• Iomairt airson tachartas pròise a chumail ann am Moireabh

    Chaidh iomairt a stèidheachadh gus fèis-pròise a chumail ann am Moireabh an ath-bhliadhna.

    Chaidh an iomairt a stèidheachadh leis a’ bhuidheann LGBT Moray agus tha iad gu bhith a’ cumail a’ chiad choinneamh dealbhaidh aca Dihaoine 6mh dhen Sultain aig 5:30f anns a’ Chaberfeidh, Eilginn.

    Ma tha thu airson an coinneamh a fhrithealadh cuir fios dhaibh air Facebook.

  • Carragh-cuimhne do dhaoine co-sheòrsach a dh’fhulaing geur-leanmhainn nan Nàsach air a mhilleadh

    Denkmal für die im Nationalsozialismus verfolgten Homosexuellen

    Tha AP News anns a’ Ghearmailt ag aithris gun deach carragh-cuimhne do dhaoine co-sheòrsach a dh’fhulaing geur-leanmhainn nan Nàsach a mhilleadh.

    Chaidh an carragh-cuimhne “Denkmal für die im Nationalsozialismus verfogten Homosexuellen” a thaisbeanadh ann an 2008 ann am Pairc Tiergarten, Berlin.

    Am-broinn an carragh tha fosgladh anns a chìthear bhideo de chàraid co-sheòrsach a’ pògadh.

    Thathar ag aithris gun deach a lorg le geàrdan-faire Diluain gun deach am fosgladh a chòmhdachadh le peant rè na h-oidhche.

    Tha am Poileas air ràdh nach eil duine sam bith fo amharas fhathast agus cha chanadh iad an deach an eucoir a chlàradh air CCTV.

  • Còrr ‘s 9000 mìle an lathair aig Fèis-pròise Ghlaschu ann am meadhan connspaid ùr

    Thathar a’ meas gun robh còrr ‘s 9,000 duine an lathair aig Fèis-pròise Ghlaschu an-dè.

    Thuirt Crìsdean Tait, cathraiche an fhèis:

    “Thathar a’ meas gun tàinig còrr ‘s 9,000 neach còmhla fo bhràtach sìtheil agus toilichte ri càirdean, teaghlaich no mar phàirt de bhuidheann.”

    “Tha e air a bhith gu math soirbheachail. Bha nas lugha na an-ùiridh an-lathair ach bha faireachdainn iongantach aig a’ chaismeachd.”

    A dh’aindeoin sin tha an tachartas ann am meadhan connspaid ùr as deidh dhan aonadh-ciùird Unite dearbhadh Diardaoin nach biodh iad an-làthair air sgàth malairteachadh an tachartaIs agus air sgàth ‘s gu bheil companaidhean mòra a’ cleachdadh pride airson barrachd luchd-ceannaich fhaighinn.

    Bha tiocaidean a’ cosg £120 do bhuidhnean LGDTQ+ agus £420 do bhuidhneana malairteach agus chosg e £600 airson carbad-fèille a chur anns a’ chaismeachd.

    Tha tachartas Disathairne cuideachd air beagan deasbaid a thogail am measg na coimhearsnachd air sgàth carbad-tiodhlachaidh a nochd anns a’ chaismeachd ann an dathan a’ bhogha-froise.

    Tha mòran daoine air Twitter ag ràdh gu robh an carbad-tiodhlachaidh mì-iomchaidh air sgath an àireamh de dhaoine LGDTQ+ a bhios a’ basachadh mar thoradh fèin-mharbhadh agus AIDS.

    Tha seo a’ leatainn connspaid an-ùiridh nuair a chaidh cus tiocaidean a reic airson an tachartas a’ ciallachadh nach robh cuid de dhaoine comasach air a dhol ann. Cuideachd bha gearanan mu dheidhinn droch-làimhseachadh de chleasaichean agus luchd-aoigheachd.

    As t-fhoghar chaidh a dhearbhadh gun robh am poileas a’ toirt sùil air ionmhas na buidhne agus aig coinneamh poblach as t-Samhain dhearbh Stiùirich na Buidhne, Chris Laing, gun robh £32,500 fhathast aca ri phàigheadh ris a’ chomhairle.

    Anns an aithisg bliadhnail aca dhan riaghlaiche carthannais OSCR, a ghabhas a leughadh an-seo, dhearbh iad call còrr ‘s £46,000 an-uiridh, a’ toirt a-steach caiteachas mì-cheadaichte de £41,422.