsachan neo-bhìnearaidh ann an Cunntas-sluaigh na h-Èireann

    Tha Príomh-Oifig Staidrimh na hÉireann (CSO) air dearbhadh gun tèid gnè bith-eòlasach a shònrachadh do phearsachan neo-bhìnearaidh ann an Cunntas-sluaigh na h-Èireann am bliadhna.

    A-rèir reachdas an Aonaidh Eòrpach feumaidh an cunntas-sluaigh faighneachd mun gnè bith-eòlasach a th’ aig neach agus feumaidh an taghadh a bhith eadar boireannach no fireannach.

    Cha bhi cunntas-sluaigh na bliadhna seo a’ faighneachd mun dearbh-aithne gnè a th’ aig neach ach tha an CSO air ràdh gu bheil iad an dùil seo a chur ris an ath-thuras.

    Tha stiùireadh oifigeil air an làrach-lìn aca a’ moladh gun cur neach tiog anns na dhà bhogsa mura h-eil iad airson aithneachadh mar bhoireannach no fireannach ach tha e cuideachd ag ràdh gun tèid gnè bith-eòlasach a shònrachadh dhaibh gu thuaireamach airson adhbharan staitistigeil.

    Thèid Cunntas-sluaigh na h-Èireann a chumail air 3mh latha dhen Ghiblean.