• Draghan aig luchd-poilitigs SNP mu ath-leasachaidhean tar-ghnèitheach

    Tha còig-deug neach-poilitigs an SNP air draghan a thogail mu phlanaichean Riaghaltas na h-Alba airson Achd Aithne Gnè ath-leasachadh.

    Tha an Riaghaltas airson an achd ath-leasachadh gus am biodh e nas fhasa do dhaoine tar-ghnèitheach an gnè laghail aca atharrachadh.

    Ach ann an litir, a chaidh a fhoillseachadh leis a’ phàipear-naidheachd Scotsman, thuirt am buidheann de luchd-poilitigs nach bu chòir dhan Riaghaltas a bhith ann an cabhaig airson mìneachadh nam faclan boireann agus fireann atharrachadh.

    Chaidh an litir a shoidhnigeadh le triùir mhinistearan Riaghaltais, Kate Forbes, Ash Denham agus Ivan McKee, còmhla ris na BPA Joan McAlpine, Ruth Maguire, Christine Grahame agus Kenneth Gibson; na BP Carol Monaghan, Angus MacNeil, Joanna Cherry agus Particia; agus na comhairlichean Chris McEleny, Caroline McAllister, Shaun Macaulay agus Lynne Anderson.

    Anns an litir aca, thuirt am buidheann gum biodh buaidh air poileasaidhean agus seirbheisean nan robh gnè agus aithneachadh gnè air am co-mheasgachadh agus chaidh draghan a thogail leotha gum faodadh leigeil le daoine an gnè aca fhèin atharrachadh gu laghail cron a dhèanamh air an dìon laghail a tha Achd Co-ionannachd a’ toirt do bhoireannaich.

    Cuideachd thuirt iad gu bheil dealas aca uile do “chòirichean daonna, co-ionannachd agus urram dha na h-uile” agus chan eil iad ri gràin an aghaidh daoine tar-ghnèitheach le bhith a’ togail draghan mu na molaidhean.

    Tha an litir a’ tighinn seachdain as dèidh dha nochdadh gun robh triùir BPA a’ càineadh seasamh a’ Phrìomh Mhinisteir Nicola Sturgeon a thaobh còirichean tar-ghnèitheach.

    Chaidh na teachdaireachdan a lorg ann an còmhradh prìobhaideach air Twitter le seann neach-obrach an SNP a chur air adhart iad ri Phink Saltire.

    Anns na teachdaireachdan bha Ash Denham, Ruth Maguire agus Gillian Martin a’ deasbad nan robh Nicola Sturgeon a’ dol an-aghaidh faireachdainn a’ phàrtaidh a thaobh ath-leasachaidhean gnè as dèidh i ràdh nach eil i a’ faicinn barrachd aithneachadh air còirichean tar-ghnèitheach mar chunnart dhi mar bhoireannach neo mar fheimineach.

    Dè tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh?

    Tha daoine tar-ghnèitheach comasach air an gnè laghail aca atharrachadh fon Achd Aithne Gnè ach airson sin a dhèanamh feumaidh iad dà aithisg mheidigeach a chur a-steach ri phannal a dhearbhas gu bheil mì-rian gnè orra. Cuideachd feumaidh iad dearbhadh gu bheil iad air a bhith a’ fuireach anns ann gnè aithnichte aca fad co-dhiù dà bhliadhna agus gu bheil iad an dùil a dhèanamh airson a’ chòrr dhen bheatha aca.

    Tha an Riaghaltas dhen bheachd gur e pròiseas seann-fhasanta agus sàithteach a th’ ann an seo agus iad airson gluasad gu pròiseas fèin-aithneachaidh. Tha iad cuideachd airson an aois aig am faod neach an gnè laghail aca atharrachadh ìsleachadh bho 18 gu 16.

    Tha laghan mar seo stèidhichte mar-thà ann an dùthchannan a leithid Èirinn, An Danmhairg, Nirribhidh agus Argentina.

  • Buill SNP a’ càineadh a’ Prìomh Mhinisteir airson a seasamh a thaobh còirichean tar-ghnèitheach

    Chaidh teachdaireachdan a fhoillseachadh air loidhne anns a bheil triùir BPA SNP a’ càineadh seasamh a’ Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, a thaobh còirichean tar-ghnèitheach agus ath-leasachaidhean air an Achd Aithne Gnè.

    Chaidh na teachdaireachdan a lorg ann an còmhradh prìobhaideach air Twitter le seann neach-obrach an SNP a chur air adhart iad ri Phink Saltire.

    Anns na teachdaireachdan, a ghabhas a leughadh gu h-ìseal, tha Ash Denham, Ruth Maguire agus Gillian Martin a’ deasbad ma tha Nicola Sturgeon a’ dol an-aghaidh faireachdainn a’ phàrtaidh a-thaobh ath-leasachaidhean gnè as dèidh i ràdh nach eil i a’ faicinn barrachd aithneachadh air còirichean tar-ghnèitheach mar chunnart dhi mar bhoireannach neo mar fheimineach.

