• Eaglais na h-Alba a’ gluasad nas fhaisge air pòsaidhean aon-sheòrsach

    Tha Eaglais na h-Alba air ceum nas dlùithe a ghluasad gus leigeil le ministearan pòsaidhean aon-sheòrsach a chumail.

    Bhòt Seanadh Coitcheann na h-Eaglaise 345 an-aghaidh 170 airson comataidh stèideachadh gus lagh na h-eaglaise ullachadh a bhios freagarrach ri Roinn 9 (1A) dhen Marriage Scotland Act.

    Chaidh iarraidh air a’ chomataidh aithris a thoirt aig coinneamh bhliadhnail a’ bhuidheann co-dhùnaidh ann an 2020.

    Fo na planaichean a chaidh a mhìneachadh anns a’ ghluasad, bhiodh ministearan agus deochanan comasach air pòsaidhean aon-sheòrsach a chumail “ma thogras iad”.

    Thàinig a’ bhòt an dèidh dhan Urramach Còir Susan Brown a chur an sàs mar Mhodaràtor aig Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba aig toiseach a’ chruinneachaidh ann an Dùn Èideann.

    Thàinig an dreuchd aice anns a’ bhliadhna a tha an Eaglais a’ comharrachadh 50 bliadhna bho cho-òrdanachadh boireannaich ’s ise an ceathramh tè a chum an tiotal.

  • Apple a’ beachdachadh air oifis ùr fhosgladh ann an Carolina a Tuath a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh luchd-LGDTC+

    Tha dithis oifigearan riaghaltais à Carolina a Tuath air a ràdh gu bheil Apple a’ beachdachadh air oifis corporra mòr fhosgladh anns an stàit – a dh’aindeoin laghan san stàit a leigeas lethbhreith an aghaidh coimhearsnachd LGDTC+ na stàite.

    Dh’innis iad dhan Associated Press gu bheil an companaidh teicneòlais faisg air co-dhùnadh am bu chòir dha ionad corporra mòr fhosgladh ann an sgìre Raleigh-Durham ann an Carolina a Tuath.

    Thathar an dùil gun tèid eadar 5,000 gu 10,000 obraichean a dhèanamh aig na h-oifisean, ga dhèanamh mar aon de na ionadan còrparra as motha san dùthaich.

    Ach chaidh na planaichean a chàineadh le iomairtichean LGDTC+. Thuirt Kate Oakley, bho Iomairt Chòraichean Daonna ri Associated Press: “Tha cothrom aig Apple stiùireadh le bhith a’ lorg agus a’ tasgadh ann an àiteachan a tha a’ dìon luchd-LGDTC+ gu h-iomlan. Chan e Carolina a Tuath aon dhe na h-àiteachan sin.”

    Chaill an stàit sreath de ghnìomhachasan tasgaidh mòra ann an 2016 nuair a bha am bìle connspaideach HB2 ga dhèanamh na lagh le Riaghlaidair Pat McCory.

    Chuir às HB2 dha na h-òrdanan ionadail uile a bha a’ dìon chòraichean LGDTC+, chuir e casg air tar-ghnèithich a bhith a’ cleachdadh an taigh-beag as fheàrr leotha, agus thug e cead do ghnìomhachasan a bhith a’ dèanamh lethbhreith an aghaidh luchd-LGDTC+ air sgàth ’s adhbharan diadhaidh.

    Rinn companaidhean a leithid Paypal agus Deutsche Bank boycott air an stàit air sgàth ’s na laghan lethbhreitheil.

    Ann an 2017 chaidh HB2 a chuir às nuair a chaidh HB142 a dhèanamh na lagh le Riaghlaidair Roy Cooper.

