• Gràin co-sheòrsachd a’ fàs nas cumanta an Alba

    Tha figearan oifigeil bho Oifis a’ Chrùin a’ sealltainn gu bheil an àireamh de dh’eucoirean gràin air an adhbharachadh le gràin co-sheòrsachd ann an Alba aig an ìre as àirde a-riamh.

    A-rèir nan figearan bha àrdachadh de 24% bho 1194 casaidean ann an 2018-19 gu 1486 casaidean ann an 2019-20.

    Bha an suidheachadh nas mìosa ann an Obar Dheathain le àrdachadh de 68% agus ann an Dùn Dè le àrdachadh de 41% an taca ri àireamhan an-uiridh.

    Bha àrdachadh beag sa Ghàidhealtachd cuideachd le 12 casaidean ann an Inbhir Nis, 8 ann an Steòrnabhagh agus eadar 1-5 ann an Port Rìgh (chaidh an àireamh ceart a chumail dìomhar airson adhbharan prìobhaideachd). Bha cuideachd 7 casaidean anns an Gearasdan agus 10 san Òban.

    Tha na figearan cuideachd a’ sealltainn gu bheil an àireamh de dh’eucoirean gràin an-aghaidh daoine co-sheòrsach air a bhith a’ fàs a h-uile bliadhna, seach ann an 2014 nuair a thuit e beagan.

    Tha an àireamh de dh’eucoirean gràin air an adhbharachadh le gràin tar-ghnèitheachd cha mhòr ach co-ionann le 41 casaidean ann an 2019-20 an taca ri 40 casaidean ann an 2018-19.

    Chaidh reachdas eucoirean gràin a thoirt a-steach ann an 2010 agus tha na figearan as ùire seo a’ sealltainn àrdachadh mòr bhon uair sin nuair a bha 452 eucoirean gràin air an adhbharachadh le gràin co-sheòrsachd agus 14 air an adhbharachadh le gràin tar-ghnèitheachd.

  • Eagraichean Fèis-pròise na Còirne air na draghan aca mun Achd Aithneachadh Gnè a chur an cèill ann an litir fosgailte do Bhuill-phàrlamaid

    Tha eagraichean Fèis-pròise na Còirne air litir a chur dhan a h-uile BP san Rìoghachd Aonaichte gus na draghan aca mun Achd Aithneachadh Gnè agus mu theiripe iompachadh co-sheòrsachd a chur an cèill.

    Tha iad air an Riaghaltas a chàineadh airson dàil a chur air foillseachadh ath-sgrùdadh an achd agus gu bheil seo a’ cur mòr-dhragh air tar-dhaoine anns a’ Chòrn agus an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

    “Tha sinn a’ creidsinn gur e boireannaich a th’ anns an tar-bhoireannaich, fireannaich a th’ anns an tar-fhireannaich agus gu bheil dearbhan-aithne neo-bhìnearaidh tàbhachdach.”

    “Leis an sin, tha sinn a’ cur an cèill ar taic airson an còir a th’ aig tar-dhaoine air fèin-aithneachadh.”

    Cuideachd thug iad iomradh air aithris an Sunday Times a thuirt gun robh an Riaghaltas a’ dèanamh planaichean gus casg a chur air teiripe iompachadh co-sheòrsachd gus a’ choimhearsnachd LGDTCE+ a chiùineachadh.

    “Tha am beachd gun tèid an reachdas seo a thoirt a-steach gus daoine LGDT+ a chiùineachadh an àite ath-leasachaidhean air Achd Aithneachadh Gnè tàireil. Chan eil còirichean daonna ri bharganachadh agus tha e coltach nach eil an riaghaltas a’ tuigsinn gu bheil daoine anns a’ choimhearsnachd LGDT+ a’ fulang neo-ionannachd agus fòirneart ann an diofar dhòighean.”

    Faodar an litir slàn a leughadh air Twitter no Facebook.

  • Carthannasan tar-ghnèitheach gan toirt air falbh bho dhuilleag taic a’ BhBC

    Tha a’ BhBC air duilleag-lìn atharrachadh gus fiosrachadh mu charthannasan a bheireas taic do dhaoine tar-ghnèitheach a thoirt air falbh.

    Tha an LGBT Foundation, Mermaids, The Gender Trust agus GIRES (The Gender Identity Research and Education Society) uile nan carthannasan clàraichte a bheireas taic agus comhairle do dhaoine tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh.

    Bha na carthannasan uile air an liostadh air duilleag-lìn a’ BhBC “Information and Support: Gender Indentity” còmhla ri ceangal ri làrach-lìn an NHS le barrachd fhiosrachaidh mu neo-shàstachd gnè (gender dysphoria) ach tha e air nochdadh gun deach an duilleag atharrachadh o chionn 29 Ògmhios gus nach eil fiosrachadh sam bith air.

    Bidh a’ BhBC gu tric a’ dèanamh ceangal ri duilleagan mar seo gus barrachd fhiosrachaidh no comhairle a thoirt dhan leughadairean aca mu na cuspairean a nochdas anns na h-artaigealan naidheachd aca.

    Thuirt neach-labhairt airson a’ charthannas Mermaids gu bheil dragh orra mun atharrachadh agus gu bheil iad air iarraidh air a’ BhBC a cheartachadh sa bhad.

  • Ìmpidh ga chur air Ceannardan an SNP gus stad a chur air oillt tar-ghneitheach sa phartaidh

    Tha Mhàiri Black air dùbhlan a thoirt do Cheannardan an SNP as dèidh do bhall neo-bhìnearaidh a bhruidhinn mu dheidhinn oillt-tar-ghnèitheach sa phàrtaidh.

    Tha Teddy Hope nan oifigear aig Out For Indy, buidheann oifigeil LGDTCE+ an SNP, agus iad air ràdh gu bheil iad air droch-dhìol a dh’fhulang aig tachartasan a’ phàrtaidh agus air loidhne air sgàth ‘s gu bheil iad tar-ghnèitheach.

    Thuirt Hope cuideachd gu bheil càirdean agus caidreabhaich aca san SNP a tha air gearanan a thogail leis a’ prìomh oifis mu oillt-tar-ghnèitheach sa phàrtaidh agus nach eil an ceannardas air dèiligeadh ris.

    A-nis tha Mhàiri Black air tuèiteadh faighneachd air Nicola Sturgeon, Ian Blackford agus Aonghas MacLeòid ma tha iad fhathast airson leigeil a-mach nach eil oillt-tar-ghnèitheach na dhuilgheadas anns a’ phartaidh agus chur i ìmpidh orra gnìomh a dhèanamh gus stad a chur air.

    Dh’fhreagair Blackford le ràdh nach eil àite sam bith anns an SNP no sa chomann-shòisealta airson oillt-tar-ghnèitheach.