• Leigheas sìolachadh in-bhiotro air a thabhann do chàraid fhireannach ann an Alba

    Thàinig e am follais Didòmhnaich gun deach leigheas sìolachadh in-bhiotro a thabhann do chàraid fhireannach co-sheòrsach ann an Alba airson a’ chiad turas a-riamh san Rìoghachd Aonaichte.

    A-rèir The Mail on Sunday, bidh SNS a’ toirt maoineachadh dhan chàraid gus ugh a thorrachadh le sìol-ghinidh aon dhiubh mus tèid an suth a ion-phlanntadh ann an neach-ionaid gus a thoirt gu breith.

    Chaidh stiùireadh SNS atharrachadh ann an 2013 gus cothrom a thoirt gu càraidean aon-sheòrsach agus boireannaich singilte air sìolachadh in-bhiotro a chleachdadh ann an Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh.

    Aig an àm ge-tà bha e toirmeasgte luchd-ionaid a chleachdadh airson IVF, a’ ciallachadh nach robh càraidean fireannach comasach air a chleachdadh.

    Dh’atharraich Riaghaltas na h-Alba am poileasaidh sin ann an 2017 gus leigheas sìolachaidh a thabhann an-asgaidh do chàraid sam bith ge bith dè an gnè no an aidmheil cleamhnais aca.

    Dhearbh neach-labhairt Riaghaltas na h-Alba ris The Mail on Sunday gu bheil SNS a’ tabhann leigheas sìolachadh in-bhiotro do dh’fhireannaich ann an dàimhean aon-sheòrsach fiù ‘s ma bhios iad a’ cleachdadh neach-ionaid, ach chuir e cuideam air a’ phuing nach lorgadh SNS neach-ionaid dhaibh.

  • Connspaid mu dheidhinn pòsadh aon-sheòrsach ag adhbharachadh sgaradh ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba

    Tha 87% de bhuill Eaglais Choimhearsnachd Westhill ann an Siorrachd Obair Dheathain air bhòtadh gus briseadh air falbh bho Eaglais Easbaigeach na h-Alba air sgàth ‘s suidheachadh a’ bhuidheann nàiseanta a-thaobh pòsadh aon-sheòrsach.

    Thuirt an t-Urr. Fearghasdan ri The Press & Journal:

    “Tha mi gu math duilich gu bheil an ìre seo air tighinn, tha e a’ briseadh mo chidhe.”

    “Tha mi air a bhith nam bhall ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba airson grunn deicheadan agus cha robh mi airson a bhith san suidheachadh seo.”

    “Tha e ro thràth a ràdh an dràsta dè a thachras a-nis.”

    “Leanaidh sinn oirnn a bhith nan Anglaich Ortadogsach agus cha bhi sinn a’ cruthachadh buidheann ùr.”

    Ann an 2017 bhòt Seanadh na h-Eaglaise gus cead a thoirt do phòsaidhean aon-sheòrsach.

    Leig an t-Urr. Fearghasdan a dhreuchd ann an Caibideil a’ Chathair-eaglais air sgàth ‘s a’ cho-dhùnadh sin ag ràdh gun do bhòt an sgìre-easbaig aige an-aghaidh sagairtean a’ gabhail pàirt ann an pòsaidhean aon-sheòrsach.

    Thàinig a’ chùis gu ceann an-uiridh nuair a chaidh an t-Urr. Anna Dyer na h-Easbaig Obair Dheathain agus Arcaibh.

    Sgrìobh an t-Urr. Fearghasdan litir ri ceannardan na h-eaglaise anns an do thuirt e:

    “Thuirt an Easbaig a bh’ againn aig an àm gu robh e an-aghaidh chlàr-ghnothaich ath-sgrùdachail dhen t-seòrsa seo, a’ comharrachadh cha e a-mhàin am beachd pearsanta aige fhèin, ach beachd an sgìre-easbaig againn.”

    “A dh’aindeoin sin, ge-tà, tha sibh air easbaig a chur an dreuchd nach eil dìreach a’ toirt taic do phòsadh aon-sheòrsach, ach a tha air pòsaidhean aon-sheòrsach a stiùireadh.”

    Ann an aithris mun naidheachd as ùire thuirt an t-Urr. Dyre gu bheil i gu math duilich gu bheil Eaglais Choimhearsnachd Westhill airson briseadh air falbh bhon Eaglais Easbaigeach na h-Alba agus gum bi i ag obair còmhla riutha gus an t-eadar-ghluasad a dhèanamh.

  • Talla-spors Dhùn Èideann a’ tabhann chlasaichean fallaineachd an-asgaidh do dhaoine tar-gnèitheach agus neo-bhìnearaidh

    Tha an talla-spòrs neo-phrothaideach Projekt 42 ann an Lìte air ainmeachadh gum bi iad a’ tabhann chlasaichean fallaineachd seachdaineil an-asgaidh do dhaoine tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh.

    ‘S e amas an talla-spòrs slàinte-inntinn nan com-pàirtichean neartachadh le eacarsaich chorporra agus thuirt iad gu bheil iad airson àite eacarsaich sàbhailte a chruthachadh do dhaoine tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh.

