• Inbhe athair air a dhiùltadh do thar-fhireannach

    Tha an Àrd-chùirt ann an Lunnainn air co-dhùnadh nach fhaod tar-fhireannach, Freddy McConnell, clàradh mar athair air teisteanas-breith an leanabh aige air sgàth ’s gun do rug e an leanabh.

    Thuirt Mgr McConnell gu bheil e brònach mun cho-dhùnadh ach gu bheil e a’ beachdadh air ath-thagradh a dhèanamh na aghaidh.

    Ann an agallamh le The Guardian, far a bhios e ag obair, thuirt e:

    “Tha dragh orm mu na bhios seo a’ ciallachadh, chan ann a-mhàin dhomhsa, ach do dhaoine tar-ghnèitheach eile a tha airson a bhith nam pàrantan.”

    “Tha buaidh mhòr aige air structaran teaghlaich neo-thraidiseanta. The e a’ daingneachadh a’ bheachd nach eil ach seòrsaichean teaghlaich traidiseanta air a aithneachadh gu ceart no air a làimhseachadh gu co-ionann. Chan eil e cothromach.”

    Mhothaich McConnell gun robh e tar-ghnèitheach ann an 2010 agus tha e air a bhith a’ fuireach mar fhireannach fad iomadh bliadhna.

    Ann an 2013 thòisich e air leigheasan teisteostaron fhaighinn agus fhuair e obair-lannsa gus stuth a chìochan a thoirt air falbh.

    Ann an 2016 fhuair e comhairle bho chlionaig sìolachaidh mu fhàs trom agus stad e na leigheasan teisteostaron.

    Dh’fhàs e trom ann an 2017 agus rug e an leanabh ann an 2018.

    ‘S e co-dhùnadh an àrd-chùirt gur e màthair a th’ ann an neach a tha air leanabh a bhreith ge b’ e dè an gnè laghail aca.

    Thuirt Sir Andrew McFarlane, Ceann-suidhe Roinn Teaghlaich na h-Àrd-chùirte, gu bheil eadar-dhealachadh susbainteach eadar gnè neach agus an inbhe aca mar phàrant agus gur e màthair a th’ ann an neach a tha air dol tron phròiseas bith-eòlasach an-sàs ann an leanabh a bhreith.

  • Litir homafòbach air a chur gu bùth cèice

    Bha iongnadh air luchd-obrach aig bùth cèice ann am Baile Udain Diardaoin as dèidh dhaibh litir homafòbach fhaighinn tron phost.

    Chaidh an litir, a ghabhas a leughadh gu h-ìseal, a chur gun ainm dhan bhùth Special Days Cakes.

    ‘S ann le Mìcheal Burns agus Steafan Whyteside a tha am bùth.

    Thuirt Mìcheal ri Pink Saltire:

    “Cha do smaoinich sinn airson diog gun d’ thàinig an litir bho chliant sam bith againn, ach is dòcha bho chuideigin a bha airson ar nàrachadh air sgàth ’s gu bheil sinn co-sheòrsach. Tha sinn air a bhith còmhla fad ochd bliadhna deug agus ’s e seo an 10mh ceann-bliadhna pòsaidh againn san Dùbhlachd, ach chan fhaca sinn dad mar seo a-riamh. Bha mi a’ smaointinn gur e rud a thachair san àm a dh’fhalbh a bh’ ann an gràin na co-sheòrsachd ach chaidh mo chur ann an tuaineal le seo an-diugh.”

    Chaidh aithris air na thachair a thoirt do Phoileas Alba a bhios ga làimhseachadh mar eucoir-gràin.

    Ma tha sibh airson barrachd leughadh mun sgeulachd seo tadhalaibh air làrach-lìn Pink Saltire: Scottish business owners receive targeted homophobic hate mail.

  • Tatù air a dhiùltadh do dhuine le HIV

    Tha a’ BhBC ag aithris gu bheil bùth tatù ann an Dùn Dè air duine a dhiùltadh air sgàth ’s gu bheil HIV air.

    Chaidh Deejay Bullock dhan bhùth san Iuchar gus tatù ùr fhaighinn airson a cho-là-breith ach chaidh a dhiùltadh nuair a dhearbh e air foirm aithris-àichidh gu bheil HIV air.

    Thathar ag aithris nuair a thug an tatùdair sùil air an fhoirm, thuirt e, “Chan eil mi a’ dol a chur mi-fhìn, mo cho-obraichean no duine sam bith eile ann an cunnart”.

    Thuirt Deejay gun do chuir e iognadh air gun deach a dhiùltadh air sgàth ’s gun robh e air dà thàtu fhaighinn ann am bùth Obair Dheathain gun thrioblaid sam bith bho dh’ionnsaich e gu bheil HIV air ann an 2009.

    Thuirt e ri BBC Scotland gun robh e doirbh dha nuair a dh’ionnsaich e gun robh HIV air agus gun do lughdaich a shlàinte-inntinn mar toradh air.

    O chionn 2012 tha e air a bhith ag obair ann an slàinte LGDT agus e ag ràdh gu bheil seo air a mhisneachd a bhrosnachadh agus air a chuidheachadh leis an inbhe aige aontachadh.

    Tha HIV Scotland agus buidhnean HIV eile ag ràdh nach eil am bhìoras a’ cur bacadh air daoine a tha airson tatù, tolladh no làimhseachadh cosmaigeach fhaighinn.

    A-rèir an stiùireadh oifigeil aca, tha e mì-laghail fo Achd Co-ionannachd 2010 cliantan a dhiùltadh air sgàth ’s gu bheil HIV orra agus chan eil e ceart fo reachdas dìon datà faighneachd ma tha HIV orra.

    Bu chòir do thatùdairean agus cliantan a bhith air an dìon le modhan sàbhailteachd àbhaisteach a-leithid seasgachadh an uidheamachd agus cleachdadh miotagan, inc agus snàthadan ùr a airson gach cliant.