Draghan aig luchd-poilitigs SNP mu ath-leasachaidhean tar-ghnèitheach

Tha còig-deug neach-poilitigs an SNP air draghan a thogail mu phlanaichean Riaghaltas na h-Alba airson Achd Aithne Gnè ath-leasachadh.

Tha an Riaghaltas airson an achd ath-leasachadh gus am biodh e nas fhasa do dhaoine tar-ghnèitheach an gnè laghail aca atharrachadh.

Ach ann an litir, a chaidh a fhoillseachadh leis a’ phàipear-naidheachd Scotsman, thuirt am buidheann de luchd-poilitigs nach bu chòir dhan Riaghaltas a bhith ann an cabhaig airson mìneachadh nam faclan boireann agus fireann atharrachadh.

Chaidh an litir a shoidhnigeadh le triùir mhinistearan Riaghaltais, Kate Forbes, Ash Denham agus Ivan McKee, còmhla ris na BPA Joan McAlpine, Ruth Maguire, Christine Grahame agus Kenneth Gibson; na BP Carol Monaghan, Angus MacNeil, Joanna Cherry agus Particia; agus na comhairlichean Chris McEleny, Caroline McAllister, Shaun Macaulay agus Lynne Anderson.

Anns an litir aca, thuirt am buidheann gum biodh buaidh air poileasaidhean agus seirbheisean nan robh gnè agus aithneachadh gnè air am co-mheasgachadh agus chaidh draghan a thogail leotha gum faodadh leigeil le daoine an gnè aca fhèin atharrachadh gu laghail cron a dhèanamh air an dìon laghail a tha Achd Co-ionannachd a’ toirt do bhoireannaich.

Cuideachd thuirt iad gu bheil dealas aca uile do “chòirichean daonna, co-ionannachd agus urram dha na h-uile” agus chan eil iad ri gràin an aghaidh daoine tar-ghnèitheach le bhith a’ togail draghan mu na molaidhean.

Tha an litir a’ tighinn seachdain as dèidh dha nochdadh gun robh triùir BPA a’ càineadh seasamh a’ Phrìomh Mhinisteir Nicola Sturgeon a thaobh còirichean tar-ghnèitheach.

Chaidh na teachdaireachdan a lorg ann an còmhradh prìobhaideach air Twitter le seann neach-obrach an SNP a chur air adhart iad ri Phink Saltire.

Anns na teachdaireachdan bha Ash Denham, Ruth Maguire agus Gillian Martin a’ deasbad nan robh Nicola Sturgeon a’ dol an-aghaidh faireachdainn a’ phàrtaidh a thaobh ath-leasachaidhean gnè as dèidh i ràdh nach eil i a’ faicinn barrachd aithneachadh air còirichean tar-ghnèitheach mar chunnart dhi mar bhoireannach neo mar fheimineach.

Dè tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh?

Tha daoine tar-ghnèitheach comasach air an gnè laghail aca atharrachadh fon Achd Aithne Gnè ach airson sin a dhèanamh feumaidh iad dà aithisg mheidigeach a chur a-steach ri phannal a dhearbhas gu bheil mì-rian gnè orra. Cuideachd feumaidh iad dearbhadh gu bheil iad air a bhith a’ fuireach anns ann gnè aithnichte aca fad co-dhiù dà bhliadhna agus gu bheil iad an dùil a dhèanamh airson a’ chòrr dhen bheatha aca.

Tha an Riaghaltas dhen bheachd gur e pròiseas seann-fhasanta agus sàithteach a th’ ann an seo agus iad airson gluasad gu pròiseas fèin-aithneachaidh. Tha iad cuideachd airson an aois aig am faod neach an gnè laghail aca atharrachadh ìsleachadh bho 18 gu 16.

Tha laghan mar seo stèidhichte mar-thà ann an dùthchannan a leithid Èirinn, An Danmhairg, Nirribhidh agus Argentina.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.