    Bidh iad a’ tabhann clasaichean do dh’fhireannaich tar-ghnèitheach agus do bhoireannaich tar-ghnèitheach ach thuirt na h-eagraichean gum bi fàilte ron a h-uile duine aig an dà chlas.

    Bidh na clasaichean air am maoineachadh le airgead a thèid a thogail le clasaichean eile a tha iad a’ tabhann.

    A bharrachd air na clasaichean fallaineachd gheibh com-pàirtichean cothrom air an lann lùth-chleas a chleachdadh an-asgaidh fad ceithir sheachdain agus ballrachd lasaichte gu gnìomhan eile an talla.

  • Geamaichean-bhidio LGDTQ air an taisbeanadh ann an taigh-tasgaidh Bherlin

    Tha Taigh-tasgaidh Schwules ann am Berlin air taisbeanadh ùr fhosgladh gus geamaichean-bhidio LGDTQ a chomharrachadh.

    Bidh luchd-tadhail a’ leantainn an taisbeanadh timcheall bogha-froise, le dath eadar-dhealaichte aig gach roinn, a’ comharrachadh nan 33 bliadhna mu dheireadh de shusbaint LGDTQ ann an geamaichean tro ealain spèisearan, cuimhneachain agus agallamhan bhidio le luchd-dealbhaidh – a bharrachd air tiotalan mar Caper in the Castro, aon dhen a’ chiad gheamaichean LGDTQ, a tha ri cluich leis an luchd-tadhail.

    Chaidh an taisbeanadh a chruthachadh le neach-tasgaidh, Jan Schnorrenberg; neach-naidheachd geamaichean-bhidio, Sarah Rudolph; agus Dr Adrienne Shaw, a tha na proifeasair agus ùghdar a’ speisealachadh ann an cùisean queer, feisealachd agus gnè ann an geamaichean-bhidio agus eachdraidh geamaichean-bhidio LGDTQ.

    Ann an 2016 stèidhich Shaw an làrach-lìn LGBTQ Video Game Archive gus eachdraidh geamaichean-bhidio LGDTQ a chlàradh. Thuirt i ris The Guardian:

    “Ron an tasglann, cha robh tuigse eachdraidheil air susbaint LGDTQ sa mheadhan seo.”

    “Tha e ga dhèanamh furasta a dhìochuimhneachadh gu bheil an seòrsa susbaint seo an còmhnaidh air a bhith ann an geamaichean.”

    Thuirt Schnorrenberg gu bheil i “an dòchas gum faigh na daoine a bhios a’ dol chun taisbeanadh seo cothrom air an cultar iongantach a tha ann an seo.”

    Bidh Rainbow Arcade: Queer Gaming History 1985-2018 ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh Schwules gu 13mh Chèitean 2019.

  • Eòlaiche Sgaoileadh-ghalaran air iarraidh air Riaghaltas Innis Tìle crìoch a chur air a’ chasg a tha toirmeasg daoine gèidh bho bhith a’ toirt seachad fala

    Tha Þórólfur Guðnason, aon dhe na prìomh Eòlaichean Sgaoileadh-ghalaran (Epidemiologist) ann an Innis Tìle, air iarraidh air an riaghaltas crìoch a chur air a’ chasg iomlan a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

    A-rèir The Reykjavik Grapevine, thuirt Guðnason:

    “An toiseach, tha barrachd teans a-measg a’ bhuidheann seo air HIV no Hepatitis C san fhuil aca. “

    “Tha daoine anns a’ bhuidheann seo a tha ri feise le dìon agus mar sin nach eil ann an cunnart, tha daoine eile ann ge-tà, aig a bheil dòigh-bheatha feiseil nas fosgailte, a tha buailteach air galaran mar seo a sgaoileadh.”

    “Tha mi a’ creidsinn, mar a tha daoine eile anns an Roinn Eòrpa air a dhèanamh, gun urrainn sinn an casg iomlan a chur às agus grèis càtaidh airson grunn mhìosan a stèidheachadh.”

    Anns na dùthchannan Lochlannach eile a leithid Nirribhidh agus an t-Suain faodaidh fireannaich fala a thoirt seachad mura h-eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad 12 mìos.

    Ged a tha casg iomlan ann an gnìomh san Danmhairg an dràsta, thèid an lagh atharrachadh ann an 2019 gus leigeil le fireannaich fala a thoirt seachad mura h-eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad 4 mìos.

  • Postairean Stonewall

    Postairean Gàidhlig ann an stoidhle an iomairt “Some People are Gay” le Stonewall.

    Tha cuid de dhaoine co-sheòrsach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine dà-sheòrsach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine far-ghnèitheach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine gèidh. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine ioma-ghnèitheach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine ioma-sheòrsach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine leasbach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine leth-ghnèitheach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine leth-sheòrsach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine neo-bhìnearaidh. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine neo-ghnèitheach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine neo-romansach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine neo-sheòrsach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine pan-ghnèitheach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine pan-sheòrsach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine queer. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine tar-ghnèitheach. Gabh ris!

    Tha cuid de dhaoine tar-sheòrsach. Gabh ris!