• Juice1038 na chiad stèisean rèidio LGDTC+ ann an Èirinn a Tuath

    Tòisichidh Juice1038 a’ craoladh bho phrìomh-bhaile Èirinn a Tuath air 4mh An Lùnastal, an aon latha ri Fèis-pròise Bheul Feirste.

    Bidh an sianal a’ cluich measgachadh de fuinn dannsa clasaigeach, ath-mheasgachaidhean agus òrain ùra bho na charts.

    Faodar sampall dhen stèisean a chluinntinn an-dràsta air an làrach-lìn aca.

    Thuirt neach-labhairt an stèisean ri RadioToday:

    “Tha daoine LGDT+ a’ tighinn bho gach raon-beatha agus ’s e an t-amas a th’ againn a bhith a’ frithealadh cho mòr sa choimhearsnachd againn sa ghabhas le bhith a’ cleachdadh stoidhle taisbeanaidh in-ghabhalach measgaichte le susbaint cainnte a tha a’ buntainn dhan luchd-èisteachd againn agus ceòl sònraichte nach eil ri chluinntinn air rèidio Èirinn a Tuath.”

    “Cluichidh Juice measgachadh de dhannsa agus dannsa clasaigeach, ath-mheasgachaidhean, singiltean air an taghadh gu cùramach bhon Top 40 agus clasaichean co-sheòrsachd.”

    “Bidh ùidh mhòr aig a’ choimhearsnachd LGDT+ anns an susbaint cainnte againn, a bhios a’ toirt a-steach naidheachd LGDT+ agus prògram a bhios a’ soillearachadh agus a’ beachdachadh air na h-amasan, draghan, soirbheachasan agus cùisean a tha a’ toirt buaidh air an luchd-èisteachd againn.”

  • Sagart Caitligeach air a chur à dreuchd airson ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia

    Chaidh an sagart Caitligeach Mark Morris a chur à dreuchd le Oilthigh Cailleannach Ghlaschu as dèidh dha ràdh gun robh fèis-pròise Ghlaschu a’ dèanamh oilbheum do Dhia.

    Bha mìltean de dhaoine an-làthair aig an cruinneachadh bliadhnail LGDTC sa Ghlaschu Disathairne seo chaidh.

    An dèidh an tachartas sgaoil Mgr Morris chuireadh do luchd-paraiste a bhith an-làthair aig sèirbheis urnaigh gus rèiteachadh airson fèis-pròise Ghlaschu a bha air oilbheum a dhèanamh do Dhia.

    Bha Mgr Morris an urra ri feuman spioradail nan oileanaich aig an oilthigh, ach thuirt ceannardan an oilthigh nach robh a bheachdan co-chòrdail ri beachdan an oilthigh.

    Thuirt Pamela Gillies, Prionnsapal an Oilthigh:

    “An dèidh co-chomhairle, cha till Mgr Mark Morris ris a dhreuchd seiplineachd aig an oilthigh san t-Sultain.”

    “Obraichidh an t-oilthigh còmhla ri Sgìre-Àrd-Easbaig Ghlaschu gus dèanamh cinnteach gun tèid taic seiplineachd leantainneach a thabhann do luchd-obrach agus oileanaich aig an ionad creideimh againn nuair a thòisicheas an teirm ùr.”

    “Tha an t-oilthigh gu math in-ghabhalach agus tha dealas aige do cho-ionnanachd agus iomadachd air a’ champus.”

  • Luchd-poilitigs Liberalach air a chàineadh airson bhòt cudromach air Brexit a chaill

    Chaidh dithis neach-poilitigs Libearalach a chàineadh Dimàirt as dèidh dhan bhòt cudromach air Brexit a chaill sa Phàirlamaid a’ ciallachadh gun dh’fhuair atharrachaidhean nan Tòraidhean air plana Brexit tron Phàrlamaid le dìreach trì bhòtaichean.

    Nam measg chaidh Tim Farron a chàineadh o chionn ’s gun robh a’ dèanamh òraid aig Abaid Sherbourne co-cheangailte ris a’ chonnspaid mu a bheachdan air fèise co-sheòrsach agus Crìosdaidheachd.

