• Riaghaltas na h-Èireann air leisgeul a thoirt do dhaoine co-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil

    Tha Riaghaltas na h-Èireann air leisgeul foirmeil a thoirt do dhaoine co-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil.

    Ann an aithris dha Dáil Éireann thuirt Prìomhaire Leo Varadkar, a tha co-sheòrsach:

    “An-diugh ’s e na gaisgich neo-ainmichte a tha mi airson moladh gu làidir, na mìltean de dhaoine neo-ainmichte a chaidh a dhìteadh leis ar sinnsearan.”

    “Chan urrainn dhuinn an ana-cheartas a chaidh a dhèanamh orra a cheartachadh, [ach] ‘s urrainn dhuinn a ràdh gu bheil sinn mar comann air ionnsachadh bhon fhulangas aca. Tha na sgeulachdan aca air cuideachadh le bhith gar dèanamh nas fheàrr; tha iad air ar dèanamh nas ceadaiche, nas tuigsiche agus nas daonndaiche.”

    Thuirt Charlie Flanagan, Ministear a’ Cheartais agus na Co-ionnannachd dha Seanadh na h-Éireann:

    “Tha mi a’ toirt leisgeul gu duine sam bith a dh’fhairich an dochann agus an aonaranachd a chruthaich na laghan sin, agus gu h-àraid dhaibhsan a chaidh a dhìteadh le laghan mar sin.”

    “Cha ghabh dad sam bith a ràdh an seo an-diugh a dh’atharraicheas am fulangas agus an leth-bhreith a dh’fhuiling a’ choimhearsnachd co-sheòrsach sna bliadhnaichean ro dhì-eucoireachadh.”

    Tha an leisgeul a’ tighinn air thoiseach air cuirm a chomharraicheas 25 bliadhna bhon a chaidh co-sheòrsachd a dhì-eucoireachadh. Thèid an cuirm a chumail ann an Caisteal Bhaile Átha Cliath an ath-sheachdain agus thathar an dùil gum bi còrr is 700 duine an làthair.

  • Duine tar-ghnèitheach a’ strì airson a bhith air aithneachadh gu h-oifigeil mar athair a phàiste

    Tha duine tar-ghnèitheach anns an Rìoghachd Aonaichte a’ strì airson a bhith air aithneachadh gu h-oifigeil mar athair a phàiste.

    Ged a bha gnè an duine air atharrachadh gu h-oifigeil mus do rugadh an leanabh, tha lagh Bhreatainn ag ràdh gum feum an neach a bheireas leanabh a bhith air a chlàradh air an teisteanas breith mar mhàthair.

    Tha an duine nach gabh ainmeachadh ag ràdh gu bheil seo a’ briseadh na còirichean aige agus tha e a’ sireadh cead airson teisteanas breith a phàiste atharrachadh gus am bi e clàraichte air mar athair no pàrant seach màthair.

    Ma tha an duine soirbheachail bidh an leanabh a’ chiad fhear san dùthaich gun mhàthair laghail agus dh’fhaodadh riaghailtean Bhreatainn air teisteanasan breith atharrachadh gu bràth.

    Thèid co-dhùnadh a dhèanamh le Àrd-chùirt Lunnainn san t-Sultain.

  • BPA SNP a’ càineadh Bile nan Eucoirean Feise

    Tha John Mason BPA air a bhith a’ càineadh lagh ùr a chitheas mathanas a thoirt do dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chaidh an dìteadh fo laghan eachdraidheil.

    Thèid mathanas a thoirt gu fèin-ghluasadach dhan a h-uile daoine a chaidh a dhìteadh fo na seann laghan co-dhiubh ma tha iad beò no marbh.

    Thuirt Mgr Mason: “Chan eil mi cinnteach gu bheil mi ag aontachadh le mathanasan agus leisgeulan.”

    “Chan eil mi a’ faicinn gum faod sinn dol mun chuairt a’ toirt mathanasan agus leisgeulan airson a h-uile dad a rinn daoine eile nach eil ag aontachadh ri cleachdaidhean ùra.”

    “Am bi na h-Eadailtich a’ toirt leisgeul airson sealbh-ghlacadh nan Ròmanach?”

