• Comhairle air cead a thoirt seachad airson Fèis-pròise Inbhir Nis a dhol air adhart

    Chaidh a dhearbhadh madainn Dimàirt gum faod Fèis-pròise Inbhir Nis dol air adhart 6mh Dàmhair.

    Thuirt neach-labhairt a’ Chomhairle ris The Inverness Courier:

    “Tha sinn air innse ris na h-eagraichean nach eil gearanan sam bith aig Comhairle na Gàidhealtachd no Poileas Alba mun caismeachd a’ dol air adhart a-rèir am brath rùin aca.”

  • Chan fhaigh athair tar-ghnèitheach sochair-chloinne

    Chan fhaigh athair tar-ghnèitheach sochair-chloinne air sgàth ’s nach eil e airson a bhith clàraichte mar mhàthair air teisteanas breith an leanaibh.

    Tha an duine, nach gabh ainmeachadh airson adhbharan laghail, ag àramaid seach gun robh e aithnichte gu làghail mar fhireannach aig àm a bhreith gum bu chòir dha bhith clàraichte mar athair.

    Tha e a-nis air dùbhlan laghail a chur a-steach an-aghaidh na riaghailtean a dh’fheumas cuideigin a bheireas breith a bhith clàraichte mar mhàthar air an teisteanas breith ach mar thoradh sin cha tèid teisteanas breith a thoirt seachad gus a bheil co-dhùnadh air a dhèanamh air a’ chùis.

    Tha ùghdarrasan a-nis air innse dha nach eil e comasach air sochair-chloinne fhaighinn air sgàth ’s nach eil teisteanas breith aig an leanabh.

    Tha The Times ag aithris nach tèid co-dhùnadh a dhèanamh air a’ chùis airson grunn mìosan.

  • Fèis-pròise Innse Ghall air a chàineadh le Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich

    Tha Ministear na h-Eaglaise Saoire Leantainnich air iomradh a thoirt air a’ chiad fèis-pròise anns na h-Eileanan an Iar mar “duilich agus nàireach”.

    Tha The Press & Journal ag aithris gun tuirt An t-Ùrr. Graeme Craig “Ge b’ e dè an seòrsa mì-bheus gnèitheach, chan eil e rudeigin a bhith mòiteil às.”

    “Is e tachartas duilich agus nàireach a tha seo. Bidh e a’ stiùireadh dhaoine, gu h-àraid na h-òigridh, dhan taobh ceàrr a-thaobh fèin-aithne, dàimhean agus toileachadh ghnèitheach. Tha e draghail gum faigh an fheadhainn a tha a’ strì leis na rudan seo comhairle ceàrr.”

    “Bidh daoine nas sona cho luath ’s a tha an comann-sòisealta ag aithneachadh bith-eòlas bunaiteach, a’ brosnachadh pòsadh dìlseach, monogamous agus iol-ghnèitheach. Is e leantainn stiùireadh ar Cruthaidhear an rud as glice an-còmhnaidh.”

    Tha Fèise-pròise Innse Ghall gu bhith a’ dol air adhart 6mh Dàmhair ann an meadhan Steòrnabhaigh aig an aon àm sa bhios tachartas eile coltach ris a’ dol air adhart ann an Inbhir Nis.

    A-rèir duilleag Facebook an tachartais aig àm-fhoillseachaidh an sgeulachd seo, tha còrr ’s 400 dhaoine beachdachadh air frithealadh an tachartas ann an Steòrnabhagh.

  • Corr ’s 14,000 air na h-ainmean aca a chur ri athchuingean airson Fèis-pròise Inbhir Nis a dhol air adhart

    Tha còrr ’s 14,000 duine air na h-ainmean aca a chur ri trì athchuingean gus an taic aca a shealltainn airson Fèis-pròise Inbhir Nis.

    Chaidh na h-athchuingean a thòiseachadh as dèidh gun do thòisich Donald Morrison athchuinge eile an-aghaidh an fhèis air sgàth “adbharan bìoballach, diadhaidh agus moralta.”

    Tha còrr ’s 700 duine air na h-ainmean aca a chur ri athchuinge Mgr Morrison ’s tha iad ag iarraidh air a’ Chomhairle cead a dhiùltadh airson an tachartas a dhol air adhart.

