• Riaghailtean ùra gus dèiligeadh ri gràin-tar-ghnèitheachd air Twitter

    Tha Twitter air na riaghailtean aca ùrachadh gus dèiligeadh ri daoine a tha ri gràin-tar-ghnèitheachd.

    Tha Gay Times ag aithris gun deach na riaghailtean ùrachadh san Dàmhair ach cha deach a mhothachadh ron a sheo.

    Anns na Teirmean agus Cumhaichean ùra aca tha iad a’ soilleireachadh gum bi tòrr dhaoine LGDT+ a’ fulang droch-dhìol air loidhne.

    “Tha sinn ag aithneachadh gum bi an droch-dhìol a bhios daoine a’ fulang air Twitter a’ toirt buaidh air an comas aca a bhith a’ cur iad fhèin an cèill.”

    “Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil cuid de bhuidhnean dhaoine air an cuimseachadh gu neo-iomchaidh le droch-dhìol air loidhne.”

    “Nam measg: boireannaich; daoine de dhath; daoine leasbach, co-sheòrsach, dà-sheòrsach, tar-ghnèitheach, queer, eadar-sheòrsach & neo-sheòrsach; coimhearsnachdan air an iomall agus gun riochdachadh gu h-eachdraidheil.”

    “Faodaidh droch-dhìol a bhith nas cumanta, nas dorra ann an nàdar agus a’ toirt buaidh nas àirde air daoine a bhios ag aithneachadh le iomadh buidheann dì-riochdaichte.”

    A bharrachd air na Teirmean agus Cumhaichean tha iad air na riaghailtean atharrachadh a thaobh aithriseadh de chunntasan droch-dhìolach.

    “Tha sinn a’ toirmeasg cuimseachadh air daoine le aithisean, tròpaichean no susbaint eile a bhios dì-dhaonnachadh, ìsleachadh no a bhios a’ daingneachadh gnàth-ìomhaighean àicheil no cronail mu bhuidhnean glèidhte.”

    “Tha seo a’ toirt a-steach cuimseachadh a dh’aona-ghnothach air daoine tar-ghnèitheach le bhith a’ cleachdadh an gnè neo ainm ceàrr dhaibh.”

  • Bu chòir cùisean LGDT+ a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne

    Tha doctairean bho Cholaiste Rìoghail Leigheas agus Slàinte Chloinne (RCPCH) air aontachadh gum bu chòir cùisean LGDT a bhith na phàirt “bunaiteach” de dh’fhoghlam chloinne.

    Tha an aithris aca air tighinn mar fhreagairt air co-chomhairle Roinn an Fhoghlaim mu atharrachaidhean dhan a’ churraicealam a thaobh Foghlam air Dàimhean agus Feise.

    Dh’aontaich iad ri ceist 10 a’ cho-chomhairle gu bheil an curraicealam ùr iomchaidh dhan a h-uile aois ach cha do dh’aontaich iad ri ceist 11: “A bheil sibh ag aontachadh gum bi susbaint a thaobh Foghlam air Dàimhean, mar a tha e air a mhìneachadh ann am paragrafan 50-57 dhen stiùireadh, a’ toirt eòlais gu leòr do sgoilearan bun-sgoile gus dàimhean deimhinneach a chruthachadh?”

    A-measg na molaidhean eile aca, thuirt iad gum bu chòir “aithris soilleir a bhith ann gu bheil daoine agus dàimhean LGDT na phàirt de theagaisg bun-sgoile mu dheidhinn dàimhean fallain. Faodar seo a shealltainn ann an co-cheangal ri teaghlaichean – ach tha e cuideachd feumail do chlann ionnsachadh ciall teirmean a leithid leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach.”

    Mar phàirt dhen fhreagairt aca air ceist 24, “A bheil beachdan sam bith eile agaibh mun dhreachd stiùireadh reachdail a bu mhath leibh toirt ris an roinn?”, thuirt iad gu bheil iad a’ cur fàilte air “am moladh” gum bu chòir cùisean LGDT a bhith ‘bunaiteach’.”

    Faodar am freagairt gu lèir aca a leughadh air loidhne an seo.

