• Daoine LGDT a’ togail casaid ann an California

    Tha daoine LGDT air a bhith a’ caismeachd air sràidean Chalifornia agus iad a’ togail casaid as dèidh buaidhe Proposition 8.

    Tha na caismeachdan air a bhith sìtheil ged a bha iad deònach agus gun chead.

    ‘S e daoine àbhaisteach a tha gan cur air chois tro làraichean-lìn a leithid Facebook.

    Bha iad a’ caismeachd anns an dà chuid bailtean beaga agus bailtean mòra agus bha 20,000 daoine an sàs uile gu lèir.

    Ann an Los Angeles, bha Teampall nam Mormonaich agus a’ Chathair-eaglais Chaitligeach cinn-siubhail nan caismeachdan.

    Cuideachd aig deireadh na seachdaine, thuirt an Riaghladair Arnold Schwarzenegger gun robh e mì-fhortanach gun do bhuaidh Proposition 8, agus gun robh e dòchasach gum bi Àrd-Chuirt California ga cur às. Chuir Schwarzenegger fhèin bheto air pòsadh aon-sheòrsach nuair a bhòt Assembly na Stàite air a shon.

    Anns an LA Times an-diugh, tha leasbach dhubh a’ mìneachadh carson nach do chuir i taic làidir do “No on 8”: http://www.latimes.com/news/opinion/la-oe-cannick8-2008nov08,0,3295255.story. Bhòt 2/3 na daoine dubha airson Proposition 8.

  • Còirichean co-ionann do leasbaich a’ sireadh seirbheisean IVF

    Thathar an dùil gun tèid cead a thoirt do leasbaich Albannach IVF a shireadh bho Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.

    Thathar an dùil gum mòl buidheann comhairle an Riaghaltais gum bu chòir do cead a bhith aig leasbaich a bhith a’ cleachdadh seirbheisean IVF air an SNS.

    Tha Caroline Harris agus Julie McMullen air a bhith a’ strì an-aghaidh SNS Ghlaschu am-bliadhna airson cead a bhith a’ cleachdadh na seirbheisean IVF aca.

    Thuirt SNS Ghlaschu gur ann airson càraidean neo-thorrach a bha na seirbheisean IVF agus nach robh càraid leasbach a’ co-fhreagairt am mìneachadh seo.

    Thuirt an càraid gum biodh iad a’ toirt an urras dhan lagh air sgàth ’s gun robh an urras a’ dèanamh leth-bhreith orra agus thug seo air an urras an riaghailt atharrachadh.

    An-dràsta tha càraidean leasbach comasach air seirbheisean IVF a’ cleachdadh ann an ospadalan aig SNS na Crìochan, SNS a’ Ghàidhealtachd agus a-nis SNS Ghlaschu ach tha SNS ag ràdh gum faodar seo leasachadh.

    Thuirt neach-labhairt an Riaghaltais ris The Times:

    “Chan eil riaghailtean an latha an-diugh a’ cur casg air càraidean aon-sheòrsach agus tha fios againn nach eil cuid dhe na bùird SNS a’ tabhann seirbheisean IVF do càraidean aon-sheòrsach… Tha sinn a’ tuigsinn nach eil seo cunbhalach air feadh na h-Alba agus iarraidh sinn air a’ bhuidheann comhairle a’ chùis seo a bheachdachadh.”