    A-rèir prògram an tachartais bha Mgr Fallon gu bhith bruidhinn air na h-oidhirpean a rinn na meadhanan gus faighinn a-mach ma tha e dhen bheachd ma tha fèise co-sheòrsach co-chòrdail ri creideis Crìosdail:

    “Tim Farron MP made the headlines during the 2017 general election campaign as leader of the Liberal Democrat party, although it was not, in fact, politics that generated the headlines but repeated attempts by the mainstream media to get him to express an opinion on whether gay sex was compatible with Christian faith.

    He announced he would step down as party leader following the election, stating that he had become “torn between living as a faithful Christian and serving as a political leader.

    Many hold strong opinions on the issue but it raised an even more important question: What happens when my truth is not yours?”

    Ged a tha am prògram a’ toirt iomradh follaiseach air fèise co-sheòrsach, thuirt neach-labhairt ri Pink News nach do bhruidhinn Mgr Fallon mu a dheidhinn agus gun do bhruidhinn e air a bheatha mar Chrìostaidh.

    Ann an aithris poblach thuirt Mgr Fallon:

    “Bha cead agam a bhith air falbh air sgàth ’s dleastanas ro-làimh air falbh bho oighreachd na Pàrlamaid.”

    “Aig a cheann thall cha robh duine sam bith an dùil gum biodh am bhòt cho faisg air mar a bha e. Chuir mi dheth an coinneamh na bu tràithe ach chuir mi air dòigh a-rithist e air sgàth ’s gun robh sinn an dùil nach biodh na Làbaraich a’ bhòtadh agus gum biodh an Riaghaltas ga bhuannachadh gu furasta.”

    “Gu follaiseach bha mi ceàrr, mar a bha na Làbaraich. Tha mi làn dhleastanas airson mo chuid phàirt. Chan eil na Tòraidhean airidh air fortan sam bith agus tha mi cho dhuilich gun tug mi cuid dhiubh gun fhiosta.”

    A bharrachd air Mgr Farron chaidh ceannard a’ phàrtaidh Libearalach Vince Cable a chàineadh airson neo-làthaireachd.

    Thuirt neach-labhairt dhan The Independent:

    “Bha coinneamh chudromach aig Vince air falbh bho oighreachd na Pàrlamaid, a chaidh a cheadachadh leis na whips fada mus deach na h-atharrachaidhean sin suas airson a ‘bhòt.”

    “Chan obraich co-réiteachadh Chequers. Chan obraich e fiù ’s leis na h-atharrachaidhean an-raoir.”

    Bha tòrr duine gan càineadh air Twitter.

    Nam measg sgrìobh Stephen Kinnock, BP airson Aberavon:

    Last night two Brextremist-driven amendments were carried by a whisker – 3 and 4 votes, respectively. 14 Tories rebelled. Tim Farron and Vince Cable (those doughty, fearless crusaders against a hard Brexit) didn’t vote. This was how Tim spent his evening: https://t.co/Iz5dHz9RHL
    — Stephen Kinnock (@SKinnock) 17 July 2018

    Agus sgrìobh Richard Burgon BP airson Leeds an Ear:

    Journalists reporting current Lib Dem Leader Vince Cable and last Lib Dem Leader Tim Farron didn’t vote in one of tonight’s votes in which Tory Government only survived by 3 votes.

    Last week they brought a motion to get in to Government with the Tories.#NeverTrustTheLibDems
    — Richard Burgon MP (@RichardBurgon) 16 July 2018

    Agus sgrìobh an cleachdaiche Twitter @gmai_sutton:

    Why was Vince Cable and Tim Fallon not in Westminster to vote yesterday? Only party claiming to support Remain and they don’t turn up for such an important vote! It’s a genuine Q! Can someone from Lib Dems ( who I was prepared to vote for having been life long LP) explain please?
    — Heather Rufus (@gmai_sutton) 17 July 2018

  • Proud Ness gu bhith a’ cumail sreath de thachartasan LGDTC air feadh na Ghàidhealtachd

    Chaidh a dhearbhadh le Fòram LGDTC na Gàidhealtachd an-diugh gun tèid fèis-pròise a chumail ann an Inbhir Nis 6mh An Dàmhair 2018.

