• Tagraiche taghaidh Ghleann Rathais air cogadh a ghairm an-aghaidh na coimhearsnachd LGDTQ

    Tha tagraiche taghaidh ann an Gleann Rathais air taic a’ Phàrtaidh Bhrexit a chall as dèidh dha cogadh a ghairm an-aghaidh na coimhearsnachd LGDTQ+.

    Thàinig beachdan Victor Farrell am follais Diluain nuair a sgaoil BPA SNP, Jenny Gilruth, dealbhan-sgrìn de phuist a sgrìobh Farrell air Facebook ann an 2017 agus a tha fhathast rim faicinn air a’ phròifil phoblach aige.

    Facebook Post le Victor Farrell

    Ann an aon phost sgrìobh Farrell gun robh e a’ gairm cogadh an-aghaidh na coimhearsnachd LGDTQ air fad.

    Chuir Peter Grand, tagraiche an SNP a tha ag iomair an-aghaidh Farrell airson cathair Ghleann Rathais, ìmpidh air a’ Phàrtaidh Bhrexit a chur às a’ phàrtaidh.

    Dhearbh neach-labhairt a’ Phàrtaidh Bhrexit ris The Courier gu bheil iad air an taic aca a tharraing bho Fharrell agus nach eil iad ag aontachadh leis a bheachdan.

    Tha Farrell a-nis gu bhith na sheasamh mar thagraiche neo-eisimeileach ach tha e air na beachdan aige ath-dhearbhadh ann am post Facebook an-dè anns an tug e iomradh air muinntir LGDTQ Fìobha mar “choimhearsnachd pheacail”.

    Facebook Post le Victor Farrell

  • Tagraiche taghaidh Obar Dheathain air a chur à rèim airson puist an-aghaidh nan Iudhach agus nan co-sheòrsach

    Chaidh Ryan Houghton, tagraiche taghaidh Obar Dheathain a Tuath, a chur à rèim le Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba as dèidh dha puist an-aghaidh nam Muslamach, an-aghaidh nan Iùdhach agus an-aghaidh nan co-sheòrsach a sgrìobhadh ann am fòram air loidhne.

    Chaidh na puist a thoirt am follais leis a’ phàipear-naidheachd The National na bu tràithe an seachdain seo.

    Ann an aon phost, sgrìobh Houghton nach b’ urrainn dha fhaicinn mar a dh’fhaodadh co-sheòrsachd a bhith math do mhac an duine leis gum biodh an gnè a’ dol à bith nan robh a’ chuid as motha dhen t-sluaigh co-sheòrsach.

    Ann am post eile sgrìobh e gun robh e dhen bheachd gun robh cuid de na rudan a thachair anns an Holocaust air an aibhseachadh no air am breugnachadh.

    Thuirt Houghton ris The National gun deach na puist a thoirt à cho-theacsa agus nach eil beachdan an-aghaidh nan Iùdhach, gràin-chinnidheach no an-aghaidh nan co-sheòrsach air a bhith aige a-riamh.

    Thuirt neach-labhairt nan Tòraidhean gu bheil “na beachdan anns na blogaichean seo neo-thaitneach agus gun deach Houghton a chur à rèim mar thoradh orra.”

    “Tha a’ phàrtaidh air an taic airson an tagradh aige a tharraing air ais. Tha a h-uile seòrsa de ghràin an-aghaidh nam Muslamach, an-aghaidh nan co-sheòrsach agus an-aghaidh nan Iùdhach a’ cur uabhas air Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba.”

  • Obair-taighe

    Tha mi duilich gu bheil Geidh.uk air a bhith sàmhach o chionn ghoirid ach tha mi air a bhith trang leis m’ obair làitheil. Nuair a tha ùine shaor air a bhith agam tha mi air a bhith ag obair air còd Geidh.uk a sgioblachadh agus a dhèanamh nas èifeachdaiche.

    Mar a sgrìobh mi na bu tràithe am-bliadhna, tha mi air Geidh.uk a ghluasad bho WordPress gu Jekyll agus mar phàirt dhen sgioblachadh seo tha mi air a’ chòd a thoirt gu bun-tomhas gus an gabh a chleachdadh air làraichean-lìn Jekyll eile gun a bhith ga dheasachadh mòran.

    Ma tha neach sam bith agaibh airson a chleachdadh gus blog Jekyll a chruthachadh dhaibh fhèin, tha mi air teamplaid a chur suas air GitHub a ghabhas a chleachdadh no a dheasachadh an-asgaidh.

    Ma tha sibh airson eisimpleir beò fhaicinn ro-làimh, tha mi air an còd ùr a chur an gnìomh mar-thà aig Geidh.uk, AtUG.uk agus mo bhlog.