Àireamh de dhaoine a’ cleachdadh loidhne-chuideachaidh LGDT+ air àrdachadh air sgàth Coròna-bhìoras

, , ,

Tha carthannas LGDT+ air aithris gu bheil iad air àrdachadh mòr fhaicinn anns an àireamh de dhaoine a’ cleachdadh an loidhne-chuideachaidh aca bho thòisich daoine fuireach san taigh air sgàth Coròna-bhìoras.

Thuirt an Stèidheachd LGDT gun robh an àireamh de ghairmean a fhuair iad thairis air an t-seachdain a chaidh seachad còrr is a dhà uiread an àireamh gun d’fhuair iad san aon ùine an-uiridh agus gu bheil iad an dùil ri àrdachadh eile an seachdain seo tighinn.

Thuirt iad gun robh mòran de dhaoine LGDT+ a’ sireadh taic air sgàth ’s gu bheil iad glacte aig an taigh còmhla ri teaghlaichean ana-cainnteach.

Mar thoradh air na riaghailtean a th’ ann a thaobh a bhith a’ cumail astair bho dhaoine eile, chaidh seirbheisean aghaidh ri aghaidh a’ charthannais a chur dheth gu 14mh Giblean, ach dh’fhaodadh an ceann-latha seo atharrachadh a-rithist.

Thuirt Àrd-oifigear an Stèidheachd, Paul Martin, gu bheil e airson gum bi fios aig a h-uile duine LGDT+ nach eil iad “leotha fhèin” agus chuir e ìmpidh orra fios a chuir gu loidhne-chuideachaidh a’ charthannais ma tha iad a’ strì aig an àm seo.

An-dràsta, tha iad ag obrachadh an loidhne-chuideachaidh air astar, Diluain-Dihaoine eadar 10m agus 6f ach tha iad a’ coimhead air roghainnean gus seo leudachadh.

Ma tha feum agad air cuideachadh, faodaidh tu fios a chuir chun Stèidheachd LGBT air 0345 3 30 30 30 no faodaidh tu an ruighinn tro phost-d aig helpine@lgbt.foundation.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach