• Seirbheisean fala a’ beachdachadh air a’ chasg a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chur às

    Tha Gay Star News ag aithris gu bheil seirbheisean fala na RA a’ beachdachadh air a’ chasg a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a chur às ro dheireadh na bliadhna.

    Chaidh na riaghailtean làithreach a chur an sàs ann an Alba, a’ Chuimrigh agus Sasainn ann an 2017 agus ann an Èirinn a-Tuath sa Ghiblean am-bliadhna, agus tha iad ag ràdh nach fhaod fireannach fuil a thoirt seachad ma tha e air a bhith ri feise le fireannach eile anns na trì mìosan mu dheireadh.

    Tha buidhnean LGDT+ ag ràdh gur e leth-bhreith a th’ anns a’ chasg agus gu bheil feise le dìon a’ fàgail gu bheil e sàbhailte do dh’fhireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach fuil a thoirt seachad.

    Stèidhich an Riaghaltas a’ bhuidheann FAIR (For the Assessment of Individual Risk) ann an 2019 gus an casg ath-sgrùdadh.

    Tha a’ bhuidheann a’ toirt a-steach riochdairean bho na ceithir seirbheisean fala san RA, buidhnean LGDT+, eòlaichean meidigeach agus saidheansail, agus riochdairean euslainteach is tabhartaiche agus tha iad a-nis air dearbhadh gu bheil iad an dùil an aithisg aca fhoillseachadh ro dheireadh 2020.

    Tha an casg air nochdadh anns na naidheachdan a-rithist o chionn ghoirid as dèidh dha nochdadh nach fhaod fireannaich co-sheòrsach a chaidh am feabhas an dèidh a’ choròna-bhìorais plasma fala a thoirt seachad a dh’aindeoin deuchainnean leantainneach anns a bheil doctairean ga thoirt do dh’euslaintich èiginneach leis gu bheil anti-cuirp na bhroinn.

  • Daoine tar-ghnèitheach san Ungair gan casg bho bhith ag atharrachadh an gnè laghail aca

    Tha pàrlamaid na h-Ungaire air bhòtadh airson lagh a chuireas casg air daoine tar-ghnèitheach an gnè aca atharrachadh air sgrìobhainnean oifigeil.

    Bhòt 133 buill-phàrlamaid airson Artaigil 33, a tha ag ràdh gu bheil gnè stèidhichte air na prìomh fheartan gnè agus cròmosomaichean. Cha do bhòt ach 57 na h-aghaidh.

    Tha Oifis Conaltraidh an Riaghaltais a’ cumail a-mach nach cur an co-dhùnadh aca bacadh air daoine sam bith am fèin-aithne aca a chur an cèill mar a thogras iad ach tha buidhnean còirichean air an lagh a chàineadh ag ràdh gu bheil e a’ stampadh air còirichean daoine tar-ghnèitheach agus eadar-ghnèitheach agus gu bheil an dùthaich a’ tilleadh dha na Linntean Dorcha.

    Thòisich Transvanilla Transznemű Egyesület (Transvanilla Transgender Association) athchuinge a’ guidh air Ceann-suidhe a’ Choimisein Eòrpaich an lagh a chàineadh.

    Thuirt Háttér Társaság(Háttér Society), a’ bhuidheann còirichean LGDT+ as motha san Ungair, gun dèan iad sabaid an-aghaidh an lagha agus ghuidh iad air Ceann-suidhe János Áder ga chur dhan chùirt bun-reachdail airson ath-sgrùdadh.

  • Roinnidh pod-chraoladh ùr sgeulachdan bho dhaoine LGDT+ nas sìne an Alba

    Is e pod-chraoladh ùr a th’ ann an 50 Years of Activism a bhios a’ toirt sùil air beathannan daoine LGDT+ nas sìne na 50 bliadhna a dh’aois ann an Alba.

    Anns gach earrann bidh agallamh le èildear LGDT+, mar a chanas iad, mu na tachartasan a thug buaidh air am beatha pearsanta agus obrach agus air gnìomhachd LGDT+ ann an Alba.

    Chaidh am pod-chraoladh a dhèanamh le Pink Saltire ann an com-pàirteachas le OurStory Scotland le taic-airgid bho Mhaoin Coimhearsnachd a’ Chrannchuir Nàiseanta agus chaidh na clàraidhean uile a thoirt dhan tasglann beul-aithris aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

    Faodaidh tu fo-sgrìobhadh ris a’ phod-chraoladh leis na ceanglaichean na leanas:

  • A’ chiad chàraid cho-sheòrsach gus leigheasadh IVF fhaighinn tro NHS na h-Alba an dùil ri leanabh

    Chaidh ainmeachadh gu bheil càraid cho-sheòrsach ann an Dùn Èideann an dùil ri leanabh as t-samhradh as dèidh dhaibh leigheasadh IVF fhaighinn tro NHS na h-Alba.

    Thathar a’ creidsinn gur e Ross agus Chris Muller a’ chiad chàraid co-sheòrsach a ghabh cothrom air leigheasadh IVF bho thog Riaghaltas na h-Alba an casg a bh’ air màthraichean-ionaid ann an 2018.

    Chaidh tùs-ghinean (embryo) a chruthachadh le sìol Ross agus ùgh bho thabhartaiche mus deach a chur ann an màthair-ionaid san t-Samhain.

    Tha dùil ris an leanabh san Lùnastal.

  • Seirbheis ùr a’ tabhann deuchainnean HIV tron phost

    Tha HIV Scotland agus Waverley Care air seirbheis ùr a cur air bhog gus deuchainnean HIV a thabhann tron phost.

    Tha HIV Self-test Scotland ag ràdh gu bheil iad airson dòigh shìmplidh fèin-dheuchainn a thabhann do dhaoine air feadh na h-Alba, gu h-àraid ri linn a’ Choròna-bhìoras nuair nach eil a h-uile duine comasach air siubhal.

    Bidh na deuchainnean a’ sgrùdadh boinne-fala gus anti-cuirp HIV a lorg agus tha an stiùireadh aca ag ràdh gu bheil iad comasach air toradh a thoirt seachad ann an 15 mionaid agus gu bheil ìre-mionaideachd de 99.7% aca.

    Faodar deuchainnean òrdachadh an-asgaidh bho hivtest.scot/order agus thèid an cur tron phost ann am pacaigeadh neo-nochdaidh taobh a-staigh 48 uair a thìde.

  • Ceannard Stonewall ùr air ainmeachadh

    Chaidh ainmeachadh Dimàirt gur e Nancy Kelley ceannard ùr a’ charthannais LGBT+ Stonewall.

    Tha Kelley an-dràsta ag obair aig an Ionad Nàiseanta airson Rannsachadh Sòisealta (NatCen) far a bheil i na Leas-cheannard agus Stiùiriche an Ionaid-rannsachaidh Poileasaidh.

    Bha an obair aice aig NatCen an-lùib rannsachaidh air beachdan a’ mhòr-shluaigh air coimhearsnachdan LGBT+ agus air leth-bhreith agus às-dùnadh sòisealta a-measg daoine LGBT+ agus mion-bhuidhnean eile.

    Tòisichidh i san dreuchd ùr aice air 1d dhen Ògmhios.