    Tòisichidh an tachartas le caismeachd tron bhaile gus an ruig e Cùirt an Easbaig far a bhios stanndaichean fhiosrachaidh, ealain & ceàirdean, bùthan-obrach agus luchd-labhairt a’ dèanamh òraidean agus bidh diosgo aig Taigh-òsta Mercure aig deireadh an latha.

    A bharrachd air an tachartas ann an Inbhir Nis, thèid sreath de thachartasan nas beaga a chumail air feadh na Gàidhealtachd. Nam measg bidh tachartasan beaga air:

    • 11mh An Lùnastal ann an Inbhir Theòrsa;
    • 25mh An Lùnastal ann am Port Rìgh;
    • 1mh An t-Sultain ann an Ulapul;
    • 8mh An t-Sultain anns An Aghaidh Mhòr;
    • 15mh An t-Sultain anns An Gearasdan;

    ‘S e seo a’ chiad tachartas LGDTC air an sgèile seo anns a’ Ghàidhealtachd o chionn 2002 nuair a chum Pride Scotland an tachartas bliadhnail aca taobh a-muigh Meadhan na h-Alba airson a’ chiad turas.

    Airson cumail suas leis an naidheachd as ùire bhon sgioba Proud Ness cumaibh sùil air an duilleag Facebook aca.

  • Luchd-poilitigs co-sheòrsach airson reifreann eile air Brexit

    Tha Justine Greening, BP ag iarraidh reifreann eile air Brexit agus i air ràdh gur e “fudge” a th’ ann am molaidhean a’ Phrìomhaire Theresa May.

    Bha a’ Bh-Uas Ghreening air a bhith na Rùnaire an Fhoghlaim o chionn 2016 ach leig i a dreuchd às dèidh don chaibineat ath-shuidheachadh san Fhaoilleach am-bliadhna.

    Sgrìobh i anns The Times gu bheil trì roghainnean ann: cùmhnant a’ Phrìomhaire; a’ fuireach san AE; no briseadh bhon AE gun aonta sam bith.

    agus tha i dhen bheachd gum bu chòir do reifreann eile a bhith ann gus an tèid co-aontachd a ruighinn.

    Tha Michael Cashman na Mhorair Làbarach agus sgrìobh e ann an artaigeil airson GSN (Gay Star News) o chionn ghoirid:

    “Tha plana Brexit an Riaghaltais a’ cur còraichean ar coimhearsnachd ann an cunnart agus tha e a’ bagairt a bhith gar sgaradh, ga dhèanamh nas duilghe airson na guthan againn a chluinntinn.”

    “Cha do bhòt daoine airson an aonta “shoddy” a tha iad a’ gròbadh ri chèile agus chan e an rud as fheàrr a th’ ann airson ar dùthaich no ar coimhearsnachd.”

    “Co-dhiubh ma chur thu taic ris an taobh fàgail no an taobh fuireach, cha do bhòt buill ar coimhearsnachd airson droch Bhrexit a bhiodh a’ tolladh fo ar còraichean daonna”

    “Cha ruig Breatainn air droch Bhrexit a bhios a’ tolladh fo ar còraichean a bhuainnich sinn le strì.”

    Thuirt neach-labhairt a’ Phrìomhaire Theresa May nach biodh dàrna reifreann air Brexit fo suidheachadh sam bith.

  • Nicola Sturgeon na h-Àrd-Mharasgal na Caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu

    Bha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon aig ceann na caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu an-dè.

    Air thoiseach air an tachartas, thuirt Ms Sturgeon:

    “Tha mi pròiseil gu bheilear a’ beachdachadh air Alba mar aon de na dùthchannan as adhartaiche san Roinn Eòrpa a-thaobh co-ionnanachd LGDTC agus tha Fèis-pròise Ghlaschu na thachartas mìorbhaileach a bheireas coimhearsnachdan còmhla agus a chomharraicheas a h-uile rud gu bheil daoine LGDTC a’ toirt ri beatha Albannach.”

    “Mar chomann-sòisealta feumaidh sinn co-ionnanachd agus cothromachd a bhrosnachadh fad na h-ùine agus an adhartais a chaidh a dhèanamh a dhìon.”

