• Fèis-pròise Iúr Cinn Trá gu bhith a’ toirt aoigheachd dha Fhèis-pròise an Rìoghachd Aonaichte 2019

    Chaidh ainmeachadh gum bi Fèis-pròise Iúr Cinn Trá (Newry) a’ toirt aoigheachd dha Fhèis-pròise an Rìoghachd Aonaichte 2019.

    Chaidh ainmeachadh nuair a thàinig faisg air 100 buidhnean pròise còmhla ann an Glaschu aig an deireadh sheachdain airson a’ cho-labhairt bhliadhnail aca.

    Chuir na buidhnean taic aon-ghuthach ris an tagradh bho Fhèis-pròise Iúr Cinn Trá agus Fèis-pròise Bheul Feirste.

    ‘S e Èirinn a Tuath na aon phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte a tha fhathast ri poileasaidhean in-ghabhalach LGDTC+ a chur an gnìomh.

    Chaidh ainmeachadh aig an aon àm gum bi Fèis-pròise a Tuath ann an Caisteal Nuadh a’ toirt aoigheachd dha Fhèis-pròise an Rìoghachd Aonaichte 2020.

    Faodaidh sibh cumail suas leis na naidheachdan as ùire bhon fhèisean aig na làraichean-lìn seo:

    Fèis-pròise Iúr Cinn Trá: http://prideinnewry.com/

    Fèis-pròise a Tuath: http://www.northern-pride.com/

  • A’ chiad cead-siubhail neo-ghèitheach air a thoirt a-mach anns na Tìrean Ìsle

    Chaidh cead-siubhail neo-ghnèitheach (gender neutral) a thoirt a-mach anns Na Tìrean Ìsle airson a’ chiad turas.

    Chaidh a thoirt gu Leonne Zeegers agus tha ga comharrachadh mar gnè X an àite boireann no fireann.

    Chaidh Leonne a rugadh eadar-sheòrsach (intersex) ach fhuair i obair-lannsa ann an 2001 gus a bhith i na boireannach.

    A-nis tha i ag aithneachadh mar neo-ghnèitheach agus bidh i a’ cleachdadh riochdairean boireannach dhi fèin.

    Cha bhi Na Tìrean Ìsle a’ toirt comharradh neo-ghnèitheach dhan a h-uile duine a tha ga iarraidh. Feumaidh gach duine a dhol gu cùirt airson aithneachadh oifigeil fhaighinn air an gnè aca.

    Tha Zeegers air a bhith an-sàs ann an cùis-lagha fa dà bhliadhna airson aithneachadh oifigeil mar duine neo-ghnèitheach.

    Tha dùthchannan eile a leithid a’ Ghearmailt, An Argantain, An Danmhairg, Astràilia, Canada, Malta, na h-Innseachan, Neapàl, Pagastàn agus Sealainn Nuadh uile ag aithneachadh daoine neo-ghnèitheach.

    Anns an Rìoghachd Aonaichte, dh’atharraich an Riaghaltas an stiùireadh oifigeil aca a bhith nas taiceile air daoine neo-ghnèitheach ach anns an t-Òg-mhios dhiùlt an àrd-chùirt cùis-lagha Christie Elan-Cane a bha a’ feuchainn ri roinn X fhaighinn air ceadan-siubhail Bhreatannach.

  • Dòchas ùr airson pòsadh aon-sheòrsach ann an Èirinn a Tuath

    Tha dithis bhall-phàrlamaid Làbarach air plana a chur an gnìomh a dh’fhaodadh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.

    Tha Conor McGinn air a bhith a’ dèanamh iomairt airson co-ionannachd pòsaidh aig an aon àm ’s a tha Stella Creasy air a bhith a’ dèanamh iomairt airson còirichean casg-breith.

    Tha an dithis a-nis air atharrachadh a thagradh do bhile a bhios a’ dol dhan Phàrlamaid Diciadain gus cumhachdan nan seirbheisich catharra ann an Èirinn a Tuath a leudachadh às aonais riaghaltas tiomnaichte san roinn.

    Ma tha iad soirbheachail bhiodh an atharrachadh “Còirichean Co-ionann do Mhuinntir Èirinn a Tuath” a chur às dhan chasgan a th’ air pòsadh aon-sheòrsach agus casgan-breith.

    Thuirt Mgr McGinn ris The Guardian:

    “Tha a h-uile cunntas-bheachd a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-shluagh ann an Èirinn a Tuath, a’ mhòr-chuid dhe na pàrtaidhean poilitigeach agus an t-uamhas de BhP ann an Taigh nan Cumantan a’ toirt taic ri co-ionannachd pòsaidh.”

    “Tha co-ionannachd do dhaoine LGDT ann an Èirinn a Tuath fada ro fhada agus tha an t-atharrachadh seo a’ toirt cothrom dhan Riaghaltas a bhith a’ maidseadh na thuirt iad ris na gnìomhan aca gus Èirinn a Tuath a thoirt gun aon ìre leis a’ chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.”

    Chur am buidheann Love Equality, a bhios a’ dèanamh iomairt airson co-ionannachd pòsaidh, fàilte air an naidheachd:

    “Tha sinn a’ cur taic dhan ghluasad ùr seo leis na BP Conor McGinn agus Stella Creasy gus pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an Èirinn a Tuath.”

