• Clèir Èireannach air bhido ùr Boyzone a chàineadh

    Tha clèir Èireannach air am bhidio-ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.

    Anns a’ bhidio ùr tha Boyzone a’ nochdadh ann an seallaidhean còmhla ri ban-actairean a’ riochdachadh na mnathan aca ach tha Stephen Gately, a tha co-sheòrsach, a’ nochdadh le actair fireannach.

    Thuirt an Clèir Èireannach ris The Sun gu bheil am bhidio a bhios air fhaicinn le muilnean a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach ri daoine òga.

    Ach thuirt Stephen Gately, “Nam bheachd-sa, cha bu chòir do chùis mhòr a bhith a’ dèanamh a-mach à seo.”

    B’ e Boyzone a’ chiad còmhlan-ciùil a chur càraid co-sheòrsach ann am bhidio-ciùil.

    Seo agaibh am bhidio-ciùil airson Better:

  • Cha tèid planaichean airson àrd-sgoil LGDT ann an Chicago air adhart

    Tha luchd-foghlaim ann an Chicago air a ràdh nach tèid planaichean airson sgoil LGDT fhosgladh sa bhaile air adhart.

    Thathar ag ràdh gu bheil luchd-dùbhlain a-nis airson an sgoil fhosgladh gu mion-chodaichean eile seach a bhith airson daoine LGDT a-mhàin.

    “Bha iad airson dèanamh cinnteach gum biodh an sgeama fosgladh a-mach ri clann eile air an iomall air sgàth ’s adhbharan a leithid creideamh, cuideam agus eile,” arsa neach-labhairt ùghdarrasan an sgìre, Michael Vaughn.

    Thuirt luchd-taice an sgeama nach robh iad airson na planaichean a dhol air adhart a-nis air sgàth ’s gun robh iad air a bhith “watered down” agus nach eil iad a’ co-fhreagairt na h-amasan aca tuilleadh.

  • Rionnagan Ameireaganach an-sàs ann an iomairt an-aghaidh cànan oilbheumach

    Chaidh iomairt ùr a chur air bhog anns na Stàitean Aonaichte gus sgoilearan a theagasg mu dheidhinn am buaidh a tha aig cànan oilbheumach air daoine LGDTC.

    Mar phàirt dhen iomairt thèid sanasan ùra fhoillseachadh air 33,000 stèiseanan air feadh na Stàitean a’ toirt a-steach t.bh., radio, pàipearan-naidheachd, irisean agus an t-eadar-lìon.

    Chaidh an iomairt a chur air bhog le GLSEN (The Gay, Lesbian and Straight Education Network) agus The Ad Council.

    Anns na sanasan ùra chìtear suidheachaidhean diofraichte far a bhios cuideigin ag ràdh “that’s so gay” mar a bhios a’ mhòr-chuid de sgoilearan ag ràdh an-diugh. Aig deireadh na sanasan bidh Wanda Sykes neo Hilary Duff ag innse dha na sgoilearean “to knock it off”.

    Tha an iomairt an dùil gum bi deugairean mothachail air am buaidh a tha aig cànan mar seo air sgàth ’s gum bi i oilbheumach ri cuid.

    A bharrachd air na sanasan tha an iomairt air làrach-lìn ùr a chur air bhog aig www.ThinkB4YouSpeak.com agus tha na sanasan ag iarraidh air duine sùil a thoirt air.

    Tha an iomairt a’ buntainn ri foillseachadh de GLSEN’s 2007 National School Climate Survey a tha a’ sealltainn gu bheil 9/10 deugairean LGDTC ag ràdh gu bheil iad air a bhith a’ sàrachadh air sgàth ’s an gnèitheachd aca.

    ‘S e “That’s gay” an abairt as cumanta a chluinneas tu anns na raon-cluiche san là an-diugh ach tha rannsachadh a’ sealltainn nach eil a’ mhòr-chuid eòlach air am buaidh a th’ aig faclan mar seo air daoine eile.

  • AIR ÙRACHADH: Bhòt California, Florida agus Arizona airson casg a chur air pòsadh aon-sheòrsach

    Tha Associated Press ag ràdh gu bheil luchd-bhòtaidh ann an Arizona air bhòtadh airson casg a chur air pòsadh aon-sheòrsach.

    Ged a bha pòsadh aon-sheòrsach mì-laghail ann an Arizona mar thà bha luchd-bhòtaidh airson bun-reachd na stàit atharrachadh gus nach biodh cùirt comasach air seo atharrachadh.

    Chaidh na h-atharrachaidhean aontachadh Dimàirt.

    A bharrachd air muinntir Arizona, bhòt luchd-bhòtaidh ann an California agus Florida air casg air pòsadh aon-sheòrsach an-dè. Chan eil na toraidhean air fhoillseachadh fhathast, ach an-dràsta thathar an dùil gun tèid Proposition 8 aontachadh ann an California.

    AIR ÙRACHADH: Bhòt California, Florida agus Arizona airson casg a chur air pòsadh aon-sheòrsach.

  • 18,000 air phòsadh ann an California ro bhòt Proposition 8

    Tha ionad-rannsachaidh anns na Stàitean Aonaichte air ràdh gu bheil còrr ’s 18,000 daoine air phòsadh ann an California o chionn 17mh dhen t-Òg-mhios 2008 nuair a rinn na h-ùghdarrasan pòsadh aon-sheòrsach na lagh.

    An-diugh bidh luchd-bhòtaidh san stàit a’ bhòtadh air Proposition 8 a tha a’ feuchainn ri casg a chur air pòsadh aon-sheòrsach. Bidh luchd-bhòtaidh ann an Florida agus Arizona a’ bhòtadh air cuideachd.

    Tha còrr ’s $60m (£32m) air a thogail eadar gach taobh dhen deasbad le companaidhean mòra a leithid Apple a thug $100,000 dhan iomairt an-aghaidh Proposition 8 agus Google a thug $140,000 dhan iomairt. Cuideachd tha rionnagan a leithid Brad Pitt agus Steven Spielberg air airgead a thogail. Air an taobh eile tha an Eaglais Chaitligeach agus Eaglais Mhormonach air tòrr airgead a thogail dhan iomairt airson Proposition 8.

    Chaidh cunntas-bheachd fhoillseachadh o chionn ghoirid a’ sealltainn gum bhòt 49% dhe luchd-bhòtaidh an-aghaidh Proposition 8, 44% airson agus nach eil 7% cinnteach.

  • Muinntir Chalifornia gu bhith a’ bhòtadh air Proposition 8 an-diugh

    A bharrachd air taghadh Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, bidh muinntir Chalifornia a’ bhòtadh an-diugh air Proposition 8 an-diugh a tha a’ feuchainn ri casg a chur air pòsadh aon-sheòrsach le bhith ag atharrachadh bun-reachd Chalifornia le earrann ùr ag ràdh gur ann eadar fear agus boireannach a-mhàin a th’ ann am pòsadh.

    Cumaibh sùil air Geidh.uk airson na naidheachdan as ùire air an sgeulachd seo…