    Mar fhreagairt do Mhgr Mason, thuirt Patrick Harvie, Co-cheannard Pàrtaidh Uaine na h-Alba:

    “Càit an tòisicheas le seo? An e an gùth mì-urramach, an gainnead de dh’oidhirp sam bith gus tuigse air argamaidean a’ Bhile seo a shealltainn, no an iomradh air seann-eachdraidh?”

    “Chan e seann-eachdraidh a tha seo. ’S e eachdraidh beò a th’ ann.”

    “Tha mòran de na daoine air an robh cron a chur air leis an Riaghaltas aca fhèin fhathast beò agus chan eil iad airidh air a bhith air an diùltadh san dòigh seo.”

  • Bhidio ùr a’ soilleireachadh an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala

    Tha an iomairtiche airson còirichean LGDTC+, Peter Tatchell, air bhidio a sgaoileadh air YouTube gus an casg a th’ air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a shoillearachadh.

    Anns a’ bhidio, a ghabhas a choimhead gu h-ìosal, tha neach-tèarainteachd taobh a-muigh ionad tabhartais fala a’ cleachdadh inneal “gaydar” gus stad a chur air daoine a’ dol a-steach air sgàth ’s gu bheil an inneal gan aithneachadh mar co-sheòrsach. Tha na tabhairtichean an uairsin a’ faighneachd dhan neach-tèarainteachd carson nach eil daoine co-sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad.

    Ann am Breatainn tha casg air daoine bho bhith a’ toirt seachad fala ma tha iad air a bhith ri fèise le duine eile sna trì mìosan roimhe.

    Ann an cuid de dhùthchannan eile, a-leithid Èirinn a Tuath, feumaidh tabhairtichean feitheamh fad bliadhna an-dèidh fèise le duine eile.

    Ann an còrr ’s 40 dùthaich tha casg air leth air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

    Thuirt Peter Tatchell ri PhinkNews:

    “Dh’fhaodadh gun robh na casgan seo air a bhith ciallach nuair a chaidh an cur an gnìomh anns na 1980an aig àm nuair a bha HIV a’ toirt buaidh mhòr air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach san Iar agus nuair nach robh dòighean dearbhaidh HIV cho cinnteach.”

    “Ach o chionn fhada, chan eil HIV air a bhith co-cheangailte ri taobhadh-fèise sònraichte sam bith agus tha an sgrùdadh air fuil a chaidh a thoirt seachad a-nis fìor iomlan agus ceart.”

    “Tha an t-àm ann airson ionad tabhartais fala air feadh an t-saoghal a bhith a’ dèanamh fòcas air daoine le giùlan-fèise cunnartach aithneachadh agus casg a chur orra an àite a bhith a’ dèanamh barailean gu bheil a h-uile duine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach ann an cunnart HIV. Chan eil HIV aig a’ mhòr-chuid de dhaoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach agus cha bhi a-riamh.”

    “Tha e gòrach gu bheil casgan gun fheum air daoine co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala air feadh uiread de dhùthchannan. Tha cuid de dhaoine a tha ri fèise le daoine eile ann an cunnart HIV. Tha feadhainn eile nach eil. Feumaidh sinn stad a chur air gnàth-ìomhaighean a sparradh air na coimhearsnachdan co-sheòrsach agus dà-sheòrsach agus am putadh chun nan oirean agus tòiseachadh air barrachd fuil a ghlacadh gus barrachd beathannan a shàbhaladh. Feuch leam tòiseachadh air giùlan-fèise agus am fuil fhèin a sgrìonadh seach an taobhadh-fèise.”

  • Lìonra ùr stèideachadh gus taic a thoirt ri thidsearan LGDT+

    Chaidh lìonra air loidhne ùr stèidheachadh an seachdain seo gus taic a thoirt ri thidsearan LGDT+ san Rìoghachd Aonaichte.

    Bidh LGBTed ag obair còmhla ri Ionad Charnegie aig Oilthigh Leeds Beckett agus oilthighean eile gus rannsachadh a cho-roinn mu dheidhinn tighinn a-mach nuair a thathar ag obair ann an sgoiltean agus oilthighean.

    Chaidh a stèidheachadh le Daniel Gray, tidsear co-sheòrsach, agus Hannah Jepson, Stiùiriche Measaidh agus Taghaidh aig a’ charthannas foghlaim nàiseanta Ambition School Leadership.

