• Companasan-catharra air a dhèanamh laghail ann an Èirinn

    Chaidh laghan ùra a chur an gnìomh ann an Èirinn Disathairne gus companasan-catharra a dhèanamh laghail anns an dùthaich.

    A dh’aindeoin seo tha cuid anns a’ choimhearsnachd LGDT Èireannach air an achd a chàineadh air sgàth ’s gum feumar gach càraid tagradh a chur a-steach co-dhiù trì mìos ro-làimh ma bhios iad airson cead fhaighinn bhon Riaghaltas agus air sgàth ’s nach eil an achd a’ toirt còirichean co-ionann do phàrantan co-sheòrsach.

    Tha am buidheann LGBT Noise a’ càineadh an achd ùr air sgàth ’s nach eil e a’ toirt cead pòsaidh do chàraidean aon-sheòrsach.

    Thuirt neach-labhairt a’ bhuidhinn ris an Irish Times:

    “Bidh pàrantan a’ pàigheadh cìsean mar càraid ach cha bhi còraichean pàrant aca mar càraid. Tha Noise a’ creidsinn nan robh a h-uile buannachd a th’ aig pòsadh ri fhaotainn le companasan-catharra gur e leth-bhreith a bhiodh ann fhathast air sgàth ’s gum biodh siostam fa leth ann do mhuinntir a’ choimhearsnachd LGDT.”

    Thathar an dùil gun tèid na ciad companasan-catharra a chumail sa Ghiblean air sgàth ’s gum feumar cead fhaighinn trì mìosan ro-làimh ach faodar cead fhaighinn ro sin ma bhios tu a’ faighinn saoradh bhon a’ chùirt mar thoradh adhbharan slàinte m.s.a.a.

    Bidh an achd ùr ag aithneachadh companasan-catharra bho 27 dùthchannan eile a’ toirt a-steach An Rìoghachd Aonaichte agus Canada ach cha bhi e ag aithneachadh pòsaidhean aon-sheòrsach à dùthchannan far a bheil iad ceadaichte.

  • Sgoilearan Sussex a’ dèanamh sabaid air gràin-co-sheòrsachd le iomairt GRIN

    Tha sgoilearan aig Sgoil Bhedales, faisg air Petersfield air iomairt a chur air bhonn gus sabaid a’ dèanamh air gràin air deugairean co-sheòrsach.

    Chaidh an iomairt GRIN (Global Respect in Education) a stèidheachadh le Claudia White, 17, as dèidh dhi leughadh mu dheidhinn deugairean co-sheòrsach a chur às dhaibh fhèin.

    Chaidh an làrach-lìn aca stèidheachadh o chionn dà mhìos le postair de Patrick Lindsay, a tha na sgoilear aig an sgoil, air a bheil am facal ‘Respect’ sgrìobte ann an dathan na bogha-froise air a’ ghruaidh aige. ‘On uair sin, tha 33 duine eile air nochdadh air an làrach-lìn.

    A-nis tha na sgoilearan airson airgead a thogail airson an iomairt ann am Brighton Diardaoin 6mh Am Faoilleach agus tha iad an dùil gum bi muinntir a’ phoblach deònach a bhith a’ nochdadh ann an postairean ùra airson an làrach-lìn.

    Bu toigh leotha co-dhiù £10 bho gach duine a bhios deònach gu leòr a bhith a’ nochdadh ann am postair le ‘Respect’ sgrìobhte air na gruaidhean aca.

    A bharrachd air an làrach-lìn aca fhèin tha GRIN cuideachd a’ sireadh taic bho daoine air Twitter agus Facebook.