• Deuchainnean HIV saor an-asgaidh taobh a-staigh 15 mionaid

    Tha clionaig ann am meadhan a’ choimhearsnachd LGDT ann an Lunnainn a’ toirt seachad deuchainnean airson HIV do dhaoine co-sheòrsach saor an-asgaidh agus tha toraidhean ri fhaotainn taobh a-staigh 15 mionaid.

    A bharrachd air seo tha Sorted Soho a’ toirt seachad banachdaich an-aghaidh Hepatitis B.

    A-rèir nan figearan oifigeil bidh Hepatitis B air aon dhuine co-sheòrsach anns gach triùir mus ruigidh iad 35 bliadhna a dh’aois.

    A thaobh HIV tha iad ag ràdh gu bheil fichead sa cheud air deuchainnean airson HIV fhaighinn ro anmoch. Cuideachd tha iad ag ràdh gu bheil an tinneas air deichnear sa cheud ann an Lunnainn agus nach eil fios aig an treas cuid dhiubh.

    Tha Buidheann Dìon na Slàinte (HPA) agus Comann HIV na Bhreatainn ag ràdh gum bu chòir do co-ghnèithich deuchainn airson HIV fhaighinn co-dhiù gach bliadhna.

    Tha an seirbheisean ri fhaotainn gach Dimàirt agus Diciadain eadar 17:30 agus 20:00 aig Sorted Soho, Ionad Slàinte Soho, Lunnainn, W1 agus gach Dihaoine eadar 17:30 agus 20:00 aig Clash, 020 7734 1794.

  • Bile ùr a’ brosnachadh co-ionannachd do dhaoine LGDT

    Thèid bile ùr a bhios a’ brosnachadh co-ionannachd do dhaoine LGDT ainmeachadh gu h-oifigeil leis a’ Bhanrigh anns an òraid aice san t-Samhain.

    Thathar an dùil gun tèid am bile tron a’ Phàrlamaid tràth ann an 2009 agus gun tèid a dhèanamh na lagh ron t-samhradh.

    An-dràsta tha laghan ann, a leithid Sexual Orientation Regulations, a tha a’ dìon daoine co-sheòrsach bho leth-bhreith a thaobh seirbheisean agus bathar, ach chan eil dad ann fhathast a tha a’ brosnachadh co-ionannachd do dhaoine LGDT san fharsaingeachd agus mar sin tha a’ mhòr-chuid fhathast an dùil ri leth-bhreith nuair a tha iad a’ cleachdadh seirbheisean poblach.

    Thar na 18 mìosan a tha romhainn tha Stonewall ag ràdh gum bi iad a’ coiteachadh na Pàrlamaid gus dèanamh cinnteach gum bi am bile cho farsaing ’s a ’s urrainn dha bhith gus seirbheisean nas fheàrr chruthachadh dhan 3.6 millean daoine LGDT a tha a’ fuireach ann am Breatainn.

  • Buidheann Ameireaganach a’ toirt dòchas ùr do fhireannaich le HIV

    Tha fireannaich HIV+ anns na Stàitean Aonaichte a’ cur dòchas anns a’ bhuidheann Growing Generations a tha ag ràdh gum faod iad a bhith nam pàrantan.

    Tha am buidheann ag ràdh gu bheil an teicneòlas againn a-nis airson sìol-ghinidh a chur gu deuchainn airson HIV agus gum faod iad surrogates agus donor eggs a chleachdadh gus teaghlaichean bith-eòlasach a thoirt do dh’fhireannaich HIV+.

    “Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil saidheans agus an lagh a’ tighinn ri chèile gus freagairt reusanta agus sàbhailte dhan chuspair seo ruigsinn,” ars Gail Taylor, Ceann-suidhe Growing Genereations.

    Gu ruige seo tha Growing Generations ag obair còmhla ri còignear aig a bheil HIV agus tha iad an dùil ri barrachd fhad ’s a tha daoine a’ fàs eòlach air an t-seirbheis.

  • Fèis-pròise Lunnainn air iris ùr fhoillseachadh

    Tha Fèis-pròise Lunnainn air iris ùr fhoillseachadh an còis an caismeachd fhèin leis an dùil barrachd daoine a tharraing ris an tachartas am-bliadhna.

    Thuirt Emma Hands, Iar-chathraiche Fèis-pròise Lunnainn, gu bheil an iris uabhasach cudromach dhan bhuidheann.

    “Tha i a’ solarachadh teachd-a-steach luachmhor dhan charthannas againn le bhith a’ reic sanasan, ach a bharrachd air seo tha i a’ toirt cothrom dhuinn ar obair brosnachadh agus soillseachadh.”

    Thèid an iris sgaoileadh saor an-asgaidh ann an bàraichean, clubaichean, bùthan agus leabharlannan ann an Lunnainn.