• Eaglais Dhùn Phrìs a’ beachdachadh air taighean LGDT a leasachadh

    Tha BBC News ag aithris gu bheil eaglais ann an Dùn Phrìs a’ beachdachadh air taighean ùra a leasachadh dhan choimhearsnachd LGDT air làrach Eaglais an Naoimh Bhrìghde.

    Chaidh an eaglais a thogail anns na 1860’an agus tha i fhathast aon de na toglaichean as fhollaisiche sa bhaile.

    Thuirt Dr. Belle Doyle, a tha a’ stiùireadh an sgioba dealbhaidh, ris a’ BhBC gu bheil Eaglais Anglach an Naoimh Brìghde air a bhith a’ coimhead air àm ri teachd na h-eaglaise.

    “‘S e aon dhe na duilgheadasan a th’ ann gur e eaglais uabhasach mhòr agus cha bhi mòran dhaoine ga cleachdadh a-nis”, ars i.

    “B’ e am beachd rudeigin a thogail aig a’ chùl a bhiodh a’ pàigheadh beagan de mhàl talmhainn no rudeigin gus an eaglais a chumail a’ dol.”

    Mhìnich i gu bheil iad airson pròiseact rud beag diofraichte a dhèanamh agus iad a’ beachdachadh air taighean a leasachadh do dhaoine LGDT nas sine.

    “Tha mi air a bhith an-sàs leis a’ bhuidheann LGDT ann an Dùn Prìs is Gall-Ghaidhealaibh fiù ’s mus robh LGDT air”, lean i air adhart.

    “Tha mi eòlach air tòrr dhaoine, ged a tha iad ag iarraidh a bhith a’ fuireach san sgìre, tha daoine a’ fàs nas sine, tha iad a’ fàs beagan nas iomallaiche.”

    “‘S e seo buidheann so-leònte a bhiodh airson greim a ghabhail air cothrom air dòigh-beatha nas bailteil.”

    Airson barrachd ionnsachadh mun sgeulachd seo, tadhalaibh air BBC News: LGBT-friendly homes at Dumfries church could be ‘life-changing’.

  • David Mundell: “B’e tighinn a-mach aon de na rudan as duilighe a rinn mi”

    Tha David Mundell BP, air ràdh gum b’ e tighinn a-mach aon de na rudan as duilghe a rinn e.

    “B’ e tighinn a-mach aon de na rudan as duilghe a rinn mi, ach aon de na rudan as cudromaiche cuideachd. Chuir na fhuair mi de thaic bho càirdean, teaghlach agus co-obraichean iongnadh orm.”

    “Bu chòir a h-uile duine a bhith comasach air fuireach mar a thogras iad, gu sàbhailte, gu misneachail agus gun eagal ro bhreith no leth-bhreith. Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh a thaobh còirichean airson ar coimhearsnachdan LGDT, agus tha Mìos Eachdraidh LGDT na chuimhneachan luachmhor air na coileanaidhean sin a chaidh a bhuannachadh le oidhirp mhòr.”

    “Ach, tha barrachd againn fhathast ri dhèanamh gus comann-sòisealta làn in-ghabhalach a thogail.”

    Thàinig Mr Mundell a-mach ann an 2016 agus b’ e na chiad bhall de chaibineat Tòraidheach na RA gus a cho-sheòrsachd fhoillseachadh.

    Bha Mr Mundell a’ bruidhinn air thòisich air fàilteachas a bhios Mr Mundell ag aoigheachd ann an Dùn Èideann an-diugh mar phàirt de Mhìos Eachdraidh LGDT.

    Mar phàirt dhen fàilteachas bidh taisbeanadh sònraichte de dhealbhan a tha na buidhnean òigridh Fìobha Flavours of Fife agus Madras Pride air a thogail le taic bho neach-ealain agus dealbhaiche Suaineach, Jannica Honey.

    Thuirt Mr Mundell mun thachartas:

    “Ann an Dùn Èideann an t-seachdain seo, tha mi a’ coimhead air adhart ri urram a thoirt do chuid dhen na bhuidhnean LGDT agus luchd-iomairt iomadachd as cudromaiche ann an Alba. Tha mi air leth toilichte a bhith comasach air obair buidheann tàlantach de luchd-deilbh òga LGDT bho Fìobha a thaisbeanadh.”

    Faodar barrachd ionnsachadh mun taisbeanadh an-seo.

  • A’ gluasad bho WordPress gu Jekyll

    O chionn 2008 tha An Gèidheal Ùr air a bhith na bhlog WordPress (a’ ruith grunn plugain treas-phàrtaidh) a tha mi air a bhith ag òstaireachd agus a’ cumail suas leam fhèin.

    Dh’obraich e math gu leòr airson greis, ach tha mi air a bhith a’ fàs sgìth le duilleagan slaodach, mearachdan frithealaiche, amannan far-loidhne agus ùrachaidhean a stàladh fad na h-ùine agus mar sin tha an làrach-lìn a-nis air gluasad bho WordPress gu Jekyll.

    Tha mi air feuchainn ri buaidh a’ ghluasaid a lùghdachadh – bu chòir a’ mhòr-chuid de sheann cheanglaichean a bhith ag obair fhathast agus tha coltas an làraich-lìn ùr cha mhòr co-ionnan ris an an t-seann làrach-lìn.

    Dh’fhaodadh gum bi bug no dhà ann fhathast is mar sin bhithinn fada nur comain ma chuireas sibh fios thugam air Twitter ma lorgas sibh fear.

    Dè th’ ann an Jekyll?

    ‘S e gineadair làrach-lìn a th’ ann an Jekyll a bhios a’ toirt faidhlichean teacsa (a’ toirt a-steach faidhlichean Markdown) gus làraichean-lìn stadaigeach a chruthachadh a dh’fhaodar a luchdachadh.

    ‘S e an prìomh diofar eadar Jekyll agus WordPress nach fheum Jekyll an làrach-lìn a chruthachadh ach nuar a thèid atharrachadh a dhèanamh agus nach fheum e sreath de dh’iarrtasan stòr-dàta a dhèanamh a h-uile turas a tha duilleag air a luchdachadh. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil an làrach-lìn fada nas luaithe.

    Tha e cuideachd a’ ciallachadh gu bheil mi comasach air postaichean a sgrìobhadh ann am faidhlichean teacsa sìmplidh a’ cleachdadh am bathar-bog as fheàrr leam agus ’s urrainn dhomh fiù ’s sgrìobhadh fhad ’s a tha mi far-loidhne.

    ‘S buannachd mhòr eile a th’ ann gum faodar làraichean-lìn Jekyll òstaireadh an-asgaidh air GitHub Pages far am faigh sibh teisteanas HTTPS an-asgaidh cuideachd.