• Cha tèid BP Iris Robinson a thoirt gu lagh

    Cha tèid Iris Robinson, BP à Èirinn a Tuath, a thoirt gu lagh leis a’ phoileas airson moladh gur e tinneas-inntinn a th’ ann an co-sheòrsachd agus coimeas a dhèanamh eadar daoine co-sheòrsach agus paedophiles.

    Bha BP am Pàrtaidh Deamocratach Aonachdach (DUP) airson Strangford, a tha pòsta ri Peter Robinson, Prìomh Ministear Èirinn a Tuath, fo sgrùdadh am poileas as dèidh dhan BhBC còrr is 100 gearan fhaighinn nuair a bha Robinson a’ bruidhinn air Prògram Nolan air BBC Radio Ulaidh as t-samhradh agus mun aon àm nochd agallamh san Belfast Telegraph far an tuirt i rudan dhen aon t-seòrsa.

    Thuirt neach-labhairt a’ Phoileas as dèidh rannsachadh fada agus farsaing gu bheil iad toilichte gu leòr nach do bhris BP Robinson an lagh agus air sgàth ’s sin cha tèid i a toirt gu lagh.

  • Gearanan a’ cur bacadh air ministear co-sheòrsach

    Thèid coinneamh a chumail gus deasbad ma bhios ministear co-sheòrsach ann an Obair Dheathain comasach air obair airson an eaglais.

    Tha am Press & Journal ag ràdh gun deach an t-Urr. Scott Rennie a chur an dreuchd aig Eaglais Chrois na Banrighinn san Fhaoilleach le bhòt 60 gu 24 ach gu bheil 13 buill dhen eaglais air gearanan a dhèanamh mun dhòigh-bheatha aige.

    Tha an t-Urr. Rennie a’ fuireach anns a’ mhansa aig Àrd-Eaglais Bhrechin, far a bheil e ag obair, còmhla ris a bhràmair.

    A-nis thèid coinneamh a chumail le comataidh air a dhèanamh suas le ministearan agus èildearan gus deasbad air na gearanan agus co-dhùnadh a dhèanamh air ma bhios an cuspair a’ dol air adhart dhan Seanadh sa Chèitean.

  • Bile Gnè Mhanainneach air gluasad air adhart

    Tha bile ùr gus an t-Eilean Mhanainn a thoirt gu ìre an Rìoghachd Aonaichte a-thaobh poileasaidhean gnè air faighinn tron a’ chiad ceum dhen Chomhairle Lagha.

    Thèid an Gender Recognition Bill, a chaidh a chur air adhart le Eddie Lowey, a chur an gnìomh gus riaghailtean Cùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna a’ co-fhreagairt.

    Bidh am bile a’ toirt còirichean co-ionannachd, a’ toirt a-steach còirichean pòsaidh, do dhaoine tar-ghnèitheach sam bith a tha air teisteanas oifigeil fhaighinn.

    Tha am bile cuideachd ag ràdh gu bheil e mar dhleastanas dhan Oifis Clàraidh a bhith a’ cumail Clàr Gnè dìomhair mu dheidhinn a h-uile teisteanas gnè.

    Chaidh am bile stèidheachadh air laghan a chaidh a chur an gnìomh anns an Rìoghachd Aonaichte leis an Gender Recognition Act.

    Tha am bile air faighinn tro trì ceuman anns an House of Keys mar-thà ach tha dà cheum air fhàgail mus bi e na lagh.

  • Deasbad mu dhaoine co-sheòrsach a’ toirt seachad fala

    Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an casg a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.

    Chaidh an casg a chur an sàs anns na 1980an air sgàth eagail mun ghalair HIV.

    Mhol an aithisg mu dheireadh, a chaidh a dhèanamh anns an Fhaoilleach 2007, gum bu chòir dhan poileasaidh a-thaobh fireannaich co-sheòrsach fuirich mar a bha e.

    Thèid an rannsachadh ùr a dhèanamh le comataidh comhairle neo-eisimeileach a tha an urra ri comhairle a thoirt dhan riaghaltas a-thaobh cùisean fala, ceallain agus buill.

    Bidh an aithisg ùr a’ toirt a-steach fiosrachadh mu dheidhinn cho cumanta ’s a bhios Seirbheis na Fala a’ lorg galaran-gabhaltach agus ciamar a bhios na galaran-gabhaltach seo a’ sgaoileadh. Cuideachd thèid rannsachadh a dhèanamh gus faighinn a-mach cò na buidhnean as cumanta air a bheil galaran-gabhaltach mar seo.

    A bharrachd air seo bidh iad a’ sgrùdadh poileasaidhean eile air feadh an t-saoghal gus faighinn a-mach ciamar a tha dùthchannan eile a’ làimhseachadh a’ chuspair seo.

    Tha buidhnean LGDT air fàilte a chur air an naidheachd seo. Tha na buidhnean seo dhen bheachd gur e leth-bhreith a th’ anns a’ chasg a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil feise le dìon a’ fàgail gu bheil e sàbhailte dhaibh a bhith a’ toirt seachad fala.

    Thuirt labhraiche bhon Lìonra LGDT: “‘S e poileasaidh seann-fhasanta a th’ anns a’ chasg, a chaidh a chur an gnìomh bho chionn deicheadan nuair a bha daoine dhen bheachd gur e galair nach biodh ach daoine co-sheòrsach a’ faighinn a bh’ ann an HIV.”

    “Tha fhios againn san là a th’ ann nach ann mar sin a tha cùisean.”

    “Chan eil adhbhar clionaigeach ann airson a’ chasg air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a bhith a’ toirt seachad fala.”

    Thuirt Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS) gu bheil iad a’ cur fàilte air an rannsachadh ach gu bheil e mar dhleastanas dhaibh a bhith cho cinnteach ’s a ghabhas gu bheil an fhuil a tha ri fhaotainn anns an stòras aca glan agus sàbhailte.

    Thèid a’ mhòr-chuid dhen rannsachadh a thaisbeanadh dhan comataidh comhairle as t-samhradh.

  • BPA a’ toirt taic do lagh an-aghaidh eucoirean gràineil

    Tha lagh ùr gus brìgh eucoirean gràineil leasachadh a bhith a’ toirt a-steach gràin-co-sheòrsachd air gluasad air adhart ann an Alba.

    Tha Comataidh Ceartas Holyrood air taic a thoirt dhan bhile ùr a chaidh a chur air adhart le BPA Uaine Patrick Harvie.

    Tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh mar thà gum bi iad airson am bile aontachadh, a’ ciallachadh gu bheil e cha mhòr ach cinnteach gun tèid a dhèanamh na lagh.

    Bidh seo a’ ciallachadh gum bi binne nas làidire ri fhaicinn airson eucoirean gràineil an-aghaidh daoine LGDT neo daoine le ciorraim.

    Leis an Offences Aggravated by Prejudice (Scotland) Act, bhiodh Alba a’ dol leis an còrr de Bhreatainn far a bheil laghan mar seo mar thà.

  • ‘Firinn is Feise’ air BBC iPlayer

    ‘S e film aithriseach a th’ ann an Firinn is Feise a tha a’ toirt iomradh air sgeulachdan pearsanta bhon Ghàidhealtachd air an còmhstri eadar gnè feise is creideamh spioradail. Tha e ri fhaicinn air BBC iPlayer an-dràsta aig http://www.bbc.co.uk/iplayer/episode/b00g2j55/Firinn_is_Feise/.