    Aig àm sgrìobhaidh a’ phost seo bha còrr ’s 8,100 ainmean aig an athchuinge Support Inverness Gay Pride and the LGBTQI community, còrr ’s 4,900 ainmean aig an athchuinge Allow the pride march agus 1843 ainmean aig an athchuinge To enable LGBT+ people to celebrate their identity in the face of discrimination.

    A’ bruidhinn mun taic a tha iad air fhaicinn bhon a’ choimhearsnachd, thuirt Rosemary Roscrow, neach-labhairt Fòram LGDT na Gàidhealtachd, ri PhinkSaltire: “Tha sinn moiteil às Inbhir Nis agus a’ Ghàidhealtachd airson taic a thoirt dhuinn, a’ sealltainn gu bheil a’ chuid as motha den Ghàidhealtachd anns an 21mh linn!”

    Cleachdaibh na ceanglaichean gu h-ìosal ma tha sibh airson ur n-ainm a chuir ris na athchuignean:-

    38Degrees: Support Inverness Gay Pride and the LGBTQI community

    Change.org: Allow the pride march

    Change.org: To enable LGBT+ people to celebrate their identity in the face of discrimination

    PinkSaltire: Community rally behind Highland LGBT event after petition

  • MFR: Agallamh le Donald Morrison a thòisich athchuinge an-aghaidh Fèis-pròise Inbhir Nis

    Seo agaibh agallamh a rinn MFR / Bauer Radio Scotland le Donald Morrison, fear a thòisich athchuinge an-aghaidh Fèis-pròise Inbhir Nis air sgàth, mar a chanas e, “adhbharan bìoballach, diadhaidh agus moralta”.

    Anns a’ bhidio tha Mgr Morrison ag ràdh nach eil e moralta airson daoine LGDT a bhith a’ taisbeanadh no a’ brosnachadh an taobhadh-fèise agus “an dòigh-beatha” aca ann an àiteachan poblach.

    Thuirt Mgr Morrison: “they thrust lewdness in the faces of men, women and children alike by frolicking unashamedly on rainbow-coloured floats making obscene sexual gestures.”

    “If this unsavoury event is given planning permission then these desperately sad scenes are now likely to be witnessed very tragically in Inverness on October 6.”

    Tha còrr ’s 700 duine air na h-ainmean aca a chur ri athchuinge Mgr Morrison ’s tha iad ag iarraidh air a’ Chomhairle cead a dhiùltadh airson an tachartas a dhol air adhart.

  • A’ Chiad Fèis-pròise airson na h-Eileanan an Iar

    Chaidh ainmeachadh Diardaoin gun tèid a’ chiad fèis-pròise a-riamh a chumail anns na h-Eileanan an Iar 6mh Dàmhair.

    Mar phàirt dhen fhèis bidh caismeachd ann an Steòrnabhagh agus thèid crìoch a chur air an fhèis le pàrtaidh anns a’ chlub-oidhche Era sa bhaile.

    Bhruidhinn Carl Easton, manaidsear a’ chlub ris The Scotsman:

    “Tha coimhearsnachd co-sheòrsach air an eilean ach coltach ri àiteachan beaga eile, cha bhiodh daoine ga sgaoileadh. Tha e sàmhach agus caran mùchta.”

    “Tha mi an dòchas gum faigh an tachartas fàilte mhòr.”

    “Is dòcha gum bi duine no dhà a’ seasamh taobh a-muigh mo chluba le soidhnichean. Chan eil mi ag aontachadh le sin ach tha mi a’ creidsinn gu bheil còir aca a bhith comasach air sin a dhèanamh.”

    Chuir Angus McCormack, Comhairliche Neo-eisimeileach airson Steòrnabhagh a Deas, fàilte air an tachartas. Thuirt e ris The Scotsman:

    “Tha mi air leth toilichte gum bi seo a’ dol air adhart agus tha mi an dòchas gun tèid taic farsaing a thoirt dha.”

    “Air sgàth ’s gu bheil tachartasan mar seo air feadh na h-Alba a-nis, ’s dòcha gu bheil daoine a’ tòiseachadh ri feumalachdan dhen a h-uile coimhearsnachd aithneachadh.”

    Chan eil barrachd fiosrachaidh ann mun tachartas aig an àm seo ach sgrìobh na h-eagraichean air Facebook gu bheil iad airson àm iongantach a bhith aca agus iad airson crìoch air a chur air neo-fhulangas ann na h-eileanan an iar.

    Cumaibh sùil air an duilleag Facebook seo airson am fiosrachadh as ùire mun tachartas.