• Gèidh.uk agus Pink Saltire gu bhith co-obrachadh air sèirbheis-naidheachd LGDTC+ do Ghàidheil

    Tha mi air leth toilichte a bhith ag obair comhla ri Pink Saltire gus barrachd den t-susbaint aca a thabhann tro mheadhan na Gàidhlig!

    Mu Phink Saltire

    Tha Pink Saltire na na bhuidheann carthannais clàraichte Albannach (SCIO) agus air a liostadh air a’ chlàr carthannais a tha air a chumail le Riaghladair Bhuidhnean Carthannais na h-Alba (OSCR).

    Chaidh a stèidheachadh ann an 2014 agus ’s e buidheann co-ionannachd nàiseanta a th’ ann, air a riaghladh agus air a ruith le daoine LGBT+.

    Tha sinn a’ creidsinn gur e àite fìor mhath a th’ ann an Alba airson a bhith ann an comann-sòisealta an-asgaidh agus fosgailte.

    Mar Albannaich, tha sinn a’ faighinn buannachd bho raon reachdais a tha a’ dìon ar còraichean daonna co-ionnan agus saorsa conaltraidh.

    Tha sinn cuideachd ag aithneachadh gu bheil an sgeulachd agus eòlas aig a h-uile duine eadar-dhealaichte ach fhathast cudromach – tha mòran againn fhathast a’ faighinn eòlas air lethbhreith, claon-bhreith, burraidheachd no droch-dhìol agus tha sinn airson sin atharrachadh.

    Mar charthannais againn ’s e ar n-amasan a bhith:

    • adhartachadh saoranachd agus leasachadh coimhearsnachd taobh a-staigh coimhearsnachd LGBT+ na h-Alba;
    • brosnachadh co-ionannachd agus iomadachd;
    • adhartachadh ealain, dualchas agus cultar LGBT+ na h-Alba.

    A-rèir na h-Urrasairean againn ’s e ar n-amasan a bhith:

    • lughdachadh iomallachd sa choimhearsnachd le bhith a’ cruthachadh cheanglaichean brìoghmhor agus luachmhor;
    • cleachdadh mheadhanan ùra agus a’ tuigsinn ar coimhearsnachd nas èifeachdaiche;
    • aithneachadh deagh eisimpleirean agus brosnachadh dhaoine eile gus na h-amasan aca a choileanadh.

    Tha ar bun-stèidh ag innse gum bi sinn a’ coileanadh nan amasan sin tro dhòighean a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach:

    • stòras didseatach a tha a’ cruthachadh dìleab leantainneach de chultar LGBT+ ann an Alba;
    • rannsachadh leantainneach a tha a’ measadh bheachdan sòisealta, cùisean breithneachail agus a’ measadh buaidh chultarach agus eaconamach cudromach dhaoine LGBT+;
    • prògram a tha ag aithneachadh, a’ toirt urram agus a’ comharrachadh na daoine agus na buidhnean sin a tha a’ strì airson beatha nas fheàrr airson daoine LGBT + ann an Alba.

    Tha obair Pink Saltire air a roinn ann an trì sreathan obrach:

    • IONNSAICH – far a bheil sinn a’ cleachdadh dhòighean meadhanan ùra gus ar coimhearsnachd agus na beachdan aca a thuigsinn agus an dàta seo a chleachdadh gus ar seirbheis leasachadh agus tuigse nas fhèarr fhaighainn air ar prìomhachasan.
    • CO-ROINN – far a bheil sinn a’ cruthachadh àrd-ùrlar didseatach fosgailte de shusbaint a chaidh a ghineadh le luchd-cleachdaidh ann an raon de chruthan a bhios a’ toirt com-pàirt do dhaoine air na prìomh chùisean – furasta a ruigsinn, furasta a chleachdadh, fosgailte fad an latha, spòrsail, lèirsinneach agus ionadail.
    • BROSNAICH – far a bheil sinn ag èigheachd gu àrd mu deagh eisimplerean a dhèanamh le daoine no buidhnean cudromach gus daoine eile LGBT+ a bhrosnachadh air feadh na dùthcha.

    Leanaibh Pink Saltire

    Làrach-lìn: https://pinksaltire.com

    Twitter: @PinkSaltire

    Facebook: @PinkSaltire

    Snapchat: PinkSaltire

    Post-d: info@pinksaltire.com

    Leugh am post seo sa Bheurla air PinkSaltire

  • A’ Chiad Fèis-pròise Tar-ghnèitheach ann an Alba

    Thèid a’ chiad Fèis Pròise Tar-ghnèitheach ann an Alba a chumail Disaithairne 31 Màrt 2018 eadar 12-5f.

    An tòiseach bidh caismeachd sìos a’ Mhìle Rìoghail gu Pàrlamaid na h-Alba far am bi luchd-labhairt a’ toirt òraid.

    As dèidh sin coinnichidh luchd-frithealaidh aig Ionad Co-labhairt Iain Mac an t-Saoir far am bi diofar bùthan-obrach, mic-fosgailte agus cabadaich gu leòr ann.