    ‘S e Ruth Maguire BPA airson Coineagan a Deas agus ‘s i Neach-gairm Comataidh Co-ionannachd is Còireachan Daonna ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bhiodh uallach oirre sgrùdadh èifeachdach agus cothromach air atharrachaidhean sam bith a mhol an Riaghaltas dhan Achd Aithne Gnè.

    ‘S e Gillian Martin BPA airson Siorrachd Obar Dheathain an Ear agus ‘s i Neach-gairm Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh an Fhearainn.

    ‘S e Ash Denham BPA airson Dùn Èideann an Ear agus ‘s i na Ministear Chaibineat airson Sàbhailteachd Coimhearsnachd.

    Ann an agallamh le Pink Saltire, thuirt an neach a lorg na teachdaireachdan:

    “Chuir e iognadh orm an còmhradh fhaicinn. Cha toigh leam idir an dòigh anns a bhios daoine anns an SNP a’ bruidhinn mu dheidhinn daoine tar-ghnèitheach no na tha Joan McAlpine air a ràdh.”

    “Chan eil cuid de dhaoine a’ faicinn na tha dha-rìreabh cudromach – gur docha gur e daoine tar-ghnèitheach am buidheann as iomallaiche anns a’ chomann-sòisealta an-dràsta agus gum bu chòir do na h-ìrean fèin-mharbhadh a-mhàin sealltainn gum bu chòir dhuinn dèanamh nas fheàrr.”

    Tha eas-aonta mu na h-ath-leasachaidhean gnè air a bhith a’ fàs anns a’ phàrtaidh thairis na seachdainnean a dh’fhalbh le Joan McAlpine a’ càineadh buidhnean iomairt tar-ghnèitheach agus cuid de dhaoine ga càineadh airson beachdan oilbheumach a cho-roinn i air na meadhanan sòisealta.

    Tha Riaghaltas na h-Alba, a tha air an stiùireadh leis an SNP, air dearbhadh mar-thà gu bheil iad airson laghan gnè ath-leasachadh gus am bi iad nas fhaisge air cleachdaidhean as fheàrr eadar-nàiseanta.

    Mar fhreagairt air na teachdaireachdan thuirt neach-labhairt an SNP:

    “Tha an SNP a’ toirt taic do chòirichean tar-ghnèitheach agus còirichean bhoireannach mar phàirt dhen dleastanas làidir againn airson còirichean daonna agus co-ionannachd.”

    “Feumaidh daoine tar-ghnèitheach a bhith comasach air beathannan gun bhacaidhean neo-riatanach agus leth-bhreith.”

    “Tha e cudromach gun tèid deasbad sam bith mu chòirichean tar-ghnèitheach agus còireachan bhoireannach a chumail le urram.”

    Bho chaidh na teachdaireachdan a fhoillseachadh air loidhne tha buill eile an SNP, a leithid Mhairi Black, Stewart MacDonald agus Angela Crawley, air an taic aca do chòireachan tar-ghnèitheach a dhearbhadh air Twitter.

    Dh’ iarr Pink Saltire air Ash Denham, Ruth Maguire agus Gillian Martin aithris a dhèanamh ach cha d’fhuair iad freagairt.

  • Prògram aithriseach ùr a’ soillseachadh beathannan banrighrean-draga Ghlaschu

    Thèid prògram aithriseach ùr a shealltainn air BBC Scotland a-nochd (10f) a bheireas sùil air beathannan triùir banrighrean-draga ann an Glaschu.

    Bidh am prògram a’ leantainn Barbara Le Bush fhad ‘s a tha i ag ullachadh airson Fèis-pròise Eilean Bhòid 2018, banrigh-draga Instagram Lawrence Chaney, agus Voss, caideat sa chabhlach mharsanta a tha dìreach air drag a thòiseachadh.

    Tha fèill mhòr air drag an-dràsta le prògraman eile a leithid Ru Paul’s Drag Race ga thoirt ri ginealach ùr agus tha am prògram ag amas air coimhearsnachd drag Ghlaschu a shoillseachadh.

    Faodar Mother Tuckers: Drag Queens of Glaschu fhaicinn air an t-sianal ùr BBC Scotland aig 10f oidhche Mhàirt.

  • Ionnsaigh ann an Dùn Èideann

    Tha STV News ag aithris gu bheil am Poileas a’ rannsachadh ionnsaigh air fireannach, 40, ann an Dùn Èideann.

    Bha Ben Lyons a’ coiseachd gu stad-bus tràth madainn Dimàirt, nuair a chaidh ionnsaigh a thoirt air le dithis fhireannaich agus chaidh a aodann a leòn gu dona.

