Màthair Albannach a' sireadh òrdugh-bacaidh gus sìol-ghinidh a nighean tar-ghnèitheach a shàbhaladh

Tha màthair Albannach a’ sireadh òrdugh-bacaidh gus casg a chur air dotairean sìolachaidh sgrios a dhèanamh air sìol-ghinidh a nighean tar-ghnèitheach.

Bhàsaich Ellie Anderson, 16, gu h-obann san Iuchar.

Thòisich Ellie ag aithneachadh mar nighean nuair a bha i a 3 bliadhna a dh’aois, agus bha dùil aice air obair-lannsa daingneachadh gnè nuair a ruigeadh i 18 bliadhna a dh’aois.

Bha Ellie cuideachd airson a bhith na màthair nuair a bha i na b’ òige agus mar sin chuir i dàil air teiripe ionadachadh bhrodagan (HRT) a thòiseachadh gus am biodh i comasach air a sìol-ghinidh a reothadh.

Chaidh an sìol-ghinidh aice a reothadh aig Clionaig Sìolachadh Taigh-eiridinn Rìoghail Ghlaschu nuair a bha i 14 bliadhna a dh’aois, ach tha an clionaig air innse do mhàthair Ellie, Louise Anderson, nach urrainnear an sampall a chumail tuilleadh.

Fo riaghailtean sìolachadh daonna na Rìoghachd Aonaichte, nan robh Ellie ann an dàimh nuair a chaochail I, bhiodh còir aig a cèile iarraidh gun deidheadh an sìol-ghinidh aice a chumail ach chan eil a’ chòir sin aig màthair Ellie.

Tha Ms Anderson airson a’ chùis a thoirt gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann gus am bi neach-ionaid comasach air ogha bith-eòlasach a bhreith dha le bhith a’ cleachdadh sìol-ghinidh Ellie agus tabhartaiche ugh.

Tha i cuideachd air ath-chuinge a thòiseachadh air Change.org ag iarraidh air Boris Johnson an lagh atharrachadh.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.