    Bidh fàilte chridheil air daoine tar-ghnèithich agus na càirdean aca. Ma tha sibh airson dol cuiribh fios gu TransPride Scotland le bhith a’ clàradh an seo: https://www.eventbrite.co.uk/e/trans-pride-scotland-tickets-43137513464

    Airson barrachd fhiosrachaidh thoiribh sùil air na làraichean-lìn seo:-

    Làrach-lìn: www.transpridescotland.org

    Bùthan-obrach: https://www.transpridescotland.org/workshop-schedule

    Twitter: https://twitter.com/TransPrideScot

    Facebook: https://www.facebook.com/transpridescotland/

  • Casg air tar-ghnèithich ann an seirbheisean armailteach nan Stàitean Aonaichte

    Chaidh a dhearbhadh le Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaicte Donald Trump gu bheil casg air a chuid as motha de thar-ghnèithich le mì-rian ghnèitheach bho sheirbheis armailteach.

    A-rèir an aithris aige chaidh am poileasaidh ùr seo leasachadh mar thoradh air sgrùdadh farsaing a rinn ceannardan armailteach agus sìobhalta. A bharrachd air an aithris chaidh meòrachadn bho Rùnaire an Dìon James Mattis fhòillseachadh far an do dh’innis e gu Trump gu bheil cunnartain mòra ann a bhith a’ toirt cead do thar-ghnèithich a bhith a’ gabhail anns na feachdan armailteach air sgàth ’s gum feumadh iad a bhith saor bho shreath de riaghailtean inntinneil, corporra agus gnèitheach agus gum faodadh iad bacadh a chur air ullachadh agus co-ionnannachd an aonaid agus droch-bhuaidh a thoirt air èifeachdas na feachdan armailteach.

    Thuirt Runaire Mattis gum faodadh tar-ghnèithich gabhail anns na feachdan armailteach ma tha iad air a bhith seasmhach agus ag aithneachadh an gnè bith-eòlasach aca airson 36 mìosan às dèidh a chèile. A’ dol air adhart thuirt e nach tèid casg a chur air buill le mì-rian gnèitheach ma tha iad air am breithneachadh as dèidh gabhail ann agus mura h-eil iad airson an gnè aca atharrachadh gu h-oifigeil. Mu dheireadh thuirt e gum faod buill seirbheis a chaidh a dhearbhadh le mì-rian ghnèitheach eadar an t-àm a thàinig poileasaidh an rianachd roimhe gu buil agus ceann-latha èifeachdah a’ phoileasaidh ùir an gnè aca atharrachadh ma thogras iad agus gum faigh iad leigheas a tha a dhìth.

  • A’ Chiad Fèis-pròise Pheairt

    Thèid a’ chiad Fèis-pròise a chumail ann an Siorrachd Pheairt Disathairne 11 Lùnastal 2018.

    Chaidh a chur an cèill gu bi am buidheann-eagrachaidh ag obair ann an compàirteachas le Comhairle Pheairt & Cheann Rois gus tachartas eadar-mheasgte a chumail a’ bhios a’ toirt misneachadh dhan choimhearsnachd LGBT a tha a’ fuireach san sgìre.

    Tha am buidheann-eagrachaidh ag obair gu dlùth ri buidheann-eagrachaidh a’ chiad Fèis-pròise Fhìobha ann an 2017 air sgàth ’s rannsachadh a tha a’ sealltainn gun do chuir an fhèis acasan còrr ’s £150,00 ri eaconamaidh na sgìre agus gun robh còrr ’s 3000 neach an làthair.

    Tha an naidheachd seo a’ ciallachadh gu tèid 11 Fèisean-pròise a chumail air feadh Alba am-bliadha. Nam measg tha Obair Dheathainn, Dùn Dè, Glaschu, Dùn Èideann agus fiù ’s Eilean Bhòid.

    Ma tha sibh airson cuideachadh aig an fhèis leigibh fios dhan bhuidheann-eagrachaidh air Facebook no post-d: info@perthshirepride.com

  • Càineadh mu phostair oilbheumach ann an taigh-seinnse Lìteach

    Chaidh càineadh a dhèanamh air an taigh-seinnse The Office ann an Lìte mu phostair oilbheumach a th’ anns na taighean-beaga aca.

    Tha am postair air ainmeachadh Office Banter agus e a’ liostadh diofar abhcaidean a tha gràin-chinnidheach, gnèithealach agus gràineil ri luchd-LGBT.

    Am-measg na h-abhcaidean, tha eisimpleirean mar:

    “What’s the hardest part of rollerblading? Telling your parents that you are gay.”

    “What did Boy George say to Michael Jackson? You Beat It, and I’ll cumma cumma cum.”

    “Did you hear about the Chinese couple that had a retarded baby? They named him Sum Ting Wong.”

    Ann am post air Facebook sgaoil Kevin Tierney dealbh dhen soidhne comhla ris am brath: “Toilet walls in the office on Easter road… take this racist/sexist/homophobic s*** down eh..”.

    Sgrìobh Hellish Scott: “1970’s style s***e humour should be left in the 70s along with Jimmy Savile and all the other wonderful things from the time when ‘things were different’.”

    Agus sgrìobh John Baird: ‘It’s maybe not offensive to everyone however it is outdated, cheap and crass. Much like the establishment itself.’

    Cha deach freagairt a thoirt seachad leis The Office fhathast ach tha iad air an duilleag Facebook aca a dhùineadh a-nis.