• Riaghaltas na h-Alba airson laghan a thaobh dearbh-aithne ghnèitheach ath-leasachadh

    Tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gum bi iad a’ dol air adhart le planaichean gus laghan a thaobh dearbh-aithne ghnèitheach ath-leasachadh as dèidh gun do chur Riaghaltas Bhreatainn dàil air na planaichean acasan.

    Dh’ainmich Justine Greening, Rùnaire an Fhoghlaim agus Ministear nam Ban, anns an t-Iuchar 2017 gum bidh Riaghaltas Bhreatainn ath-leasachadh an lagh a thaobh dearbh-aithne ghnèitheach.

    Ach anns an Dùbhlachd sgrìobh The Sunday Times gum bidh Riaghaltas Bhreatainn a’ cur dàil air na planaichean aca air sgàth ’s gur e cùis “iomadh-fhillte” agus “co-roinnteach” a th’ ann.

    Ach tha Riaghaltas na h-Alba a-nis ag ràdh gum bidh iadsan a’ dol air adhart leis an ath-leasachadh agus tha iad air co-chomhairle a chur air bhog a’ sireadh molaidhean airson atharrachaidhean dhan Gender Recognition Act 2004.

    Thig a’ co-chomhairle gu crìoch 1 Màrt 2018.

    Thuirt BP Angela Crawley ri Pink News: “Tha 2018 gu bhith na bhliadhna cudromach a thaobh co-ionannachd LGDTC ann an Alba.”

    “Leis an ath-leasachadh a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh bidh Alba na ceannabhaidh air feadh an t-saoghal a thaobh co-ionannachd tar-ghnèitheach le bhith ga dhèanamh nas sìmplidh agus nas cùramaiche airson daoine tar-ghnèitheach a bhith a’ faighinn aithneachadh laghail dhen dearbh-aithne gnèitheach aca agus airson daoine tar-ghnèitheach a bhith air an aithneachadh airson a’ chiad turas anns an Rìoghachd Aonaichte.”

  • 42 tagraichean LGDT+ a’ sireadh taghaidh ann an Teagsas am bliadhna

    A-rèir an iris OutSmart tha co-dhiù 42 tagraichean LGDT+ a’ sireadh taghaidh ann an Teagsas am bliadhna.

    Tha dithis dhe na tagraichean a’ sireadh taghaidh mar Riaghladair, aonar mar bhall Àrd-chuirt Theagsais, triùir mar bhuill Seanadh Theagsais, deichnear mar bhuill Taigh Theagsais, ochdnar mar bhuill a’ Mhór-dhàil agus dusan eile a’ sireadh oifisean laghail eile.

    Am measg na tagraichean tha còignear a tha tar-ghnèitheach, triùir Ameireaganach-Afraganach, sianar Spàinnteach agus tha 38 dhiubh buill anns a’ Phartaidh Deamocratach.

    Bha Lupe Valdez na Siorram ann an Siorrachd Dhallais eadar 2005 agus 2017 agus i a-nis a’ sireadh taghaidh mar Riaghladair. Thuirt i ri OutSmart, “‘S e mòmaid phròiseil a tha seo ann an eachdraidh Theagsais.

    “Tha e iongantach gu bheil fear ghèidh agus leasbach comasach air taghadh a sireadh dhan oifis as àirde ann an Stàit Theagsais agus e a’ sealltainn an adhartais a tha sinn air a dhèanamh mar chomann-sòisealta,” ars Jeffrey Payne, a tha a’ sireadh taghaidh mar Riaghladair cuideachd.

  • Co-labhairt “An Equal Future?” a’ beachdachadh air na dhìth airson Alba a dhèanamh na dùthaich nas in-ghabhalaiche

    Tha Òigridh LGDT na h-Alba agus Clann ann an Alba gu bhith a’ cumail co-labhairt gus beachdachadh air na dhìth airson Alba a dhèanamh na dùthaich nas in-ghabhalaiche.

    Thèid an co-labhairt “An Equal Future?” a chumail 1 An Gearran 2018 mar phàirt den mhìos air eachdraidh LGBT agus mar phàirt de Bliadhna na h-Òigridh 2018.

    ’S e amas na co-labhairt a bhith a’ leasachadh agus a’ neartachadh na sgilean agus an tuigse aig luchd-proifeiseanta a bhith a’ cruthachadh àrainneachdan a bhios sàbhailte, taiceil agus in-ghabhalach ris an òigridh LGBT.

