Carthannasan tar-ghnèitheach gan toirt air falbh bho dhuilleag taic a’ BhBC

Tha a’ BhBC air duilleag-lìn atharrachadh gus fiosrachadh mu charthannasan a bheireas taic do dhaoine tar-ghnèitheach a thoirt air falbh.

Tha an LGBT Foundation, Mermaids, The Gender Trust agus GIRES (The Gender Identity Research and Education Society) uile nan carthannasan clàraichte a bheireas taic agus comhairle do dhaoine tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh.

Bha na carthannasan uile air an liostadh air duilleag-lìn a’ BhBC “Information and Support: Gender Indentity” còmhla ri ceangal ri làrach-lìn an NHS le barrachd fhiosrachaidh mu neo-shàstachd gnè (gender dysphoria) ach tha e air nochdadh gun deach an duilleag atharrachadh o chionn 29 Ògmhios gus nach eil fiosrachadh sam bith air.

Bidh a’ BhBC gu tric a’ dèanamh ceangal ri duilleagan mar seo gus barrachd fhiosrachaidh no comhairle a thoirt dhan leughadairean aca mu na cuspairean a nochdas anns na h-artaigealan naidheachd aca.

Thuirt neach-labhairt airson a’ charthannas Mermaids gu bheil dragh orra mun atharrachadh agus gu bheil iad air iarraidh air a’ BhBC a cheartachadh sa bhad.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.