• Caitligich Albannach air ràdh gu bheil co-sheòrsachd ag adhbharachadh bàis tràtha

    Tha an Eaglais Chaitligeach ann an Alba air ionnsaigh a thoirt air daoine co-sheòrsach agus leasbaich a-rithist.

    “Tha an t-uamhas de fhianais ann a tha a’ sealltainn gu bheil càirdeasan aon-sheòrsach neo-sheasmhach gu dualach agus gun tèid dùil-bheatha nan daoine a tha an sàs annta ìsleachadh,” arsa neach-labhairt an eaglais, Peter Kearney.

    Bha Mgr. Kearney a’ toirt iomradh air cùis-lagha dithis clann a chaidh an uchd-mhacachadh le càraid co-sheòrsach as dèidh dhan Ùghdarrasan Dùn Èideann ràdh gun robh na sean-phàrantan aca ro shean airson a dhèanamh.

    Thuir Mgr. Kearney dhan Daily Mail:

    “Is e co-dhùnadh lèir-sgriosail a tha seo aig a bhios buaidh mhòr air sochair a’ chlann.”

    “Tha dleastanas aig buidhnean uchd-mhacaichidh Caitligeach a bhith coma ma bhios clann air an cur fo chùram càraid pòsta neo càraid co-sheòrsach; tha seo fada fada ceàrr,” ars an eaglais aig Co-labhairt nan Easbaigean san Dàmhair.

    “Feumaidh poileasaidhean teaghlaichean seasmhach a bhrosnachadh.”

  • Daoine LGDT a’ togail casaid an-aghaidh Riaghaltas Bhachrain

    Tha daoine LGDT ann am Bachrain a’ togail casaid an-aghaidh riaghaltas an dùthaich as dèidh dhaibh casg a chur air lìn-sòisealta LGDT.

    Tha làraichean-lìn sòisealta, a leithid Gaydar, gu math measail a-measg daoine LGDT san dùthaich air sgàth ’s gu bheil iad a’ toirt dòigh sàbhailteach dhan choimhearsnachd LGDT a bhith coinneachadh ri chèile.

    Tha mòran a-nis dhen bheachd gum bi iad ann an cunnart air sgàth ’s gum bi aca ri coinneachadh ann am poblach, far a bhios iad ri fhaicinn leis na teaghlaichean aca, na h-ùghdarrasan agus daoine eile a tha an-aghaidh co-sheòrsachd.

  • Athchuinge airson pòsadh aon-sheòrsach air a thoirt gu Pàrlamaid na h-Alba

    Chaidh iomairt ùr a chur air bhog ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt gus cead pòsaidh slàn a thoirt do dhaoine LGDT.

    Cuideachd tha an athchuinge ag amas air pòsaidhean diadhaidh a thoirt do chàraidean LGDT.

    Chaidh athchuinge na Pàrlamaid a chur air dòigh leis Amnesty International.

    Thuirt Nick Henderson, Ceannard an lìn: “Tha co-ionannachd a’ ciallachadh gum bu chòir dhan lagh a bhith a’ toirt còirichean dhan a h-uile duine.”

    “A dh’aindeoin na coltasan eadar companasan-catharra agus pòsadh – tha ’sgaraichte ach co-ionann’ co-ionann ri neo-ionannachd.”

    Tha an athchuinge airson an 1977 Marriage (Scotland) Act atharrachadh gus cead pòsaidh a thoirt do chàraidean LGDT. Tha e cuideachd airson an lagh atharrachadh gus am bi seirbheisean diadhaidh ceadaichte òir tha laghan a thaobh companasan-catharra a chur bacadh air seirbheisean mar seo.

    Thuirt Mgr Henderson: “Bu toigh leinn faicinn cothroman aig càraidean LGDT seirbheis diadhaidh a chumail, a bharrachd air companasan-catharra, ma tha e ceadaichte anns a’ bhuidheann diadhaidh.”

    “A thaobh pòsadh aon-sheòrsach, tha sgaradh farsaing eadar bheachdan gach buidheann agus bu chòir do eaglaisean, teampaill agus sionagogan a bhith comasach air càraidean LGDT a phòsadh ma thogras iad.”

    “Tha an Riaghaltas ceàrr le bhith a’ smaointinn gu bheil creideamh agus daoine LGDT neo-chomasach air dol ri chèile, agus cha bu chòir dhan stàit ràdh ma tha aon buidheann diadhaidh ceart agus gu bheil buidhnean eile ceàrr.”