    “Tha mi toilichte a bhith air ainmeachadh mar a’ chiad Àrd-Mharasgal urramach a-riamh aig Fèis-pròise Ghlaschu agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ gabhail pàirt anns a’ chaismeachd leis na daoine òga LGDTC gus Bliadhna Òigridh na h-Alba a chomharrachadh.”

    Ann an aithris ris na luchd-frithealaidh, thuirt i:

    “A dh’aindeoin tachartasan eile a tha a ‘tachairt ann an àiteachan eile ann an Alba an-diugh, tha mi ag innse dhuibh bho bhonn mo chridhe tha mi ag innse dhut cho moiteil’ sa tha mi a bhith an seo an-diugh, chan eil àite ann a bu toigh leam a bhith na seo ann an Glaschu”.

    “Tha fios againn gum feum sinn fhathast seasamh airson còraichean tar-ghnèitheach agus an aghaidh gràin-tar-ghnèitheachd agus gràin-co-sheòrsachd agus nì sinn sin.”

    “Tha caismeachdan-pròise mu dheidhinn a bhith a’ comharrachadh agus a’ daingneachadh luachan na mo bheachdsa a tha cudromach do mhòran dhaoine air feadh na dùthcha. Luachan mar fhulangas agus spèis agus iomadachd agus gràdh agus tha mi a’ smaoineachadh gur e rud iomchaidh dhomhsa mar Phrìomh Mhinistear a bhith a’ gabhail phàirt anns an latha seo agus tha mi pròiseil a bhith ga dhèanamh.”

    Cuideachd mhol i Blair Wilson, duine à Baile Nèill, Siorrachd Rinn Friù an Ear, a sgaoil bhidio air loidhne às dèidh dha ionnsaigh a thoirt air airson a bhith co-sheòrsach:-

    “Sa mhadainn, chunnaic mi bhidio a chaidh a phostadh le duine òg air ainmeachadh Blair Wilson, chan eil fhios ’am ma tha e an-seo an-diugh, ach dh’fhuiling Blair ionnsaigh uamhasach, neo-adhbharach, gràineil ri daoine co-sheòrsach o chionn ghoirid”

    “Ach an àite a bhith a’ falachadh, bhruidhinn e a-mach agus leig dhomh seo a ràdh; ’s e na prionnsabalan agus na luachan de dh’urram, mhisneachd agus thruas a chaidh a thaisbeanadh leis an duine òg sin a bu chòir a bhith a’ mìneachadh ar dùthcha. Agus mar sin Blair, tha sinn uile a’ seasamh còmhla riut.”

    Thuirt Alastair Mac a’ Ghobhainn, Àrd-oifigear Fèis-pròise Ghlaschu:

    “Tha sinn air leth toilichte Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon ainmeachadh mar a’ chiad Àrd-Mharasgal urramach aig Fèis-pròise Ghlaschu mar chomharra air an taic a tha i air a bhith a’ toirt ri co-ionnanachd LGDTC o chionn fhada.”

    Nuair a bha i na Rùnaire na Slàinte, chuidich Ms Sturgeon le leasachadh co-ionnanachd pòsaidh ann an Alba agus bhon uair sin tha i air a ràdh gur e an latha a dh’aontaich a’ Phàrlamaid ris pòsaidhean co-ionann aon de na h-amannan as pròiseil den ùine aice mar BPA. Mar Phrìomh Mhinistear tha i air co-ionnanachd a ghealltainn do dhaoine tar-ghnèitheach le bhith ag ath-leasachadh Achd Aithneachadh Gnè na h-Alba.

    A-rèir luchd-eagrachaidh bha àireamh de chòrr is 12,000 a’ gabhail pàirt anns a’ chaismeachd.

    Ghabh Prìomhaire Chanada, Justin Trudeau agus Taoiseach na h-Èireann, Leo Varadkar, pàirt ann an caismeachdan o chionn ghoirid ach b’ e seo a’ chiad turas a-riamh gu bheil ceannard Bhreatannach air caismeachd fhad ’s a bha iad fhathast ann an oifis.