• Màthair Albannach a’ sireadh òrdugh-bacaidh gus sìol-ghinidh a nighean tar-ghnèitheach a shàbhaladh

    Tha màthair Albannach a’ sireadh òrdugh-bacaidh gus casg a chur air dotairean sìolachaidh sgrios a dhèanamh air sìol-ghinidh a nighean tar-ghnèitheach.

    Bhàsaich Ellie Anderson, 16, gu h-obann san Iuchar.

    Thòisich Ellie ag aithneachadh mar nighean nuair a bha i a 3 bliadhna a dh’aois, agus bha dùil aice air obair-lannsa daingneachadh gnè nuair a ruigeadh i 18 bliadhna a dh’aois.

    Bha Ellie cuideachd airson a bhith na màthair nuair a bha i na b’ òige agus mar sin chuir i dàil air teiripe ionadachadh bhrodagan (HRT) a thòiseachadh gus am biodh i comasach air a sìol-ghinidh a reothadh.

    Chaidh an sìol-ghinidh aice a reothadh aig Clionaig Sìolachadh Taigh-eiridinn Rìoghail Ghlaschu nuair a bha i 14 bliadhna a dh’aois, ach tha an clionaig air innse do mhàthair Ellie, Louise Anderson, nach urrainnear an sampall a chumail tuilleadh.

    Fo riaghailtean sìolachadh daonna na Rìoghachd Aonaichte, nan robh Ellie ann an dàimh nuair a chaochail I, bhiodh còir aig a cèile iarraidh gun deidheadh an sìol-ghinidh aice a chumail ach chan eil a’ chòir sin aig màthair Ellie.

    Tha Ms Anderson airson a’ chùis a thoirt gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann gus am bi neach-ionaid comasach air ogha bith-eòlasach a bhreith dha le bhith a’ cleachdadh sìol-ghinidh Ellie agus tabhartaiche ugh.

    Tha i cuideachd air ath-chuinge a thòiseachadh air Change.org ag iarraidh air Boris Johnson an lagh atharrachadh.

  • Am prìosan do dh’athair a thug ionnsaigh air a mhac

    Chaidh binn prìosain 18 mìosan air athair à Phlymouth a thug ionnsaigh air a mhac, a tha 15 bliadhna a dh’aois, as dèidh dha faighinn a-mach gun do chleachd am balach an aplacaid gèidh fèillmhor, Grindr, air an fhòn-làimhe aige.

    Chuala Cùirt a’ Chrùn ann am Plymouth gun deach sparradh air a bhalach rùsgadh chun fho-aodach aige mus deach a chuipeadh le càball telebhisean mu fhichead uair a’ fàgail a ghàirdean leònte agus fhad ’s a bha e ga chuipeadh dh’èigh e “tha thu gèidh”, “tha thu nad bhoireannach” agus “dè a tha sin eadar do chasan?”

    Theich am balach dhan sgoil aige far an do chur luchd-obrach na sgoile fios dhan phoileas nuair a bhris e a-mach a’ caoineadh agus a dh’innis e dhaibh na thachair.

    Rinn neach-lagha an athair argamaid gun do ghabh e an caothach ris am balach agus nach robh an ionnsaigh air adhbharachadh le feisealachd a’ bhalaich ach cha do dh’aontaich am britheamh agus chaidh an athair fhaighinn ciontach de dh’ionnsaigh a rinn cron air a’ bhodhaig.

    Cha deach an athair ainmeachadh gus aithne a’ bhalaich a dhìon.

  • Naidheachdan a’ BhBC: ‘Boireannaich tar-ghnèitheach fo phrosbaig World Rugby’

    ‘S e seo artaigil a nochd air Naidheachdan a’ BhBC an-diugh:-

    Thàinig fios am bàrr bho bhuidhean rannsachaidh World Rugby, buidhean riaghlaidh an spòrs, ag ràdh gun robh cunnart nas motha ann de dhroch leòn do bhoireannach a chluicheadh an aghaidh boireannaich tar-ghnèitheach, neo transgender, air an lèanag.

    A-rèir nan eòlaichean, tha cunnart de ‘20% gu 30%’ a bharrachd ann gum faodadh boireannach a bhi air a droch ghoirteachadh bho bhuille bho chluicheadair tar-ghnèitheach, seach bho bhoireannach eile.

    Am measg nan cunnartan, bha an neart a bharrachd a th’aig neach a chaidh tro’ inbhidheachd mar fhear, seach mar bhoireannach.

    Seo a dh’aindeoin cungaidhean a tha air an cleachdadh airson buaidh thestosterone, a bhios a cuir ri meud fèithean, ìsleachdadh.

    Faodar a leughadh gu h-iomlan an-seo.