• Muinntir na h-Eilbheise air bhòtadh airson pòsadh aon-sheòrsach

    Tha cha mhòr dà thrian de luchd-bhòtaidh anns an Eilbheis air bhòtadh airson pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail san dùthaich.

    Bhòt 64.1 sa cheud de luchd-bhòtaidh agus a h-uile gin de na 26 cantonaichean (sgìrean) air a shon.

    A bharrachd air pòsadh aon-sheòrsach, tha e a’ ciallachadh gum faod càraidean aon-sheòrsach clann uchd-mhacachadh agus gum faigh boireannaich chùeire cothrom air leigheas torrachais.

  • Alba air curaicealam a ghabhas a-steach cùisean LGDT+ a thoirt a-steach

    ‘S e Alba a’ chiad dùthaich san t-saoghal gus curraicealam a ghabhas a-steach cùisean leasbach, gèidh, dà-sheòrsach is tar-ghnèitheach a thoirt a-steach.

    Gheibh luchd-teagaisg cothrom air e-trèanadh aire a-thaobh cùisean LGDT+ agus pasgan de ghoireasan teagaisg in-ghabhalach air an làrach-lìn ùr http://lgbteducation.scot.

    Bidh cuspairean do gach buidhean-aoise a-nis a’ toirt a-steach dearbhan-aithne, cùisean agus eachdraidh LGDT+ ann an oidhirp gus co-ionannachd a bhrosnachadh agus burraidheachd a lughdachadh.

    Thèid làrach-lìn a chur air bhog cuideachd le goireasan agus fiosrachadh do dhaoine òga.

  • Emma Roddick ga suidheachadh mar cho-neach-gairm buidheann LGDT+ Taigh an Ròid

    Chaidh Emma Roddick BPA a shuidheachadh mar cho-neach-gairm buidheann thar-phàrtaidh LGDT+ Taigh an Ròid.

    Is e ceann-uidhe a’ bhuidhinn cùisean a tha cudromach don choimhearsnachd LGDT+ an Alba a dheasbad agus a bhrosnachadh gus am beathannan a dhèanamh nas fheàrr.

    Is i Roddick a’ chiad BPA LGDT+ airson na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

    Bidh i ag obair còmhla ris a’ BhPA Tòraidheach Jamie Greene san dreuchd.