    Thàinig Gray a-mach dhan sgoil aige an-uiridh. Thuirt e ri PhinkNews:

    ”‘S e eadar-theachd tràthail a th’ ann an LGBTed a thogas lìonra de thidsearan agus de stiùirichean LGDT+, a bheireas cumhachd dhaibh a bhith fìrinneach ann an sgoiltean, colaistean agus oilthighean gus taic a thoirt do dh’oileanaich agus a bhith na neach-tagraidh airson follaiseachd LGDT+ a mheudachadh anns an t-siostam foghlaim againn.”

    “Nì e fìor atharrachadh do thidsearan agus luchd-stiùiridh gus sgoiltean a dhèanamh nas in-ghabhaltach.”

    “Nuair a bha mi san sgoil, rè àm Earrann 28, ged nach robh fios agam gun robh mi co-sheòrsach bha mi air mo thruailleadh anns na dòighean as uabhasach air a shon.”

    “Nuair a chaidh mi dha na tidsearan, dh’ innse iad dhomh: ”‘S e rudeigin a dh’fheumas tu dèiligeadh ris.” Chaidh casg a chuir orra bho bhith a’ bruidhinn mu a dheidhinn.”

    “Gu mì-fhortanach, tha buaidh Earrann 28 fhathast ann agus tha cuid mhath de thidsearan agus stiùirichean sgoile fhathast ana-cinnteach mar a bu chòir dhaibh dèiligeadh ri cùisean LGBT +, fiù ’s ciamar a bheir iad taic do neach LGBT + san sgoil aca.”

    “Tha mi ann an suidheachadh sochairichte an-dràsta far an urrainn dhomh a bhith an comhairliche a bha a dhìth orm mi nuair a bha mi san sgoil.”

  • Maoineachadh air a ghlachadh airson tachartas òigridh aig a’ chiad Fhèis Pròis Dhùn Dè

    Chaidh maoineachadh de £2500 a ghlacadh leis a’ bhuidheann-òigridh Purple Dragons gus tachartas òigridh a chumail mar phàirt dhen chiad Fhèis Pròis Dhùn Dè.

    Chaidh maoineachadh de £1500 a thoirt dhaibh le Dundee Youth Fund agus chaidh £1000 a bharrachd a thoirt dhaibh le LGBT Youth Scotland.

    Bidh iad ag obair le LGBT Youth Scotland agus Pink Saltire gus an tachartas a chuir air chois.

    Thuirt Barry Jordan, a ruitheas pròiseactan LGBT Youth Scotland ann an Dùn Dè:

    “Bheir am maoineachadh seo cothrom math dha daoine òga LGBT taic fhaighinn gus tachartas mìorbhaileach a lìbhrigeadh anns a’ bhaile còmhla ri Fèis Pròis Dhùn De. Fad còrr ’s ochd bliadhna tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le daoine òga sa bhaile, a’ toirt taic, a’ ruith bhuidhnean òigridh agus a’ brosnachadh seirbheisean eile. Tha daoine òga air bhioran mun tachartas seo a chionn ’s gu bheil iad air a bhith airson fèis pròise fhaicinn ann an Dùn De fad ùine mhòr. Bidh e na dheagh chothrom a bhith a’ taisbeanadh pròise agus tàlantan dhaoine òga LGBT Dhùn De.”

    Thuirt Stuart Duffy, a stèidhich an carthannas Pink Saltire:

    “Tha e mìorbhaileach ri fhaicinn na daoine òga ann an Dùn Dè ag obair air an tuc fhèin gus tachartasan eagrachadh airson na co-aoisean aca a bhith a’ comharrachadh iomadachd a’ bhaile mhòir seo agus àite sàbhailte agus fàilteach a chruthachadh dha na h-uile.”

    “Tha fìor dhealas aig na daoine òga airson àite a chruthachadh dhaibh fhèin aig an fhèis agus tha sinn taingeil do Young Scot agus Dundee Youth Fund airson taic gus an tachartas seo a chur air chois.”

    “Tha sinn a’ creidsinn gu mòr gu bheil tòrr aig daoine òga ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba ri thoirt air ais dhan sgìre aca fhèin agus tha seo na dheagh eisimpleir de bhith a’ tasgadh nam beachdan gus am bi beatha nas fheàrr aig daoine LGBT.”

    Click here to read this article in English at PinkSaltire