A’ chiad chàraid cho-sheòrsach gus leigheasadh IVF fhaighinn tro NHS na h-Alba an dùil ri leanabh

Chaidh ainmeachadh gu bheil càraid cho-sheòrsach ann an Dùn Èideann an dùil ri leanabh as t-samhradh as dèidh dhaibh leigheasadh IVF fhaighinn tro NHS na h-Alba.

Thathar a’ creidsinn gur e Ross agus Chris Muller a’ chiad chàraid co-sheòrsach a ghabh cothrom air leigheasadh IVF bho thog Riaghaltas na h-Alba an casg a bh’ air màthraichean-ionaid ann an 2018.

Chaidh tùs-ghinean (embryo) a chruthachadh le sìol Ross agus ùgh bho thabhartaiche mus deach a chur ann an màthair-ionaid san t-Samhain.

Tha dùil ris an leanabh san Lùnastal.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.