Daoine tar‑ghnèitheach san Ungair gan casg bho bhith ag atharrachadh an gnè laghail aca

Tha pàrlamaid na h‑Ungaire air bhòtadh airson lagh a chuireas casg air daoine tar‑ghnèitheach an gnè aca atharrachadh air sgrìobhainnean oifigeil.

Bhòt 133 buill‑phàrlamaid airson Artaigil 33, a tha ag ràdh gu bheil gnè stèidhichte air na prìomh fheartan gnè agus cròmosomaichean. Cha do bhòt ach 57 na h‑aghaidh.

Tha Oifis Conaltraidh an Riaghaltais a’ cumail a‑mach nach cur an co‑dhùnadh aca bacadh air daoine sam bith am fèin‑aithne aca a chur an cèill mar a thogras iad ach tha buidhnean còirichean air an lagh a chàineadh ag ràdh gu bheil e a’ stampadh air còirichean daoine tar‑ghnèitheach agus eadar‑ghnèitheach agus gu bheil an dùthaich a’ tilleadh dha na Linntean Dorcha.

Thòisich Transvanilla Transznemű Egyesület (Transvanilla Transgender Association) athchuinge a’ guidh air Ceann‑suidhe a’ Choimisein Eòrpaich an lagh a chàineadh.

Thuirt Háttér Társaság(Háttér Society), a’ bhuidheann còirichean LGDT+ as motha san Ungair, gun dèan iad sabaid an‑aghaidh an lagha agus ghuidh iad air Ceann‑suidhe János Áder ga chur dhan chùirt bun‑reachdail airson ath‑sgrùdadh.

Fàg beachd