Pàrtaidh Uaine na h-Alba airson a’ cheangal eadarra agus Pàrtaidh Uaine Shasainn is na Cuimrigh a sgaradh

Tha Pàrtaidh Uaine na h‑Alba air bhòtadh gus a’ cheangal eadarra agus Pàrtaidh Uaine Shasainn is na Cuimrigh a sgaradh air sgàth draghan mu oillt thar‑ghnèitheach.

Bhòt luchd‑ionaid a bh’ aig co‑labhairt fhoghair a’ phàrtaidh gu h‑aona‑ghuthach airson gluasad, a chaidh a chur air adhart le Beth Douglas, gus teachdaireachd shamhlachail a chur dha na co‑leithidean aca mu dheas mu chòraichean tar‑ghnèitheach.

Thuirt Guy Ingerson, a bha na thagraiche airson Comhairle Cathair Obar Dheathain, gun tèid stad a chur air buill pàrtaidh Shasainn is na Cuimrigh bho bhith a’ bruidhinn aig coinneamhan is tachartasan Albannach gus an dèilig iad ris na droch chùisean seo.

Dhearbh e ge‑tà, nach tèid stad a chur air buidhnean co‑cheangailte, a‑leithid buidhnean òigridh is buidhnean LGDT bho bhith a’ co‑obrachadh.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.