  • Poileas Alba ri sùil a thoirt air ionmhas Fèis-pròise Ghlaschu

    Chaidh iarraidh air Poileas Alba sùil a thoirt air ionmhas Fèis-pròise Ghlaschu.

    Thathar a’ tuigsinn gun deach fios a chur ris am poileas mu airgead a chaidh air chall as dèidh tachartas na bliadhna seo.

    ‘S e seo an dàrna rannsachadh air ionmhas an fhèis leis am Poileas ann am Manchester a’ sgrùdadh pàighidhean air loidhne.

    Thuirt Chris Laing, Stiùiriche an fhèis, gun robh e fhèin agus na h-oifigearan ùra eile draghail mu ionmhas na buidhne as dèidh dhaibh gabhail smachd air an fhèis as dèidh tachartas na bliadhna seo agus gun do chuir iad fios ris am poileas sa bhad.

    Tha na h-eagraichean fhathast an dùil gun tèid an fhèis air adhart ann an 2019 ged a tha fiach mhòr fhathast aca ri phàigheadh gu Comhairle Ghlaschu.

  • Cùisean LGDTC+ ri theagaisg ann an sgoiltean Albannach airson a’ chiad turas

    Chaidh ainmeachadh le Riaghaltas na h-Alba Diardaoin gun tèid cùisean LGDTC+ a theagaisg ann an leasanan sgoile airson a’ chiad turas.

    Ann an aithris ministreil gu Taigh an Ròid dh’ainmhich Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, gu bheil an Riaghaltas air gabhail ris a h-uile moladh de bhuidheann obrach foghlaim in-ghabhalach LGDTC+ (a ghabhas leughadh an seo) a chaidh a stèidheachadh leis an amas curraicealam agus àrainneachd shòisealta nas càirdeil a chruthachadh do sgoilearan LGDTC+ agus gus dèiligeadh ri burraidheachd.

    Am measg molaidhean a’ bhuidheann tha stiùireadh agus trèanadh nas fheàrr do thidsearan, sgrùdaidhean sgoile air in-ghabhail LGDTC+ agus clàr de thachartasan burraidheachd ann an sgoiltean.

    Gheibh a h-uile sgoil stàite taic gus diofar bhuidhnean aois a theagaisg mu chùisean a leithid briathrachas agus dearbh aithne LGDTC+, dèiligeadh ri leth-bhreith, gràin-co-shèorsachd, gràin-dà-sheòrsachd agus gràin-tar-ghnèitheachd agus eachdraidh an iomairt airson co-ionannachd.

    Ro 2000 bha e mì-laghail airson co-sheòrsachd a bhrosnachadh ann an sgoiltean fo Earrann 28.

    Tha an naidheachd seo a’ tighinn mar thoradh air an Iomairt TIE (Time for Inclusive Education) a chaidh a stèidheachadh ann an 2015 le Jordan Daly agus Liam Stevenson.

    A’ bruidhinn air an naidheachd thuirt co-stèidheadairean an iomairt:

    “As dèidh trì bliadhna de iomairt, tha sinn air leth toilichte gum bi foghlam in-ghabhalach LGDT na fhìrinn ann an sgoiltean stàite na h-Alba air fad. 18 bliadhna as dèidh Earrann 28 a mì-laghachadh tha frèam nàiseanta làidir againn mu dheireadh thall airson an sgàilean fada a chaidh a thilgeil thairis air an roinn foghlam againn a cheartachadh.”

    “Tha seo a’ ciallachadh gun ionnsaich daoine òga gu lèir mun choimhearsnachd LGDT; na tha iad air cur ris a’ chomainn-shòisealta, eachdraidh ar gluasadan airson còirichean co-ionann agus am buaidh a th’ aig gràin-co-sheòrsachd, gràin-dà-sheòrsachd, gràin-tar-ghnèitheachd agus burraidheachd.”

  • Aonar anns gach triùir de dhaoine LCD a’ fulang burraidheachd ann an sgoil agus san àite-obrach

    Tha aonar anns gach triùir de dhaoine leasbach, co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a dh’fhulaing burraidheachd nuair a bha iad ann an sgoil cuideachd a’ fulaing burraidheachd san àite-obrach a-rèir sgrùdadh ùr bho Oilthigh Anglia Ruskin.