    Bidh iomadh taisbeanaidhean, deasbadan agus bùthan-obrach ann a’ toirt a-steach na cuspairean na leanas:

    • Life in Scotland for LGBT Young People – 2018 Research
    • Experiences of LGBT young people
    • Gender identity in early and primary years
    • LGBT and mental health
    • Addressing homophobic, biphobic and transphobic bullying
    • Inclusive play, activity and sport for LGBT children and young people

    Tha am prògram slàn ri leughadh an seo.

    Airson barrachd fhiosrachaidh tadhalaibh air an làrach-lìn aig Clann ann an Alba no cuiribh post-d thuca.

  • Ceann-suidhe an Eaglais Mhormonach air bàsachadh

    Tha Ceann-suidhe ùr gu bhith aig an Eaglais Mhormonach (Church of Jesus Christ of Latter-day Saints) as dèidh gun do bhàsaich Thomas S. Monson Dimàirt ann an Salt Lake City. Bha e ceithir fichead sa deich bliadhna a dh’aois.

    Bha Monson na Cheann-suidhe an eaglais fad 54 bliadhna agus thairis air na bliadhnaichean sin tha seallaidhean gu math traidiseanta air a bhith aige.

    Cha robh buill co-sheòrsach ceadaichte san eaglais nan robh iad fosgailte mun gnèitheachd aca agus cha robh pòsadh aon-sheòrsach ceadaichte. A bharrachd air seo cha robh e ceadaichte airson boireannaich a bhith nan sagartan.

    Thathar an dùil gun tèid Russell M. Nelson ainmeachadh na cheannard an eaglais agus gum bi e a’ cumail ris na h-aon sheallaidhean a bh’ aig Monson, gu h-àraid a thaobh daoine LGDT+.

    Ann an 2016 thuirt Nelson gur e toil Dhé a tha anns na poileasaidhean a th’ aig an eaglais.

    Nam broinn, tha na poileasaidhean seo ag ràdh gur e naomh-thrèigich a tha ann an daoine co-sheòrsach phòsta agus nach eil clann de phàrantan co-sheòrsach ceadaichte san eaglais gun a bhith a’ diùltadh na pàrantan aca.

  • Bàsaire ISIS fo chasaid ann an Ioràc

    Tha feachdan tèarainteachd ann am Mosul, Ioràc air bàsaire ISIS a chur fo chasaid.

    Tha am bàsaire, Abu Omer no ‘White Beard’ ainmeil airson fìr ghèidh a mhurt.

    Tha mìltean de fhìr ghèidh air a bhith gan fuadachadh ann an Ioràc agus Siria air sgàth ’s gu bheil am buidheann ISIS gan targaideachadh.

    Tha Omer air a bhith a’ falachadh ann am Mosul fad sia mìosa o chionn ’s gun d’ thug feachdan Ioràcach smachd air a’ bhaile anns an t-Iuchar 2017.

    A-rèir am buidheann-naidheachd ionadail, AhlulBayt, ’s e daoine ionadail a dh’innse dha na feachdan Ioràcach far an robh Omer a’ falachadh.

  • Riaghaltas a’ toirt maoineachadh de £75,000 dhan charthannas Òigridh LGDT na h-Alba

    Gheibh an carthannas Òigridh LGDT na h-Alba (LGBT Youth Scotland) £75,000 bho Riaghaltas na h-Alba mar phàirt dhen sgeama “Bliadhna na h-Òigridh” a bhios iad a’ ruith fad 2018.

    ‘S e a h-amas a bhith a’ brosnachadh Alba tron òigridh againn. Bidh a’ bhliadhna seo a’ comharrachadh euchdan na h-òigridh agus a’ cruthachadh chothroman do dh’òigridh a bhith soirbheachail aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

    A bharrachd air Òigridh LGDT na h-Alba bidh an Riaghaltas a’ roinn maoineachadh de £14m a-measg còrr ’s 100 buidheann a leithid Scouts Scotland, Save the Children agus Barnardo’s.

    Tha clàir phoblach a’ sealltainn gu bheil teachd-a-steach Òigridh LGDT na h-Alba air àrdachadh £250,000 san bhliadhna mu dheireadh agus ann am Màrt 2017 ruig am maoineachadh gu lèir aca suas ri £1.1m. Thathar an dùil gum faigh an carthannas còrr ’s £300,000 bho phrògraman co-ionnanachd eile aig an Riaghaltas.