Riaghailtean nas fuasgailte a thaobh fireannaich co-sheòrsach a’ toirt seachad fala

Tha Seirbheis Fala na h-Alba (SNBTS) air ràdh gun tèid na riaghailtean a thaobh fala a thoirt seachad atharrachadh a-màireach.

Am-measg na h-atharrachaidhean bidh fireannaich co-sheòrsach/dà-sheòrsach comasach air fala a thoirt seachad mura h-eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile sna trì mìosan roimhe.

O chionn 2011 cha robh fireannaich comasach air fala a thoirt seachad ma tha iad air a bhith ri feise le fireannach eile sa bhliadhna roimhe agus ro 2011 bha casg air fireannaich co-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala. Chaidh an casg a chur an sàs anns na 1980an air sgàth eagail mun ghalair HIV.

Am measg na h-atharrachaidhean eile bidh tabhairtichean comasach air fala a thoirt seachad an dèidh ceithir mìosan, seach bliadhna, ma tha iad air tattoo, piercing, acupuncture no endoscopy fhaighinn agus sia mìosan, seach naoi, an dèidh leanabh a bhreith .

Thathar an dùil gum bi 2000 a bharrachd comasach air fala a thoirt seachad air sgàth ’s na h-atharraichean seo.

Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh mu dheidhinn na h-atharraichean seo faodaidh sibh fòn a chur dhan SNBTS air 0345 90 90 999 no post-d a chur dhaibh.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.