    Tha HB142 a’ toirt cead ri tar-ghnèithich a bhith a’ cleachdadh an taigh-beag dhen ghnè ris a bheil iad ag aithneachadh ach tha e cuideachd a’ cur casg air bailtean-mòra bho bhith a’ dèanamh laghan ùra a-thaobh leithbhreith ro 2020. Tha seo a’ ciallachadh ma tha droch-bhuaidh sam bith air neach tar-ghnèitheach air sgàth ’s an taigh-beag a chleachdas iad cha bhith iad air an dìon leis an lagh. Cuideachd chan eil an lagh ùr seo a’ buntainn ach ri togalaichean poblach agus riaghaltais agus chan eil ri companaidhean prìobhaideach.

    Ann an aithris ri PinkNews tha neach-labhairt Apple air diùltadh gun deach co-dhùnaidhean sam bith a dhèanamh aig an ìre-sa a thaobh suidheachadh an oifis ùr.

  • Maoineachadh de chòrr is £8000 a thoirt gu Fòram LGDT na Gàidhealtachd

    Thèid maoineachadh de chòrr is £8000 a thoirt gu Fòram LGDT na Gàidhealtachd le Mhaoin a’ Chrannchuir Mhòir airson tachartas Proud Ness a chumail ann an Inbhir Nis san t-Sultain. A bharrachd air Proud Ness thathar ag ràdh gum bi sreath de thachartasan nas lugha ann an àiteachan eile anns a’ Ghàidhealtachd sna mìosan a leanas.

    Thuirt neach-labhairt an fòraim ri Phink Saltire:

    “Tha Fòram LGBT na Gàidhealtachd fìor thoilicte gun d’fhuair sinn maoineachadh. Tha na tachartason airson iomadachd, co-ionnanachd agus co-chòrdadh a bhrosnachadh taobh a-staigh na Gàidhealtachd. Chaidh mòran a dhèanamh leis an Riaghaltas airson seo a bhrosnachadh ach tha obair fhathast ri dhèanamh gus aontachas sòisealta leasachadh anns a’ Ghàidhealtachd.”

    Thuirt BPA airson Inbhir Nis agus Inbhir Nàrann, Fergus Ewing:

    “Tha mi an dòchas gum bidh deagh fhrithealadh aig na tachartasan seo agus gum bidh iad a’ brosnachadh tuigse agus aontachas nas fheàrr anns a’ Ghàidhealtachd air daoine aig a bheil beachdan agus cùl-raointean eadar-dhealaichte. Bu chòir dhuinn uile luach a thoirt air a chèile mar dhaoine, air sgàth ’s gu bheil beatha luachmhor, agus fuireach còmhla nar coimhearsnachdan le spèis agus aontachas air eadar-dhealachaidhean.”

    Tha am Fòram a’ cur fàilte air daoine a bhios airson frithealadh an ath choinneamh aca air 12mh Cèitean anns a’ Ghearasdan far a bhios cothrom ann a bhith a’ cuideachadh le cruth a chur air an tachartas.

    Tha Alba air a bhith a’ faicinn àrdachadh mòr ann an tachartasan LGDT san fharsaingeachd, le 11 Fèisean Pròise dearbhte a’ gabhail àite ann an 2018, an coimeas ri dìreach 4 ann an 2017. Tha cuideachd grunn thachartasan a’ gluasad a-mach de mheadhan na h-Alba, leithid Campa Pròise LGDT ann an Siorrachd Inbhir Àir agus Còla-deug Fèis Spòrs LEAP (le 60 tachartas air feadh na h-Alba).

    Na bu tràithe sa bhliadhna chaidh a’ chiad Fèis Pròise Tar-ghèitheach a chumail ann an Dùn Èideann agus chaidh tachartasan ùra ainmeachadh airson Siorrachd Pheairt, Dùn Dè, Grampian, Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, Lodainn an Ear agus Eilean Bhòid agus tha seo a bharrachd air tachartasan stèidhichte mar-thà ann an Fìobha, Lodainn an Iar, Dùn Èideann agus Glaschu.

    ‘S urrainn dhuibh cumail suas leis na tha am Fòram a’ dèanamh air an làrach-lìn aca no air Facebook.