• Cha bu chòir do dh’Alba feitheamh gus casg a chur air teiripe iompachaidh

    Thuirt Comataidh Co-ionannachd, Chòraichean Daonna agus Ceartais Shìobhalta aig Taigh an Ròid ann an aithisg ùr na bu thràithe an seachdain seo, nach bu chòir do Riaghaltas na h-Alba feitheamh gus molaidhean Riaghaltas na RA a chluinntinn mus cuir iad casg air teiripe iompachaidh an Alba.

    Tha an aithisg ag ràdh gum fheum an reachdas a thathar a’ moladh a bhith làn is coileanta – a’ gabhail gnothach ri oidhirpean sam bith gus an ìomhaigh a thaobh gnè no an taobhadh feise a tha aig neach atharrachadh.

    Tha an aithisg cuideachd a’ moladh gun dèan am mìneachadh air cleachdaidhean iompachaidh ann an lagh sam bith a thathar a’ moladh soilleir nach eil a leithid a rud ri cead fiosraichte ris a’ chleachdadh agus nach fhaodar a chleachdadh mar dhìon leis an fheadhainn ga dhèanamh.

  • Pàrlamaid na Pòlainne air gabhail ri lagh a chuireas casg air cuspairean LGDTCEN+ ann an sgoiltean

    Tha Pàrlamaid na Pòlainne air gabhail ri lagh a thathar an dùil ri casg a chur air teagaisg chuspairean LGDTCEN+ ann an sgoiltean.

    Thuirt Ministear an Fhoghlaim, Przemyslaw Czarnek, gum bi an lagh ùr a’ toirt cumhachd do stiùireadairean-foghlaim stuth-teagaisg sam bith bho bhuidhnean a-muigh, leithid carthannasan, a thilg a-mach.

    Thuirt Czarnek gum biodh seo a’ toirt a-steach stuth sam bith a thathar a’ faicinn mar “bhagairt air moraltachd chloinne” agus e air ràdh roimhe nach eil daoine gèidh “co-ionann ri daoine àbhaisteach”.

    Tha Lex Czarnek (Lagh Czarnek), mar a dh’aithnichear e, cuideachd a’ leigeil le stiùireadairean-foghlaim luchd-teagaisg a chur à dreuchd mura bhios iad a’ cumail ris.

    Tha laghan dhen leithid an gnìomh anns an Rùis agus an Ungair mu thràth.

    Tùsan: Openly News, Gay Times, Pink News

  • Lasachadh nan riaghailtean a thaobh fireannaich gèidh a’ toirt seachad fala san Fhraing agus sa’ Ghrèig

    Tha Riaghaltasan na Frainge agus na Grèige air casgan a bh’ air fireannaich gèidh is dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a thogail.

    Tha casg air a bhith air fireannaich gèidh is dà-sheòrsach san Fhraing bho bhith a’ toirt seachad fala o chionn 1983 ri linn a’ ghalar mhòr-sgaoilte AIDS agus tha casg air a bhith an gnìomh anns a’ Ghrèig o chionn 1977.

    Fo riaghailtean ùra, thèid faighneachd dhan a h-uile neach-tabhartais, ge bith dè am feisealachd a th’ aca, mun dòigh-bheatha aca agus thèid am measadh mar phearsachan air leth.

  • Cùis-lagha an-aghaidh taigh-fhuine ann am Beul Feirste air a dhiùltadh

    Tha Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna air cùis-lagha an-aghaidh taigh-fhuine ann am Beul Feirste a dhiùltadh.

    Chaidh Ashers Baking a dhìteadh ann an 2015 airson leth-breith nuair a dhiùlt iad cèic le “Support Gay Marriage” sgrìobhte air a dhèanamh do neach-ceannaich, Gareth Lee.

    Thuirt luchd-seilbh an taigh-fhuine gun robh am brath a’ dol an-aghaidh a’ chreideimh Chrìosdaidh aca agus ann an 2018 chur Àrd-chùirt an Rìoghachd Aonaichte car de cho-dhùnadh na cùirt ionadail.

    Rinn Mgr Lee gearan ri Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna ann an 2019 ach co-dhùin an ECHR Diardaoin an cùis aige a thilgeil a-mach air sgàth ’s nach eil e air ruith a-mach à roghainnean eile fhathast.

  • Lagh aithneachadh gnè ùr an Eilbheis

    Chaidh lagh ùr a chur an-gnìomh an Eilbheis an-diugh a leigeas le pearsachan an gnè aca atharrachadh gu sìmplidh.

    Fo na riaghailtean ùra faodaidh neach sam bith aois 16 bliadhna agus nas sìne an gnè agus an ainm laghail aca atharrachadh dìreach le bhith dol gu oifis-chlàraidh.