• Del Martin air bàsachadh

    Chaochail Del Martin, gnìomhaiche leasbach air leth cudromach, aois 87, ann an San Francisco aig dheireadh an Lùnastal.

    ‘S ann anns na 1950an a thoisich i ag obair airson co-ionannachd LGDT.

    B’e The Daughters of Bilitis am buidheann a chuir Del Martin air chois ann an 1955, agus bha i na ball bòrd-stiùiridh NOW (Buidheann Nàiseanta Bhan / National Organization of Women) anns na 70an far an do thog i cuspairean leasbach.

    ‘S ann anns an t-Òg-mhios 2008 an San Francisco a phòs i a cèile, Phyllis Lyon, gu laghail air bheulaibh Mayor Gavin Newsome. Bha Del agus Phyllis còmhla ri chèile fad 55 bliadhna.

    Rinn an Àrd-chùirt Chalifornia pòsadh aon-sheòrsach laghail air an 15mh den Cèitean 2008 agus dh’atharraich an lagh fhèin 30 làithean as dèidh sin.

    Phòs mìltean de dhuine LGDT an sin, agus bu mhath leinn taing mhòr a thoirt do Dhel Martin.

  • Ceannard LGDT ga mhurt ann am Baghdad

    Chaidh ceannard LGDT a mhurt ann am Baghdad, Ioràc an-dè.

    Tha an gnìomhaiche LGDT, Peter Tatchell, ag aithris gun deach Bashar, 27, a spreidheadh le peilearan nuair a bhrìs milisi a-steach dhan bhùth-borbair far an robh e.

    Bha Bashar na oileanach a chur taighean sàbhailte air dòigh dha dhaoine LGDT ann am Baghdad a tha air an sealg agus am marbhadh le milisidhean.

    Thuirt Mgr Tatchell gur e “daoine òg coibhneil, fialaidh agus gaisgeil a bh’ ann – fìor ghaisgeach a chuir a bheatha air an loidhne gus beatha dhaoine eile a shàbhaladh”.

    Tha aithris a chaidh a dh’fhoillseachadh ann an 2007 leis an UN a’ cur cudrom air ionnsaighean far am bi milisidhean, fo smachd clèirich, a’ toirt daoine LGDT gu cùirt agus an uair sin gan cur gu bàs.

    Ged nach eil co-sheòrsachd mì-laghail ann an Ioràc, tha tòrr laghan ann airson bacadh a chur air daoine LGDT a leithid laghan an aghaidh màirnealachd, mì-chuibheasachd, agus sgaoileadh de thinneasan.