    Chruthaich an sgrùdadh beachdan bho 400 duine anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 2016.

    A-rèir na toraidhean thuirt 73% de fhireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach gun do dh’fhulaing iad burraidheachd gu cunbhalach, gu tric neo uaireannan nuair a bha iad ann an sgoil. Thuirt 35.2% gun do dh’fhulaing iad burraidheachd an dà chuid ann an sgoil agus san àite-obrach. Cha tuirt ach 9.9% nach robh iad air burraidheachd sam bith a dh’fhulaing a-riamh.

    Tha seo an coimeas ri boireannaich leasbach agus dà-sheòrsach a thuirt gun do dh’fhulaing 59% dhiubh burraidheachd san sgoil gu cunbhalach, gu tric neo uaireannan agus 29% dhiubh san sgoil agus àite-obrach.

    B’ e 37 aois chuibheasach nan com-pàirtichean, a’ ciallachadh gur ann eadar 1985 agus 1997 a bha iad ann an sgoil.

    Thuirt Dr Nick Drydakis, ùghdar an sgrùdaidh, gu bheil na toraidhean a’ moladh gu bheil burraidheachd na dhuilgheadas a leanas daoine LCD bhon sgoile dhan àite-obrach agus bidh seo a’ toirt droch bhuaidh seasmhach air na daoine fhèin, companaidhean agus a’ chomann sòisealta gu h-iomlan.

    ‘S e co-dhùnadh an sgrùdadh gu bheil burraidheachd aois sgoile ag adhbharachadh ìrean nas àirde de throm-inntinn, uallach agus iomagain agus ìre fèin-mheasaidh nas ìsle. Mar thoradh air sin tha an àireamh de dhaoine LCD a’ dol air adhart gu foghlam aig àrd-ìre nas ìsle agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil nas lugha de dhaoine LCD, gu h-àraid fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a’ faighinn obair ann an dreuchdan white-collar.

    Gus dèiligeadh ris an duilgheadas seo tha an sgrùdadh a’ moladh ro-innleachdan a chur an gnìomh ann an sgoiltean agus àiteachan-obrach an aghaidh burraidheachd agus e ag ràdh gu bheil buidhnean LGDT+ na chuideachadh do dhaoine LGDT+ san àite-obrach.

  • Fèis film LGDT+ ri tilleadh a Ghlaschu

    Thèid an ceathramh Scottish Queer International Film Festival (SQIFF) a thilleadh a Ghlaschu 5mh – 9mh An Dùbhlachd.

    Thèid a chumail thairis an còig latha aig ionadan a leithid CCA, GFT, an Sgoil Ealain agus Pàirc Kinning. Cuideachd bidh prògram ro-sheallaidh aig sgrìonan air feadh na dùthcha, An Lanntair, Steòrnabhagh nam measg, anns an t-Samhain.

    Bidh am prògram 2018 a’ dèanamh fòcas air filmichean Àisianach agus Arabach a bharrachd air sreath dhe na filmichean goirid Albannach as fheàrr, leughadh neo-sheòrsach (asexual) de Wizard of Oz agus fiù ’s taisbeanadh fìorachd bhiortail.

    Tha SQIFF air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail agus e air còrr is £46,000 fhaighinn airson an fhèis 2018.

    Thuirt neach-labhairt an fhèis gu bheil iad airson an fhèis fosgladh ri barrachd dhaoine ’s mar tha bidh tiocaidean airson a h-uile tachartas ri fhaotainn air sgèile slaighdidh a-rèir na dh’fhaodas daoine a phàigheadh air an son agus bidh maoineachadh siubhail ri fhaotainn do dhaoine nach dh’fhaodadh frithealadh as aonais. Cuideachd bidh àite sàmhach aig am prìomh àite, an CCA, agus tha iad a’ beachdachadh air grunn thachartasan a thabhann do dhaoine bodhar agus daoine ciorramaich.

    Ma tha sibh airson barrachd fiosrachaidh mu phrògram an fhèis no airson tiocaidean a cheannach faodar tadhal air an làrach-lìn aca an seo.