• Cead ga thoirt do gach neach an gnè fhèin a thaghadh ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba

    Tha britheamh air riaghladh gum faod gach neach an gnè fhèin a thaghadh ann an cunntas-sluaigh na h-Alba gun feum air teisteanas aithneachadh gnè.

    Tha teisteanas aithneachadh gnè aig nas lugha na aon sa cheud de phearsachan tar-ghnèitheach san Rìoghachd Aonaichte agus tha am pròiseas airson fear fhaighinn fada, sàithteach, agus doirbh.

    Tha stiùireadh oifigeil bho Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum faod gach neach an gnè fhèin, fireann no boireann, a thaghadh agus gum bi cèist a bharrachd ann do phearsachan neo-bhìnearaidh.

    Ach dh’iarr a’ bhuidheann iomairt, Fair Play For Women, air Cùirt an t-Seisein ath-sgrùdadh laghail a dhèanamh air an stiùireadh is iad ag ràdh nach bu chòir do phearsachan tar-ghnèitheach a bhith comasach air a’ cheist a fhreagairt ach leis an gnè bith-eòlasach.

    Tha luchd-iomairt air co-dhùnadh na cùirte a mholadh ach dh’ainmich Fair Play For Women gum bi iad a’ cur a-steach ath-thagradh.

    Thèid cunntas-sluaigh na bliadhna seo a chumail air 20mh am Màrt ach faodar a lìonadh a-mach air loidhne bho 1 Am Màrt.

  • Bacadh ga chur air teiripe iompachaidh ann an Sealainn Nuadh

    Tha Pàrlamaid Shealainn Nuadh air gabhail ri lagh ùr a chuireas bacadh air teiripe iompachaidh.

    Is e ‘teiripe iompachaidh’ am facal a thathar a’ cleachdadh mar thuairisgeul air modhan sam bith a dh’fheuchas ris an taobhadh feise no an ìomhaigh a thaobh gnè a tha aig neach atharrachadh.

    Bhòt 93 sa cheud de na BPan airson a’ bhacadh.

    Fon lagh ùr thèid binn phrìosain de thrì bliadhna a’ thoirt seachad do neach a bhios a’ dèanamh teiripe iompachaidh air clann nas òige na 18 bliadhna a dh’aois no binn phrìosain de chòig bliadhna ma bhios iad a’ dèanamh croin mhòir air neach eile de dh’aois sam bith.

  • Prògram sònraichte de Eòrpa a’ coimhead ri cuspair dearbh-aithne gnè

    Prògram sònraichte de Eòrpa a’ coimhead ri cuspair dearbh-aithne gnè. Air thoiseach air foillseachadh dreach bhile mu bhith ag atharrachadh Achd Aithneachaidh a’ Ghnè, tha Eòrpa a’ bruidhinn ri daoine tar-ghnèitheach air a’ Ghàidhealtachd agus nas fhaide air falbh mun bhuaidh a bhios aig a leithid air am beatha.

    Bidh am prògram cuideachd a’ sealltainn ris a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig a seo air prìosain, àiteachan aona-ghnè, agus a bhith a’ lùghdachadh an aois far am biodh e ceadaichte teisteanas aithneachaidh gnè fhaighinn.