• BPA a’ bhòtadh airson Bile nan Eucoirean Gràin

    Bhòt Buill Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin airson gabhail ri Bile nan Eucoirean Gràin.

    Is e amas an lagh buidhnean so-leònte a dhìon bho dhìmeas mar thoradh aois, ciorram, creideamh, taobhadh feise, dearbh-aithne tar-ghnèitheach agus atharrachaidhean ann am feartan gnè.

    Bhòt 82 air a shon agus 32 na aghaidh agus cha do bhòt ceathrar.

  • Deasbad air teiripe iompachaidh

    Bidh BPan ann an Taigh nan Cumantan a’ deasbad Diluain teiripe iompachaidh a dhèanamh mì-laghail san Rìoghachd Aonaichte.

    Bidh an deasbad ri fhaicinn air YouTube aig: .

    Tha barrachd fhiosrachaidh mu theiripe iompachaidh aig https://www.banconversiontherapy.com còmhla ri foirm far an urrainn dhut sgrìobhadh chun BhP ionadail agad gus do thaic a thoirt dhan a’ chasg.