• Bhiocair air ràdh gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith stampadh air daoine LGDT

    Tha bhiocair anns An Eaglais Shasannach air ràdh air a’ bhlòg aige gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith air stampadh air daoine LGDT.

    Sgrìobh an t-Urr. Peter Mullen:

    “Bu chòir do dhleastanas a bhith aig daoine co-sheòrsach tatù fhaighinn air an tònan ag ràdh SODOMY CAN SERIOUSLY DAMAGE YOUR HEALTH agus tatù eile air an smigean ag ràdh FELLATIO KILLS.

    Tha na blògaichean air a bhith a’ sguabadh às a-nis.

    “Ged a tha sinn dhen bheachd gum bu chòir do shaorsa labhairt a bhith aig clèir, tha fios againn gu bheil seo oilbheumach agus chan e seo idir idir beachd a th’ aig Sgìre-easbaig Lunnainn,” arsa neach-labhairt an Eaglais.

  • Oileanaich an sas ann an iomairt airson còirichean daonna

    Bidh an iomairt NUS LGBT agus Gay Rights Uganda a’ togail fianais an-aghaidh Riaghaltas Uganda nach eil a’ cur stad air geur-leanmhainn agus cràdh an daoine LGDT san dùthaich.

    Anns na seachdainean mu dheireadh tha Riaghaltas Uganda air gealladh gus laghan nas cruaidhe a chur air chois an-aghaidh daoine LGDT air sgàth ’s gu bheil an tinneas “co-sheòrsachd” air sgaoileadh air feadh Afraga.

    Bidh iad cuideachd a’ togail fianais an-aghaidh Riaghaltas Bhreatainn agus an dòigh sa bhios i a’ làimhseachadh daoine LGDT a tha air tighinn do Bhreatainn airson tèarmann.

    Bidh iad a’ cruthachadh aig Taigh Uganda, Ceàrnag Trafalgar 12f a-màireach, Latha Saorsa Uganda.

  • Gnìomhaichean dòchasach gum faigh iad cead airson caismeachd pròise a chumail san Ruis

    Tha gnìomhaichean Nicolas Alexeyev agus Anna Komarova ann an Tambov, an Ruis, an dùil tagradh a chur a-steach gus caismeachd pròise a chumail sa bhaile.

    Tha gnìomhaichean LGDT sa bhaile air cead fhaighinn mar thà gus fianais a thogail an-aghaidh Riaghladair Oleg Betin an dèidh dha ràdh ann an agallamh, “Tolerance?! To hell! Faggots should be torn apart. And their pieces should be thrown in the wind.

    ‘S e seo a’ chiad turas a riamh gu bheil tachartas LGDT air cead fhaighinn san Ruis.

    Tha iad airson a’ chaismeachd a chumail 18mh Dàmhair ’08 ach tha Mosgo air bacadh a chur air caismeachdan mar thà ann an 2006, 2007 agus 2008.

    Tha ùghdarrasan beachdachadh an tagraidh.

  • Proposition 8 a’ caill taic ann an California

    Tha cunntas-bheachd ùr a’ sealltainn gu bheil Proposition 8 a’ caill taic ann an California.

    Bha briathrachas an tagraidh air a dheasachadh san t-Iuchar

    Mus deach a dheasachadh thuirt an tagradh gun tèid Bun-reachd Chalifornia atharrachadh gus nach biodh ach pòsaidhean eadar fireannach agus boireannach dligheach no aithnichte ann an California ach tha e ag ràdh a-nis gum tèid Bun-reachd Chalifornia atharrachadh gus cur às dhan còir aig càraidean aon-sheòrsach a phòsadh.

    Mus deach a dheasachadh bhòt 42% de dhaoine ann an cunntas-bheachd gum biodh iad a’ bhòtadh airson Proposition 8 agus bhòt 51% na aghaidh.

    Ach tha an cunntas-bheachd ùr a’ sealltainn gun do bhòt 38% air a shon agus 55% na aghaidh.

    Thèid Proposition 8 air beulaibh luchd-bhòtaidh ann an California an ath-mhìos.

  • Mormonaich mì-shoilleir a-thaobh pòsadh aon-sheòrsach

    Tha an Eaglais Mhormonach air bileag fhoillseachadh mu phòsadh aon-sheòrsach.

    Tha am bileag, The Divine Institution of Marriage, a’ tighinn as dèidh dhan Eaglais aithris fhoillseachadh anns an tug iad taic ri Proposition 8, a bhios a’ cur casg air pòsadh aon-sheòrsach ann an California.

    Ach ged a tha na Mormonaich a’ bruidhinn a-mach an-aghaidh pòsadh aon-sheòrsach anns a’ bhileag seo, tha iad ag ràdh nach eil iad an aghaidh còirichean eile do dhaoine LGDT:

    “Chan eil an eaglais an aghaidh còirichean (a tha stèidhichte ann an California mar thà) a leithid cùram slàinte, taigheadas, obair agus oighreachd.”

    Tha Affirmation, buidhean de Mhormonaich LGDT, air am bileag a chàineadh agus a mholadh aig an aon àm.

    Thuirt David Melson, neach-labhairt Affirmation:

    “Is e seo an aithris as daingniche a thaobh còirichean daonna agus sìobhalta bhon eaglais bho chaidh God Loveth His Children a chur a-mach a dh’aithnich nach e tinneas no peacadh a th’ ann an co-sheòrsachd.”

    “Tha sinn a’ moladh misneachd nan ceannardan a thagh an aithris seo a dhèanamh an agaidh na tha an eaglais air a ràdh agus a dhèanamh roimhe agus tha sinn a’ faicinn seo mar cheum deimhinneach.”

    “Bhitheamaid nas toilichte mura robh am bileag air fhoillseachadh aig àm nuair nach robh an Eaglais a’ feuchainn ri còirichean catharra daoine LGDT a thoirt air falbh agus teaghlaichean briseadh bho chèile.”

  • Bile LGDT air gluasad air adhart ann an Astràilia

    Chaidh bile ùr a bhios a’ toirt co-ionannachd do dhaoine LGDT ann an Astràilia aontachadh leis a’ Phàrlamaid.

    A-nis feumaidh an Same-Sex Entitlements Bill dol air beulaibh an t-Seanadh.

    Bidh am bile an dùil leth-bhreith a chur às ann an àiteachan a leithid in-imrich, cìsean, peinnseanan agus cùram do dhaoine aosta.