    “Leis nach eil dùil sam bith gum bi fèin-riaghladh a’ tilleadh tha sinn feumach air Buill-Phàrlamaid a chur stad air an leth-bhreith an-aghaidh càraidean LGDT ann an Èirinn a Tuath. Faighnichibh dhan BP agaibh taic a chur ris.”

  • An t-Òban airson a’ chiad fèis-pròise aca a chumail an ath-bhliadhna

    Thèid fèis-pròise a chumail anns an t-Òban an ath-bhliadhna airson a’ chiad turas a-riamh.

    Chaidh ainmeachadh air Facebook ann an bhidio goirid le bànrigh draga ionadail, Crystal, anns a bheil i ag iarraidh air muinntir an àite tighinn gu sgrìonadh sònraichte dhen film God’s Own Country ann an Taigh-dhealbh Pheonix 26mh Dàmhair aig 7f. Cuideachd thuirt i gum bi oidhche làn ceòl agus fealla-dhà aig Bar na Seilear as a dhèidh.

    Thuirt Gary Hamilton, neach-labhairt Fèis-pròise an Òbain ri Phink Saltire:

    “Rugadh am beachd bho iomairt an aghaidh stiogma a bha a’ ruith anns an t-Òban ann an co-bhonn ri Waverley Care Scotland agus Taigh-dhealbh Pheonix. Tha sinn air ar brosnachadh leis na tachartasan a chaidh a chumail air feadh na dùthcha agus tha sinn airson taic a shealltainn dhan choimhearsnachd iomallach LGBT+ againn fhèin.”

    Thathar an dùil ri barrachd fhiosrachaidh mun fhèis anns a’ bhliadhn’ ùr agus faodar cumail suas leis an naidheachd as ùire mu a dheidhinn air Facebook: https://www.facebook.com/ObanPride/

  • Ceannard Fèis-pròise Ghlaschu air a dhreuchd a leigeil dheth

    Tha Alasdair Mac a’ Ghobhainn, Ceannard Fèis-pròise Ghlaschu air a dhreuchd a leigeil dheth as dèidh 10 bliadhna mar thoradh air duilgheadasan an tachartais am-bliadhna.

    Chuir còrr ’s 1500 daoine na h-ainmean aca ri athchuinge ag iarraidh air a dhreuchd a leigeil dheth air sgàth duilgheadasan a bha a’ ciallachadh nach b’ urrainn do dhaoine faighinn a-steach dhan tachartas.

    Ann an aithris (a ghabhas leughadh gu h-ìseal) tha Mgr Mac a’ Ghobhainn air ràdh gu bheil e “uabhasach duilich dhaibhsan nach d’fhuair a-steach dhan fhèis” agus gu bheil e “an dòchas gun urrainn do dh’Fhèis-pròise Ghlaschu càirdeasan a chàradh agus càirdeasan adhartach ùra a stèidheachadh leis an Riaghaltas ionadail agus gun toir iad taic leantainneach dhaibh.”

    “I have been involved with Pride Glasgow for over 10 years in various roles. I have been instrumental in the growth of the event over the years and the delivery of the ‘Pride Life’ volunteer project.

    This year’s event was not without its challenges and I’m hugely sorry for those who didn’t get access to the Festival. I know and trust that the team at Pride Glasgow will learn important lessons and deliver a fantastic event for the community next year.

    I’d like to thank all the staff at Glasgow City Council for their support over the years and hope that Pride Glasgow can rebuild and establish new positive relationships with local government and that they will offer continued support.

    There has been some contention and fractioning-off within the community after this years event and I hope that with my resignation, the community will work together to resolve issues and focus on the pride movement moving forward.

    Pride will always hold a place in my heart but I have decided it’s time for me to hand over the rainbow baton and provide opportunities for new ideas and fresh enthusiasm.

    I have had many great opportunities at Pride and have been privileged to work along side thousands of passionate volunteers. I wish the current volunteers the very best and would like to thank them for all of the support and the kindness they have shown me over the years – you’re all amazing and a fantastic team.”

    Alasdair Mac a’ Ghobhainn – Aithris Liubhairt, 8mh An Dàmhair 2018:

    Leig Fo-cheannard agus Stiùiriche na fèis, Ross Stevenson, dheth a dhreuchd anns an Lùnastal nuair a dh’fheumadh an fhèis £10,000 a phàigheadh air ais do luchd-frithealaidh nach d’fhuair a-steach air sgàth ’s gun do reic iad barrachd tiocaidean na bha ri fhaotainn.

    Cuideachd tha Pink Saltire ag aithris gu bheil àireamh de dh’fhiachan (a dh’fhaodadh a bhith suas ri £40,000) aig an fhèis a tha fhathast ri phàigheadh. Thuirt neach-labhairt na fèis ri Phink Saltire gu bheil iad a’ bruidhinn ri HMRC agus cunntasair ùr mu na dùbhlain leantainneach aca.

  • Òraidean Fèis-pròise Inbhir Nis 2018

    Bhidiothan dhe na h-òraidean aig Fèis-pròise Inbhir Nis 2018.