• Casg air ministearan co-sheòrsach ùra fad dà bhliadhna

    Tha Eaglais na h-Alba air casg a chur air ministearan co-sheòrsach ùra fad dà bhliadhna.

    Chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh dìreach dà latha as dèidh dhan Àrd-sheanadh bhòtadh 326-267 gus cead a thoirt ris an t-Urr. Scott Rennie a bhith na mhinistear aig Eaglais Chrois na Bànrighinn ann an Obar Dheathain, ged a tha e a’ fuireach le companach fireannach.

    Thèid coimisean àraidh stèidhichte gus a’ chuspair deasbad agus aithisg a dhèanamh ann an 2011.

    Chaidh casg a chur air buill an eaglais bhon a bhith a’ bruidhinn air a’ chùis ris na meadhanan.

  • Àrd-chùirt Chalifornia a’ cumail ri Prop 8

    Tha Àrd-chùirt Chalifornia air bhòtadh gus cumail ri Proposition 8, an iomairt a chur casg air pòsadh aon-sheòrsach anns an stàit.

    Bhòt na britheamhan 6-1 an-aghaidh luchd-taice pòsaidhean aon-sheòrsach a bha a’ gearan air sgàth ’s gu bheil Proposition 8 a’ dol an-aghaidh Bun-reachd nan Stàitean Aonaichte. A dh’aindeoin an co-dhùnadh seo, bhòt iad uile gu lèir airson na 18,000 pòsaidhean a chaidh a chumail mar thà a chumail laghail.

    Cha robh ach Britheamh Carlos R. Moreno, an aon Democrat anns a’ chùirt, airson Proposition 8 a chur às.

    Chaidh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail ann an California anns a’ Chèitean 2008, ach a-rèir Proposition 8 a chaidh a chur an gnìomh anns an t-Samhain 2008 tha pòsadh a’ ciallachadh aonadh eadar fear agus bean a-mhàin.

    Tha luchd-gnìomh LGDT air ràdh gu bheil Proposition 8 a’ dol an-aghaidh a’ bhun-reachd agus gu bheil e a’ dèanamh leth-bhreith orra. Tha iad cuideachd ag ràdh nach eil companasan-catharra, a tha ceadaichte anns an stàit, co-ionann ri pòsadh.

    Bidh daoine LGDT a’ togail fianais an-aghaidh a’ cho-dhùnadh air feadh California an-diugh.

  • BBC Alba: Deasbad a’ leantainn mu Mhinistearan gèidh

    Chaidh seo a thogail bho làrach-lìn a’ BhBC. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhal air Deasbad a’ leantainn mu Mhinistearan gèidh.

    Leanaidh an deasbad aig Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Diluain air am bu chòir do dhaoine a tha gu fosgailte ann an càirdeasan gèidh a bhith ceadaichte àrd-oifisean a bhith aca san Eaglais.

    Disathairne bhòt 327 coimiseanar gun robh Clèir Obar Dheathain ceart ann a bhith a’ cur taic ri calla bho Eaglais Chrois na Banrighinn gu Scott Rennie, a tha a’ fuireach le companach fireann.

    Tha sin a’ ciallachadh gun tèid Mgr Rennie a phòsadh ris a’ choithional san Òg-Mhios – sia miosan an dèidh dha an calla fhaighinn.

    Tha Mgr Rennie air a bhith na Mhinistear aig Àrd-Eaglais Bhrechin bho 1999.

    Bha 13 buill de Chlèir Obar Dheathain mi-thoilichte leis an t-suidheachadh mu choinneamh Mgr Rennie agus thug iad a’ chùis chun Àrd-Sheanadh.

    ‘S fear de na priomh dhraghan a bh’ orra nach robh an clèir air beachd a shireadh bhon Eaglais air fad mus do chur iad taic ri dreuchd ùr Mhgr Rennie.

    Gluasadan

    Bha aig an 900 Coimiseanar a bha an làthair ri bhòtadh air dà ghluasad.

    Thàinig a’ chiad ghluasad bhon t-Urr. Jeremy Middleton, Eaglais Davidson’s Mains, Dùn Èideann, a bha airson gun deidheadh gabhail ris a’ ghearain an aghaidh Chlèir Obar Dheathain agus nach deidheadh an t-Urr. Scott Rennie a phòsadh ri coithional ùr.

    Ghluais an Dtr. Urr Seòras Whyte an aghaidh a’ mholaidh sin agus esan ag radh gum bu chòir cuir às don ghearain an aghaidh a’ chlèir.

    Bha moladh Dhtr. Whyte ann an dà phàirt agus an dàrna pàirt ag iarraidh nach deidheadh a’ chùis seo a mheas mar seasamh oifigeil na h-Eaglasie air Ministearan gèidh.

    De na co-dhiù 900 coimiseanaran a bha an làthair bhòt 326 airson gluasad Mhgr Whyte agus 267 airson gluasad Mhgr Middleton. Bha còrr is 300 nach do bhòt idir.

    Tagradh

    Thòisich an deasbad mu chlèir Obar Dheathain agus lean e gus an do bhòt na coimiseanaran aig 22.21, mar sin cha chualas an tagradh bho chlèir Lochcarroin ’s an Eilean Sgitheanaich.

    Thèid an tagradh sin, a mholas gur e a-mhàin Ministearan, eilltearan agus deacoin a tha ann am pòsadh eadar fireannach agus boireannach no a tha singilte, a bu chòir a cheadachadh san Eaglais.

    Bidh cothrom ann do choimiseanaran iad fhèin molaidhean eile a chur air adhart cuideachd.

    Tòisichidh an deasbad sin aig 1600 Diluain is dùil gum mair e grunnd uairean a thìde.

  • Nach toir sibh ur cuideachadh ris an t-Urr. Scott Rennie

    Mar a bhios fios agaibh tha an t-Urr. Scott Rennie air a bhith a’ strì airson an dreuchd aige a shàbhaladh as dèidh dhan eaglais a ràdh nach robh e ceadaichte a bhith ag obair air an son air sgàth ’s gu bheil e co-sheòrsach.

    Chaidh ath-chuinge a chruthachadh thall aig http://www.thepetitionsite.com/1/support-scott-rennie le Alan Parker. Tha e ag amas air 10,000 daoine a chur an ainmean ris.