• Iomairt Facebook airson a’ chiad ceann-suidhe co-sheòrsach aig na h-Èirinn

    Chaidh iomairt a chur an sàs air Facebook gus a’ chiad ceann-suidhe co-sheòrsach a thaghadh ann an Èirinn.

    Thathar an dùil gun tèid David Norris a thaghadh na Ceann-suidhe na h-Èirinn anns an Taghadh 2011.

    Thuirt Norris gur e iomairt Facebook le ballrachd de còrr ’s 1000 daoine a bhrosnaich e a bhith a’ ruith.

    “Tha mi dhen bheachd gu bheil e uabhasach cudromach a bhith a’ cleachdadh teicneòlas ùr. Bha e na chuideachadh ri Ceann-suidhe Obama.”

    Tha Norris, a tha fosgailte mun ghnèitheachd aige, cuideachd air ràdh nach eil e an dùil gum biodh e na thrioblaid anns na Sgìrean Chaitligeach san dùthaich gu bheil e co-sheòrsach.

  • Pàipear-naidheachd Ugandach air liosta de dhaoine co-sheòrsach fhoillseachadh

    Tha am pàipear-naidheachd Ugandach Rolling Stone air liosta de dhaoine co-sheòrsach san dùthaich agus na dealbhan aca fhoillseachadh.

    Chaidh am pàipear fhoillseachadh le ceann-naidheachd air a’ phrìomh-dhuilleag a leughas gum bu chòir dhan a bhith gan crochadh.

    A-rèir an t-artaigil, bha na daoine a chaidh an ainmeachadh san liosta a’ feuchainn ri “buaidh a thoirt air millean clann”.

    Thuirt Giles Muhame, a tha na neach-deasachaidh a’ phàipear, gum biodh an liosta na chuideachadh ris an h-ùghdarrasan a tha airson daoine co-sheòrsach agus leasbaich an cur an grèim.

    Tha Julian Onziema, an tha na neach-iomairt airson còirichean daonna, air ràdh gun deach iomairt a thoirt air co-dhiù ceathrar on a chaidh an liosta fhoillseachadh.