• Dè na riochdairean a th’ ort?

    Seo agaibh ceangal gu deasbad gu math inntinneach le Anna NicNeacail agus Michael Bauer mu bhriathrachas LGDTC agus gu h-àraid riochdairean freagarrach do dhaoine neo-bhìnearaidh: Dè na riochdairean a th’ ort?.

  • Comhairliche tar-ghnèitheach Albannach a’ leigeil às an dreuchd mar thoradh air droch dhìol

    Tha an aon comhairliche tar-ghnèitheach ann an Alba air ainmeachadh gum bidh iad a’ leigeil às chuid dhe na dreuchdan aca mar thoradh air “sreath de dhroch dhìol guineach agus seasmhach” a’ toirt a-steach bagairtean bàis.

    Dh’ainmich Comhairliche Gregor Murray air Facebook gum biodh iad* a’ leigeil às na dreuchdan aca mar Neach-gairm Comataidh Seirbheis Clann agus Teaghlaichean agus mar Neach-labhairt airson Cothroman Co-ionannachd ach gum biodh iad fhathast nan Comhairliche airson Dùn Dè.

    *Tha Gregor neo-bhìnearaidh agus ’s fheàrr leotha an riochdair iad a chleachdadh.

    Ann an litir gu Ceannard na Comhairle, John Alexander, thug Murray iomradh air an droch dhìol a dh’fhuiling iad thairis air na mìosan a dh’fhalbh agus thuirt iad gur e seo an co-dhùnadh as fheàrr airson an slàinte-inntinn a tha air tuiteam fon ìre far am bu chòir dha bhith.

    Chaidh Comhairliche Murray a chàineadh airson cànan a chleachd iad ann am brathan air-loidhne le buidhnean boireannaich.

    An-uiridh, thug iad iomradh air a’ bhuidheann Women 50:50 mar “absolute roasters”, a ‘cosnadh càineadh bhon bhallrachd le Ceannard Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, Kezia Dugdale, nam measg.

    San Iuchar thug iad iomradh air buidheann-gnìomha leasbach mar “utter ****s” an dèidh dhaibh caismeachd-pròise ann an Lunnainn a ghlasadh.

    Dhearbh Comhairliche Alexander gu bheil e air gabhail ri co-dhùnadh Comhairliche Gregor:

    “Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e ceart gu bheil iad air leisgeul a dhèanamh.”

    “Tha e follaiseach gun do thuit cànan agus giùlan Comhairliche Murray fada fo na h-ìrean a bhiodh mi fhèin agus am poball an dùil bho bhall taghte agus ’s e mearachd a bh’ ann. Cha bhi mi a’ dìon giùlain no cànan mar sin. ”

    A dh’aindeoin sin thuirt Mgr Alexander gun robh Murray aon dhe na comhairlichean as dìcheallaiche agus gu bheil iad air tòrr a dhèanamh gus beathannan muinntir Dhùn Dè a leasachadh.

    Ann an co-dhùnadh thuirt e:

    “Aig an àm seo, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach gu bheil Gregor a’ toirt ùine a bhith a’ beachdachadh air na tha air tachairt bho chionn ghoirid, a bhith a’ dèanamh fòcas air an slàinte, agus gu bheil iad a’ faighinn taic tron ùine seo.”

  • Baile beag Cuimreach airson a’ chiad fèis-pròise aige a chumail

    Tha coimhearsnachd beag anns a’ Chuimrigh air tighinn còmhla gus fèis-pròise a phlanadh airson 1mh t-Sultain 2018.

    Cha do chum Llantwit Major fèis-pròise a-riamh ach tha iad an dùil gum bi e na deagh eisimpleir do choimhearsnachdan beaga eile a tha airson pride a chomharrachadh.

    Ghluais Rhodri Ellis Owen, eagraiche an tachartais, gu Llantwit Major 18 mìosan air ais.

    Thuirt e ris a’ BhBC gu bheil e airson “iomadachd a’ bhaile cladaich brèagha seo a chomharrachadh”.

    Cuideachd thuirt e nach eil feum aig daoine òga LGDTC a bhith a’ fàgail na bailtean beaga aca gus gabhail ris an nàdur aca fhèin agus gum faod tachartasan mar seo cur air daoine a bhith a’ faireachdainn gu bheil iad an-sàs ann am beatha a’ bhaile.

    Mar phàirt dhen fhèis bidh còisir de bhoireannaich LGDTC, dannsairean burlesque, agus diosgo anns an Tudor Tavern le DJ agus cluicheadair-drag.

  • Ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt dhan a’ choimhearsnachd LGDT aig Fèis-pròise Pheairt

    Tha ministear Eaglais na h-Alba air leisgeul a thoirt seachad aig Fèis-pròise Pheairt airson cron sam bith a tha an eaglais air a dhèanamh dhan a’ choimhearsnachd LGDT.

    ‘S e an t-Urr Scott Burton na chiad mhinistear aig Eaglais na h-Alba a-riamh gus fèis-pròise fhosgladh gu h-oifigeil.

    Air thoiseach air an tachartas thuirt Mgr Burton:

    “Tha mi air mo dhòigh glan a bhith a’ fosgladh an tachartas seo, ’s e urram iongantach a th’ ann.”

    “Bidh mi a’ toirt an cothruim gus leisgeul a thoirt do bhuill dhen choimhearsnachd LGDT ma tha iad air a bhith air an goirteachadh, air an ailiseachadh agus air an diùltadh le Eaglais na h-Alba.”

    Cuideachd ann an aithris ris a’ BhBC thuirt e:

    “Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an Eaglais a’ fàs nas mothachail gu bheil amannan air a bhith ann nuair a rinn sinn mearachdan a-thaobh na coimhearsnachd LGDT agus bu chòir dhuinn maitheanas iarraidh air a shon agus leisgeul a thoirt seachad air a shon.”

    “‘S e sin aon dhe na ceumannan againn – a’ ruighinn a-mach ri ràdh gur e ar bràithrean agus ar peathraichean ann an daonnachd a th’ annaibh. Tha gaol againn oirbh. Tha sinn airson ’s gum bidh fios agaibh gu bheil gaol aig Dia oirbh agus gu bheil sinn airson coiseachd còmhla riut.”

    Tha bhidio dhen òraid a rinn e aig an fhèis ri fhaicinn gu h-ìosal:-