    Bha Mgr Lyons a’ tilleadh dhachaigh as dèidh dha pàirt a ghabhail ann an oidhche karaoke anns a’ bhàr Opium far an do nochd e mar a’ bhanrigh draga Mistress Sinistra Lovecraft.

    Thuirt e ri STV News nach eil cuimhne aige air an ionnsaigh ach gu bheil e a’ smaointinn gun do thachair e air sgàth ‘s gun robh e ann an drag fhathast.

    Thuirt neach-labhairt a’ Phoileis:

    “Tha sinn a’ rannsachadh ionnsaigh dona a thachair air South Bridge mu 3.20 madainn Dimàirt.”

    “Chaidh neach a dhlùthachadh le dithis fhireannach, a thug ionnsaigh briathrail agus corporra orra, gan fhàgail le leòn mun aodann a bha feumach air cùram san ospadal.”

  • Maoin ùr air a stèidheachadh gus taic a thoirt do dh’eagraichean fèisean-pròise na h-Alba

    Tha Pink Saltire, seirbheis naidheachd LGDT na h-Alba, air an iomairt ùr, The Scottish Pride Fund, a chur air bhog gus taic ionmhais a thoirt do dh’eagraichean fèisean-pròise air feadh na h-Alba.

    A bharrachd air maoineachadh do dh’fhèisean-pròise a tha stèidhichte mar-thà, thèid maoin leasachaidh sònraichte a stèidheachadh gus coimhearsnachdan a chuideachadh le bhith a’ stèidheachadh fèisean-pròise ùra.

    Airson a bhith airidh air maoineachadh, feumaidh eagraichean dearbhadh gun robh teachd-a-steach fo £100,000 aca sa bhliadhna roimhe agus gum bi an tachartas aca an-asgaidh ri fhrithealadh.

    Thathar a-nis a’ toirt cuireadh do ghnìomhachasan agus buidhnean gus fios a chur gu Pink Saltire gus faighinn a-mach mar a dh’fhaodadh iad a bhith nan neach-urrais.

    Gheibhear barrachd fhiosrachaidh mun a’ mhaoin air an làrach-lìn scotpride.org no le bhith a’ cur post-d gu info@scotpride.org.

    Thuirt Stuart Duffy, Neach-chruthachaidh Pink Saltire:

    “Tha sinn air am maoin a chur air bhog gus cuid dhen chuideam a bhios air eagraichean ionadail a thogail agus gus an t-urrasachd a sgaoileadh gu cothromach air feadh na dùthcha far am faigh urrasairean tilleadh nas motha air an urrasachdan aca cuideachd.”

    Dh’ainmich Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte an-uiridh maoineachadh a bharrachd de £1m airson iomairtean LGDT ann an Sasainn ach thuirt Riaghaltas na h-Alba anns a’ Ghearran 2018 nach rachadh maoin dhen aon seòrsa a stèidheachadh ann an Alba.

  • Planaichean Fèis-pròise Ghlaschu air a dhiùltadh leis a’ chomhairle

    Tha Glasgow Life air dearbhadh nach tèid Fèis-pròise Ghlaschu a chumail aig Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne am-bliadhna air sgàth ’s suim airgid a tha fhathast ri phàigheadh ris a’ chomhairle airson tachartasan roimhe.

    Ann an aithris ri Phink Saltire madainn an-diugh thuirt an carthannas, a bhios a’ ruith goireasan cultarach as leth Comhairle Baile Ghlaschu, nach fhaod an tachartas goireasan comhairle a chleachdadh airson tachartas am-bliadhna.

    Tha grunn dhuilgheadasan air a bhith aig an tachartas anns na mìosan a chaidh seachad.

    Chaidh a chàineadh an-uiridh air sgàth ’s gun deach cus tiocaidean a reic agus nach robh cuid de dhaoine comasach air a dhol ann. Cuideachd bha gearanan mu dheidhinn droch-làimhseachadh de chleasaichean agus luchd-aoigheachd.

    As t-fhoghar chaidh a dhearbhadh gun robh am poileas a’ toirt sùil air ionmhas na buidhne agus aig coinneamh poblach as t-Samhain dhearbh Stiùirich na Buidhne, Chris Laing, gun robh £32,500 fhathast aca ri phàigheadh ris a’ chomhairle.

    Anns an aithisg bliadhnail aca dhan riaghlaiche carthannais OSCR, a ghabhas a leughadh an-seo, dhearbh iad call còrr ’s £46,000 an-uiridh, a’ toirt a-steach caiteachas mì-cheadaichte de £41,422.

    Tha comhairle a’ bhaile a-nis air an taic aca a chur ris a’ bhuidheann ùr LGBT Co-operative a bhios a’ cumail an tachartas an-asgaidh Mardi Gla sa bhaile as t-samhraidh.